FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Preparing for work experience fuine_s1_ep04_01

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

fuine_s1_ep04_01

[Preseantair] Le uallach nan deuchainnean seachad tha cothrom aig na h-oileanaich agus an luchd-teagaisg tighinn còmhla airson an turas mu dheireadh sa bhliadhna aig seirbheis dùnaidh an t-seminary.

[Duine] It’s a real joy to see everyone this evening and I want to on behalf of all of the staff here at Edinburgh Theological Seminary, I want to extend a very, very warm welcome to…

[Preseantair] Tha oileanaich na bliadhna mu dheireadh a’ guidhe soraidh slàn don t-seminary mus tèid na duaisean a thoirt seachad do na h-oileanaich as soirbheachaile anns na diofar chuspairean.

[Duine] The winner of the Principal MacLeod Memorial Prize for Practical Theology 1, Innes MacSween.

[Preseantair] Agus chan eil Pòl fad às a dhèidh.

[Duine] For the first time in several years, we have the winner of McCulloch Hope Essay Prize, Mr Paul Murray.

[An t-Urr. Ìomhar Màrtainn] Tha bliadhna a-nis bho dh’atharraich an Àrd-Sheanadh an ainm agus chan eil sin a’ ciallachadh gu bheil sinn a’ dèanamh rudeigin eadar-dhealaichte bho bha sinn a’ dèanamh. Tha sinne a’ teagaisg an aon rud a bha sinn a’ teagaisg, a bha a’ cholaiste a’ teagasg, bho chionn bhliadhnaichean. Tha barrachd students againn. Tha barrachd foghlamaich againn agus tha barrachd a’ cur a-steach airson thighinn. Eadhon an-diugh fhèin tha sinn a’ faicinn barrachd ag iarraidh tighinn a-steach agus tha sinn air ar misneachadh le sin.

[Preseantair] Le clasaichean seachad agus mus tèid na balaich air greisean-gnìomhachais samhraidh ann an diofar choitheanalan , tha cruinneachadh bliadhnail Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire a’ gabhail àite ann an Dùn Èideann.

[Preseantair] Leis gu bheil Marc na èildear tha e a’ frithealadh nan deasbadan gu h-oifigeil mar choimiseanair. Ach a-muigh, tha dleastanas cudromach air na balaich eile cuideachd agus iad a’ cur fàilte air daoine aig an doras.

[Iain] Tha sinn a’ cur eòlas air èildearan ’s ministearan ’s coitheanalan air nach eil sinne eòlach agus tha iadsan a’ faighinn eòlas oirnne cuideachd mar oileanaich ’s mar dhaoine ann am bliadhna no dhà eile bidh sinne a-muigh mar mhinistearan agus bidh fhios aca cò th’ annainn ’s cò ris a tha sinn coltach.

[Preseantair] ’S e Pòl agus Innes a th’ aig na dorsan feasgar ach le maille ga chur air Innes ’s e Pòl a tha a’ dèiligeadh ris an t-sluagh.

[Preseantair] Ach càite a bheil Innes?

[Pòl] Uill chuir e teacs’ thugam bho chionn mu uair a thìde a chantainn gum biodh e an seo ro dhà uair. Tha an cloc agams’, tha an watch agam air stad.

[Pòl] Sin am bell airson a’ mhodaràtair, dìreach a’ cantainn riuth’ gum feum iad a dhol a-steach ann an còig mionaidean no mar sin. Tha e a’ dol a dhèanamh private session an-dràsta so chan fhaod duine sam bith a thighinn a-steach. Feumaidh sinn na dorsan a dhùnadh.

[Preseantair] Tha Innes air nochdadh.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!