FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Welcoming Sandra Murray Fàilte air Sandra Mhoireach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Fàilte air Sandra Mhoireach

[Dòmhnall] Sandra Mhoireach MBE, dealbhadair aodaich eadar-nàiseanta a tha a’ roinn a tìde eadar a dachaigh ann an Inbhir Nis agus ionadan mòra an fhasain ann an New York, Lunnainn agus Paris, agus a tha ainmeil airson trusgan na Bànrigh a dhealbhachadh aig fosgladh oifigeil Pàrlamaid na h-Alba. Sandra, fàilte oirbh.

[Sandra] Fàilte.

[Dòmhnall] Tha an seanfhacal ag ràdh “’s fheàrr a bhith a dhìth a’ chinn no a bhith a dhìth an fhasain”, ach chan eil sibhse a’ gabhail ri gur e fasan mar sin an dreuchd agaibh ann, a bheil?

[Sandra] Chan e. Tha mi a’ smaoineachadh ’s ann a tha mise an sàs ann an obair ealain air fad. ’S e peantadh ’s e sin a studaig mi ann an Glaschu anns an sgoil ealain agus chan eil bùth aodaich agam ’s cha bhi mi an sàs anns na, mar gun canadh tu, na seasonally changing collections. Chan eil mi an sàs ann an càil den t-seòrsa , ach tha ùidh agam. ’S e dìreach, ’s e aodach, can, am medium a th’ agam, dìreach mar gum biodh cuideigin eile le deilbh no peantaidhean no sculpture.

[Dòmhnall] Uill mur e tè fasain a th’ annad, dè th’ annad ma-thà?

[Sandra] Artisan chanainn air sgàth ’s gu bheil mi a’ dèanamh na h-obrach bhon toiseach gus an tèid e air druim a’ bhoireannaich. Agus ach seach gu bheil ùidh agam ann an rudan ann an roinn ealain air fad tha sin, tha e mar gum biodh, affectadh a h-uile càil anns a bheil mi an sàs.

[Dòmhnall] A bheil fasan idir a’ tighinn a-steach air an obair ge-tà?

[Sandra] Ò tha, tha. Tha mi a’ smaoineachainn tha cumadh boireannaich agus na rudan snasail ’s accessories tha rudan co-cheangailte ri, ris an aodach ach chan e fashion slave, can, a th’ annam.

[Dòmhnall] Seadh.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!