FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Peggy Hill’s rock buns Na ‘bonnaich creige’ aig Peigi Hill

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na ‘bonnaich creige’ aig Peigi Hill

[Màiri] Tha iad sgoinneil le cupa tì, na rock cakes, nach eil?

[Peigi] Ò tha iad math. B’ àbhaist dha mo mhàthair a bhith gan dèanamh nuair a bha sinn beag bìodach mar siud, bha. Feuchaidh sinn an-diugh iad.

[Màiri] Right so dè tha sibh a’ dol a chur ann ma-thà?

[Peigi] Tha mi a’ dol a chur ann leth-phunnd flùir.

[Màiri] Flùr self-raising?

[Peigi] ’S e.

[Peigi] Ochd unnsaichean flùir agus tha mi a’ cur trì unnsaichean ime ann agus ga shuathadh a-staigh mar gum biodh tu a’ dèanamh aran.

[Màiri] Mar sin ’s e seo rud a chunnaic sibh ur màthair fhèin a’ dèanamh.

[Peigi] Ò ’s e. Bhiodh i ga dhèanamh gu math tric, bhitheadh.

[Màiri] So tha an t-ìm ’s am flùr a-nis a’ tighinn còmhla.

[Peigi] An t-ìm ’s am flùr a’ tighinn còmhla a-nis. Bheir seo greiseag bheag, fhios agad, gus am faigh thu breadcrumbs. Nis, cuiridh mi siùcar ann.

[Màiri] Dè na tha sin de shiùcar?

[Peigi] Dà unnsa agus trì unnsaichean rèiseidean. Dìreach beagan mar siud. An uair sin a’ cur ugh ann. Drùthag bhainne.

[Màiri] Dè tha sin? ’S dòcha cairteal a phint bainne agus aon ugh?

[Peigi] Aon ugh ’s e. Chan eil e math dha a bhith uabhasach tana. Cuiridh mi dìreach rud beag eile ann ’s dòcha.

[Màiri] Tha cuimhne a’m air mo sheanmhair fhèin an-còmhnaidh a’ dèanamh rock cakes.

[Peigi] Am biodh?

[Màiri] Batch rock cakes, cha mhaireadh iad fada.

[Peigi] Cha mhair iad tiotan.

[Màiri] Tha thu a’ cur làn spàine den taois air clàr bèicearachd air an deach suathachadh ime. Chan fhiach feuchainn ri bhith grinn ach dìreach na cnapan a ghlacadh air a’ chlàr. Tha bonnaich creige a’ toirt an ainm bho an coltas, chan ann bho am blas.

[Peigi] Nis, cuiridh mi dhan àmhainn iad airson deich mionaidean.

[Màiri] Deich mionaidean.

[Peigi] Aig one ninety fan.

[Màiri] Coimhead air sin.

[Peigi] Tha iad a’ coimhead glè mhath, nach eil?

[Màiri] Sgoinneil. Tha am fàileadh math cuideachd. Feuchaidh sinn pìos ma-thà.

[Peigi] Siuthad thusa, a Mhàiri. Geàrr thusa sin a-nis. A bheil thu a’ dol ga fheuchainn le jam. ’S dòcha nach còrd e riutsa leis an jam.

[Màiri] Feuchaidh sinn co-dhiù e.

[Peigi] Feuch e co-dhiù.

[Màiri] Cha do dh’fheuch mi a-riamh le jam e.

[Peigi] Nach do dh’fheuch?

[Màiri] Sin sibh.

[Peigi] An toigh leat sin?

[Màiri] Math leis an jam.

[Peigi] Tha!

[Màiri] Deagh idea.

[Peigi] Tha fhios a’m. Tha e math le jam agus ìm. Tha e even nas fheàrr, ach tha e math gun teagamh le jam.

[Màiri] Tha iad math fhèin.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!