FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ruairidh MacLean’s faith Creideamh Ruairidh MhicIlleathain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Creideamh Ruairidh MhicIlleathain

[Ruairidh MacIlleathain] Chaidh mise a thogail ann an Glaschu, ann an Ibrox, agus bha sinn a’ dol dhan Eaglais Shaoir ann am Baile a’ Ghobhainn agus tha cuimhneachain gu math cùbhraidh agam air an eaglais ann an sin. Bha deagh theagaisg againn. Tha cuimhne agam cuideachd air a’ chiad dùsgadh spioradail a bh’ agam. B’ anns an eaglais a thachair e. Dheàlraich solas a-staigh gu mo chridhe agus chunnaic mi cho soilleir ’s a ghabhas an dèidh na beatha seo gun robh sgaradh a’ dol a bhith ann.

[Ruairidh MacIlleathain] Dh’fhàg mi an sgoil agus chaidh mi dhan oilthigh agus rinn mi Beurla ’s psychology ’s feallsanachd mhoralta. Thòisich mi a’ smaoineachadh an uair sin uill carson a tha mise a’ creidsinn nan rudan a tha mise a’ creidsinn? An e dìreach tachartas a bh’ ann gun robh mise air mo bhreith a-staigh gu teaghlach a bha a’ creidsinn ? Bha iad a’ dol dhan eaglais agus an Eaglais Shaor. Nan robh mise air a bhith air mo bhreith ann an Afraga no Ameireaga cò bhiodh annam? Bha mi a’ sireadh. Agus an uair sin thachair mi ri mo bhean agus chaidh ise iompachadh agus an uair sin chaidh mi gu Cnoc Iòrdain ’s chaidh mo bhean ’s mi fhìn a dh’obair ann an Tiriodh. Bha dà eaglais ann an Tiriodh, an Eaglais Bhaisteach agus Eaglais Stèidhichte. A’ chiad turas a chaidh sinn dhan Eaglais Bhaisteach às dèidh dhuinn gluasad a Thiriodh san Iuchar dh’ainmich am ministear baisteadh. Niste, bha mi air a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn ’s tha cuimhne agam nuair a bha mi air mo bhaisteadh nuair a bha mi beag oir bha mi trì bliadhna a dh’aois. Bha mi riamh a’ smaoineachadh carson a chaidh sin a dhèanamh orm ’s dè a’ chiall a bh’ aige? Agus uill dh’ainmich am ministear, you know, mas e Crìosdaidh a th’ annad bu chòir dhut a bhith air do bhaisteadh agus tha e soilleir bho na sgriobtaran gum feumadh tu a bhith air do bhaisteadh ma bha thu ag aideachadh Crìosd. Agus chaidh mise suas agus bhruidhinn mi ris – “bu toigh leam a bhith air mo bhaisteadh” - agus thuirt mo bhean an aon rud agus bha sinn a’ smaoineachadh gum biodh baptistry aca, gum biodh e san eaglais agus bha sin ceart gu leòr ach thuirt e “uill tha sinn a’ baisteadh anns an abhainn faisg air an taigh agad” agus thuirt mi “ò uill glè mhath”. So thachair sin. Thàinig sluagh mòr a-mach ’s rinn sinn, bha sin math.

[Ruairidh MacIlleathain] Tha e cunnartach a bhith a’ rannsachadh. Uabhasach cunnartach. Dè tha ceart? Dè tha ceàrr? Ach ma tha thu airson gluasad air adhart san Fhìrinn agus barrachd a thuigsinn tha e a’ dol a bhith goirt, agus tha e goirt a bhith a’ sireadh na Fìrinn. Ach an trioblaid a th’ ann, dh’fhaodadh tu a bhith a’ dèanamh rudan ’s tu a’ smaoineachadh gu bheil e ceart agus tha e ceàrr. Tha sinn cho beag-tuigsinn.

[Ruairidh MacIlleathain] Fhuair mi cothrom a dhol a Ghlaschu agus thòisich mi a’ dol dhan Talla Shoisgeulach an uair sin agus chòrd sin rium. Bha mi a’ faireachdainn gun robh iad a’ feuchainn ris na sgriobtaran a choileanadh agus a bhith cho faisg agus ’s urrainn. Bha rud no dhà ann cuideachd nach robh mi a’ tuigsinn. Chanainn ri daoine “carson nach eil sibh a’ seinn nan salm?”. Bha iad caran an-fhoiseil mu dheidhinn agus ... ach airson rudan eile bha farsaingeachd ann a thaobh, mar a bha mise ga fhaicinn, a thaobh nan sgriobtaran ’s chòrd e rium a bhith ann.

[Ruairidh MacIlleathain] Chan eil ’s dòcha aon eaglais ann a tha “ceart” mar sin. Tha pìosan den Fhìrinn aig a h-uile h-eaglais. ’S dòcha gu bheil barrachd aig feadhainn na th’ aig feadhainn eile agus an uair sin nuair a tha thu a’ cur a-staigh dhan mhix, mar gum biodh, càirdeas, comann, an seòrsa dhaoine ris a bheil thu a’ coinneachadh. Tha e uabhasach doirbh uaireannan obrachadh a-mach càite am bu chòir dhut a bhith.

[Ruairidh MacIlleathain] Thàinig sinn a Steòrnabhagh. Thàinig mi ann an seo a chionn ’s gun robh mi a’ creidsinn gun robh an Tighearna gar stiùireadh. Uill tha cùisean an-dràsta, tha mo bhean ’s mi fhìn dìreach a’ coinneachadh aig an taigh agus bidh sinn a’ seinn nan salm ’s bidh sinn a’ leughadh a-mach às a’ Bhìoball ’s bidh mi fhìn a’ toirt teachdaireachd seachad agus bidh sinn a’ briseadh arain. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin, rud a tha air iarraidh oirnn mar Chrìosdaidhean a bhith a’ cuimhneachadh air bàs Chrìosd. Chan eil cothrom agam coinneachadh ann an eaglais an-dràsta agus tha mi an dòchas gun atharraich sin agus gum faigh sinn comann còmhla ri Crìosdaidhean eile.

[Ruairidh MacIlleathain] Tha Dia a’ gealltainn far a bheil dithis no triùir a’ cruinneachadh Na ainm gum bi Esan nam measg. Tha E a’ toirt dùbhlan dhut a bhith a’ cur do chuideam air Dia agus gun a bhith a’ coimhead ri duine eile airson cuideachadh agus aig deireadh an latha ma tha do neart no do shlàinte ann an daoine, brisidh sin agus tha mi glè chinnteach gu bheil Dia ag iarraidh air a h-uile Crìosdaidh an leasan sin ionnsachadh – gum feum sinn ar dòchas agus ar creideamh a chur Annsan agus chan ann ann an daoine. Ged a tha sinn a’ coinneachadh air an talamh tha ar n-adhradh a’ dol suas gu h-àrd agus chan eil e gu diofar càite am bi thu a’ coinneachadh. Chan fheum thu a bhith a’ coinneachadh ann an cathedral no cathair-eaglais no togalach mòr, brèagha. Rùm. Seòmar. Sin, tha tòrr air a bhith a’ coinneachadh ann an àiteachan gu math iongantach ach tha iad ag ràdh gun robh Dia còmhla riutha so ann an dòigh chan eil e gu diofar càite am bi thu a’ coinneachadh cho fad ’s gum bi thu a’ coinneachadh ann an ainm an Tighearna.

[Ruairidh MacIlleathain] Tha creideamh cudromach agus tha mi taingeil gu bheil, gun robh rudeigin agam ri thoirt seachad dha mo theaghlach, mar a thug mo theaghlach fhìn rudeigin seachad dhòmhsa. ’S e dìleab a th’ ann.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!