FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Music and dance in Nova Scotia Ceòl ’s dannsa ann an Alba Nuadh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Ceòl ’s dannsa ann an Alba Nuadh

[Dòmhnall] Gleann Dail ann an Eilean Cheap Breatainn an Alba Nuadh.

[Dòmhnall] Uairean beaga na maidne ’s chan eil cùisean ach a’ blàthachadh. ’S math as aithne dhaibh hòro-gheallaidh a dhèanamh ann an Ceap Breatainn, agus ’s math as aithne dhaibh dannsa cuideachd.

[Dòmhnall] Tha sin aca a bharrachd ormsa.

[Dòmhnall] ’S e an fhidheall ’s dannsa-ceum a ghlèidh iad an seo ’s a tha iad an-diugh a’ tighinn a theagaisg dhuinn ann an Alba na samhlaidhean as fheàrr a tha air fhàgail air cultar Gàidheil Alba Nuadh ’s taobh sear Chanada.

[Dòmhnall] Chan e a-mhàin ceòl na Gàidhealtachd ’s dannsa na Gàidhealtachd beò fhathast ann an Alba Nuadh a tha seo. Tha e Gàidhealach gun teagamh ach tha iad ga leasachadh ’s ga thoirt air adhart an seo air leth bho Alba. Buinidh e a-nise do dh’Alba Nuadh ’s chan e a-mhàin gu bheil e an seo fhathast ach tha e làn misneachd, a’ dèanamh deiseil airson fàilte a chur air linn ùr.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!