FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Make Norma Ferguson’s cupcakes Na Bonnaich-cupa aig Norma NicFhearghais

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na Bonnaich-cupa aig Norma NicFhearghais

[Màiri] Tha mi air tighinn a Bharraigh far a bheil Norma NicFhearghais a’ dol a shealltainn dhomh a’ chiad seòrsa cèic a rinn i a-riamh.

[Màiri] Feumaidh tu siùcar an toiseach.

[Norma] ’S e.

[Màiri] Dè na th’ agad a dh’ìm ann an sin?

[Norma] Umm sia.

[Màiri] Unnsaichean.

[Norma] Agus sia de shiùcar cuideachd.

[Màiri] Agus tha seo ga mheasgachadh còmhla an toiseach.

[Màiri] Dè a-nis?

[Norma] Umm na h-uighean.

[Màiri] Trì uighean?

[Norma] Trì uighean, ’s e, agus sia de fhlùr cuideachd.

[Màiri] Sia unnsaichean flùir self-raising.

[Norma] ’S e.

[Màiri] Tha e gu math sìmplidh, nach eil?

[Norma] Tha.

[Màiri] Agus tha na bonnaich phlain a tha seo a’ còrdadh ris a h-uile duine?

[Norma] Tha, tha mi a’ smaointinn, tha mi an dòchas.

[Màiri] Agus clann bheaga cuideachd.

[Norma] Ò tha. Tha mi a’ dol ga mhixeadh a-rithist.

[Màiri] Tha a h-uile sìon sa bhobhla agus tha Norma a-nis ga chur mun chuairt dìreach aon uair eile.

[Màiri] Cuin a thòiseach thu air bèicearachd an toiseach Norma?

[Norma] Umm ’s dòcha trì bliadhnaichean.

[Màiri] Bha thu ga math òg ma-thà.

[Norma] Bha.

[Màiri] Agus an e mamaidh a thug ort tòiseachadh?

[Norma] ’S e.

[Màiri] A bheil seo deiseil a-nis?

[Norma] Tha, airson a chur am broinn...

[Màiri] Tha a h-uile sìon air tighinn còmhla agus a-nis ga chur dhan tiona.

[Norma] Tha.

[Màiri] Agus tha thu a’ lìonadh ’s dòcha gach case gus a bheil iad letheach-làn, ma-thà?

[Norma] Tha.

[Màiri] Agus chan fheum iad fada san àmhainn, am feum?

[Norma] Chan fheum, ’s dòcha deich no còig deug.

[Màiri] Agus an uair sin dè tha thu a’ dol a chur orra às dèidh làimhe?

[Norma] ’S dòcha teòclaid agus hundreds and millions. Tha mi dìreach a’ dol a chur am broinn na h-àmhainn iad.

[Màiri] Glè mhath ma thà.

[Màiri] Cha bhi na bonnaich ach deich mionaidean no cairteal na h-uaireach aig teas ceud ’s ceithir fichead ann an àmhainn àbhaisteach.

[Màiri] ’S ann nuair a bhios iad deiseil a thòisicheas an spòrs.

[Màiri] Abair gu bheil iad a’ coimhead milis a-nis.

[Norma] Tha.

[Màiri] Tha Norma a’ cur deagh chòmhdach teòclaid is ime orra agus crathadh de mhìrean siùcair.

[Norma] Tha iad glè mhath.

[Màiri] Tha iad milis.

[Norma] Tha.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!