FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Welcoming Angela and Ryno A' cur fàilte air Angela agus Ryno

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

A' cur fàilte air Angela agus Ryno

[Ùisdean MacIllFhinnein] Fàilte oirbh bhuamsa Ùisdean MacIllFhinnein a-rithist gu Aibisidh agus mi a’ feuchainn ri còrdadh a chumail eadar dà sgioba de shàr-fhaclairean. Dà sgioba de dh’ eòlaichean is a’ strì feuch cò as eòlaiche air toinneamhan agus tòisichean briathrachas na Gàidhlig. Tha na sgiobaidhean a’ cumail a-mach gu bheil iad fìor eòlach air faclairean leithid Dwelly agus leabhraichean foghlamaichte eile. Chì sinn. Dh'fhaodadh nach bi mi fhèin is tu fhèin, no sibh fhèin gu dearbha, càil nas eòlaiche aig deireadh an t-sreath, ach bidh sinn beò agus an dòchas gun toir iad gàire oirbh agus gun glac sibh facal no abairt no fiosrachadh as ùr anns an dol seachad.

[Ùisdean MacIllFhinnein] Chun nan sgiobaidhean ma-thà! Agus air mo làimh chlì, sgiobair Iain Mac ‘ille Mhìcheil. Rugadh agus thogadh Iain ann an Ìle far nach cuala e facal Beurla gus an robh e faisg air sia bliadhna a dh'aois.

[Iain Mac’IlleMhìcheil] Gu dearbh, cha chuala.

[Ùisdean MacIllFhinnein] Bha ùidh mhòr aige riamh ann am faclan ùra ged nach b’ e an fheadhainn a b’ fheàrr a bha e a’ togail. Agus e mas fhìor co-dhiù a’ cuideachadh timcheall na bàthcha air oighreachd Ìle còmhla ri sheanair. Cha robh sin a’ cur bacadh sam bith air bho bhith gan cleachdadh ann an suidhichidhean a bha gu math mì-fhreagarrach agus a’ faighinn dhroch chronachadh air an tàilleibh. Tha failte oirbh, Iain.

[Iain Mac’IlleMhìcheil] Nuair a bha sin fasanta. Ach, tha mise a’ dol a thoirt bacadh ortsa an-dràsta. Bha thu gar maslachadh Màiri-Anna ’s mi fhìn ri chèile air an turas mu dheireadh le bhith sealltainn seann dhealbhan dhìom. Uill, tha sinn air a bhith a’ sporghail agus a’ rùrachadh agus tha dealbh againne, seall, shaoileadh sibh gur e Woody Allen a th’ ann, ach chan e! ’S e dìreach Ùisdean nuair a bha e na oileanach.

[Ùisdean MacIllFhinnein] Chan e… sin dh'fheumainn a ràdh, tha mi ag aideachadh gur e sin a’ chiad bhliadhna a thàinig mi a dh' obair dhan BhBC - agus tapadh leat Iain airson seacaid a thoirt dhomh air an dearbh latha…

[Iain MacIllFhinnein] Cuin a bha sin a-nise?

[Ùisdean MacIllFhinnein] Ò, ò ’s fhada on uair sin… ’S fhada on a chosg mi an seacaid. Co-dhiù, còmhla ri Iain an turas seo tha Angela NicEachainn. Nuair a thig e gu bhith sgrìobhadh eachdraidh thruagh na Gàidhlig tha an ath-thè gu bhith gu math ainmeil. Angela NicEachainn a tha an-diugh a’ fuireach ann an Dùn Èideann, far an deach i dhan oilthigh agus tha i a-nise ag obair na h-oifigear leasachaidh Gàidhlig. ’S e tha ga fàgail eachdraidheil, tha mi cinnteach, ann an craoladh, gun robh i a’ leughadh nan naidheachdan fiù ’s mus robh Màiri-Anna NicDhòmhnaill. Gu dearbh, ach nuair a dh'fhàg Angela aon dreuchd a bh’ aice, fhuair Màiri-Anna an cothrom a dhol air cùlaibh maicreafòn. Tha Angela air a bhith an sàs ann an iomadach dreuchd craolaidh thar nam bliadhnaichean agus tha i air a bhith a’ craoladh air feadh an t-saoghail. Angela, dè thug thu seo? Gu sealladh orm!

[Angela NicEachainn] Cha robh an còrr agam ri dhèanamh, ’s e a rud a bh’ ann an-diugh, feasgar an-diugh bha mi ag ràdh rium fhìn, tha e ceart cho math dhomh. Chuala mi cò bha dol a bhith ann, ’s bha mi “Hmm, OK. Thig mi ann.”

[Ùisdean MacIllFhinnein] Uill, tha sinn toilichte gun tàinig thu. Agus air mo làimh dheis, bana-Bheàrnarach, Màiri-Anna NicDhòmhnaill. Greis a-nis bhon a chuir Màiri-Anna is mi fhèin eòlas air a chèile, ’s thuig mi gu bheil a cuid foghlaim le faclan agus briathrachas co-cheangailte ris na bha i ag ithe a’ chiad char dhen latha. Dh'fheuch mi fhèin an aon rud agus dh’ fhailich e orm. Còmhla ri buntàta a’ Phrionnsa Theàrlaich, ’s i as ainmeile riamh a thàinig à Bheàrnaraigh na Hearadh. Ciamar a tha fighe a’ dol?

[Màiri-Anna NicDhòmhnaill] Fighe? Bha mi a’ smaoineachadh gun robh thu a’ dol a chur ceist orm mun bhuntàta! Bha mi dìreach deiseil gus rudan innse dhut mu dheidhinn, mu dheidhinn “Kerrs Pinks” agus “Sharpes Express” agus cha tug thu dhomh an cothrom.

[Ùisdean MacIllFhinnein] Uill, fàgaidh sinn na buntàta anns an talamh, tha mi a’ smaoineachadh. Còmhla ri Màiri-Anna airson taic a chumail rithe, tha Dòmhnall “Ryno” Moireasdan. ’S e Niseach, gu barail a’ bhrògan, a th’ ann an Ryno. Tha an sgioba rannsachaidh agam ag innse dhomh nach eil Rhino eile, beag no mòr, dubh, geal no liath, anns an t-saoghal a bhruidhneas Gàidhlig, ach e fhèin. Bha e air a thogail ann am baile Adabroic, baile a bh’ air a bheannachadh le deagh obair agus deagh bhothain. Nuair a bha Ryno na dheugaire, bha obair pàirt-ùine aige mar chù-chaorach do bhràthair a mhàthar. ’S tha nise gràin a’ mhuncaidh aige air caoraich, ach a-mhàin nuair a tha iad anns a’ bhrot. Eil thu fhathast ag ithe brot, a Dhòmhnaill?

[Dòmhnall “Ryno” Moireasdan] Tha, tha, tha… ach, chan eil mi èasgaidh na mo chù. Dh'òl mi cus dhen bhrot.

[Ùisdean MacIllFhinnein] Cha robh thu a’ gabhail cus comhairle an uair sin na bu mhotha?

[Dòmhnall “Ryno” Moireasdan] Cha robh, woof!

[Ùisdean MacIllFhinnein] Sin agaibh Dòmhnall is Màiri-Anna.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!