FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The hens have a predator Tha sealgair aig na cearcan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Tha sealgair aig na cearcan

[Sweeny] Nuair a thòisich mi a’ bruidhinn air taigh-chearc a thogail ’s còrr air trì ceud cearc fhaighinn airson uighean a reic gu bùithtean Leòdhais, bha beachd aig a h-uile duine mu dheidhinn. An-diugh tha na cearcan agam a’ breith còrr air dà mhìle ugh gach seachdain ach, airson an fhìrinn innse’, chan eil gu leòr ann an sin a chumas ris an iarrtas a tha a’ tighinn bho na bùithtean. ’S dòcha gun robh daoine ann a bha a’ smaoineachadh gun robh mi às mo chiall ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi air sealltainn gun robh mi ceart.

[Sweeny] Aig an ìre-sa tha na h-uighean nam pàirt mhòr den teachd a-steach agam. Ach, an t-seachdain-sa chaidh thachair rudeigin a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air seo.

[Sweeny] Gu mì-fhortanach chaidh còrr air còig deug de na cearcan agam a mharbhadh le beathach air choreigin tron oidhche.

[Sweeny] Chan e gun deach am marbhadh ann an dòigh ’s gun robh iad a’ fulang ach tha seo na chall mhòr dhan ghnìomhachas agam cuideachd.

[Sweeny] Tha a h-uile ugh a chailleas mi a’ toirt buaidh air an t-suim a gheibh mi aig deireadh an latha.

[Sweeny] So rud a tha mi air a dhèanamh, tha mi air na traps a tha seo fhaighinn agus an cur dhan taigh-chearc. Tha a dhà a-staigh am broinn an taigh-chearc ’s tha aon a-muigh so mur h-eil iad seo ag obair ... ’S e cat food a bh’ agam ann. Feumaidh mi seo a lìonadh a-rithist. Chan eil seo a’ marbhadh beathach a thig ann so can nan tigeadh an cat agam fhìn a-steach ann cha deigheadh a mharbhadh. Cha mhòr gum fiotadh an cat agamsa a-staigh ann ach tha iad a’ dol a-steach, bidh thu a’ cur biadh air choreigin aig a’ cheann-sa, bidh iad a’ tighinn a-steach agus an uair sin nuair a thig rud beag cuideam air seo tha e a’ dùnadh mar sin. ’S tha e glaiste a-staigh ann an sin agus chan fhaigh e a-mach so sin na... Tha mi an dòchas gun glac, gun glac iad seo rudeigin.

[Sweeny] Ann an suidheachadh mar seo feumaidh tu nas urrainn dhut fheuchainn.

[Sweeny] So seo rud eile a th’ agam. Cheannaich mi seo an-uiridh. Camara beag mar seo, infrared, motion activated, a h-uile càil a tha sin. So tha e ceangailte ris an seo, dìreach dh’fhàg mi an seo a-raoir e ach cha d’ fhuair e càil agus sheat mi an àird a-rithist e agus chì mi a bheil càil ann. Tha mi an dòchas gum faic mi rudeigin ach, uill, ann an dòigh tha mi an dòchas gum faic mi rudeigin ach ann an dòigh eile tha mi an dòchas nach fhaic mi rudeigin. Chì sinn dè thachras co-dhiù ’s chì sinn am faic seo càil.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!