FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bud goes to the vet Bud a’ dol chun a’ bheat

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Bud a’ dol chun a’ bheat

[Sweeny] Chan eil sibh air mòran fhaicinn dha Bud, an cù-chaorach agam, gu ruige seo. Tha mi air a bhith ga fhalach seach gu bheil mi air a bhith ga thrèanadh gus am faigh mi air a chleachdadh airson na caoraich obrachadh.

[Sweeny] Bidh na caoraich a tha seo a’ tighinn a-mach chun a’ mhòintich aig amannan eadar-dhealaichte den bhliadhna. Tha an talamh seo mar phàirt de thalamh a’ bhaile againne agus faodaidh gach croitear stoc a chur a-mach ann. Tha mise ga chleachdadh an-dràsta airson faochadh a thoirt dhan lot. Tha pailteas feòir ’s fraoich ann agus cuideachd fasgadh math dha na caoraich.

[Sweeny] Tha latha mar seo a’ còrdadh ri Bud ach gu mì-fhortanach dhàsan feumaidh e na caoraich fhàgail an-dràsta agus feumaidh e a dhol a thadhal air a’ bheat.

[Sweeny] An-diugh tha Bud a’ dol chun a’ bheat airson amvaccine booster aige so bidh e a’ faighinn booster a h-uile bliadhna agus seo an t-àm dhàsan a thighinn a-nall a Steòrnabhagh. Chan eil e a’ còrdadh ris a bhith ann an càr no ann am pickup no càil mar sin so bidh e a’ faireachdainn gu math brònach an-dràst’ ach bidh e ceart gu leòr nuair a gheibh sinn dhachaigh. Cha toir seo fad sam bith, dìreach an injection a thoirt dha agus bidh e a’ toirt dha once-over.

[Sweeny] Tha e a cheart cho cudromach gum faigh Bud service agus MOT gach bliadhna cuideachd.

[Sweeny] Just in for the vaccine, will I put him up on the table?

[Vet] Yeah, if you don’t mind.

[Sweeny] Right, come on.

[Vet] You busy at the minute?

[Sweeny] Yes, flat out.

[Sweeny] Tha Bud a’ faighinn booster an-diugh den vaccine aige a bhios ga dhìon bho ghalaran an leithid parvovirus agus distemper.

[Sweeny] Uill ’s fheàrr seo a dhèanamh airson a bhith sàbhailte.

[Vet] Great. How old is he? Four?

[Sweeny] Three.

[Vet] And he’s good. You pop him down.

[Sweeny] No problems?

[Vet] Yeah, none.

[Sweeny] Come on, trobhad.

[Vet] Alright?

[Sweeny] Right, thanks very much.

[Vet] Bye now.

[Sweeny] Cheers.

[Sweeny] Chan eil càil ceàrr air a’ chù, ach a-staigh na cheann. Tha e mar a mhaighstir – tha e dìreach rud beag doolally.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!