FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shona MacDonald’s toffee crisp An tofaidh-brisg aig Shona NicDhòmhnaill

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

An tofaidh-brisg aig Shona NicDhòmhnaill

[Shona] Traybake uabhasach soirbh a th’ ann. Tha e caran coltach ris an chocolate crispy a bhios a h-uile duine a’ dèanamh ach chan e a h-uile duine as toigh leotha teòclaid so tha mi ga dhèanamh beagan eadar-dhealaichte agus tha marshmallows gu bhith a-staigh na bhroinn an àite an teòclaid agus beagan tofaidh cuideachd.

[Shona] A’ chiad rud a tha a’ dol ann ’s e ceud gram de dh’ìm. A’ dol a-staigh dhan phana. Tha an uair sin poca slàn de mharshmallows. A h-uile sgath a’ dol a-staigh còmhla. Agus tha mi a’ dol a chleachdadh dà bhar tofaidh.

[Màiri] Agus bha thu ag ràdh gur e tofaidh sònraichte a tha ag obrachadh ann an seo.

[Shona] Yeah tofaidh a bh’ againn nuair a bha sinn òg agus cha robh mi cinnteach fhathast am b’ urrainn dhuinn fhaighinn. Tha dùil agamsa gun robh an companaidh air a dhol à bith ach chan eil a rèir coltais. Mar a tha a h-uile càil, chan eil e a’ coimhead cho math sin an-dràsta ach air teine a’ chooker agus tha sinn a’ dol ga leaghadh sìos aig teas gu math ìosal.

[Màiri] Gu socair.

[Shona] Gu socair gus nach loisg e ’s gus nach steig e.

[Màiri] Tòisichidh sinn ma-thà.

[Shona] Ok.

[Shona] Ceart. Nise tha seo uile, tha e fhathast.

[Màiri] Nis, seo an seòrsa cèic as toigh leamsa.

[Shona] Saoil an gabh thu fhèin pìos ma-thà?

[Màiri] Ò cha chreid mi nach fheum mi!

[Shona] Nise, chan eil mi a’ dol a chur a-staigh a h-uile biod dheth aig an aon àm. Tha mi dìreach a’ dol ga chur a-staigh gus an tèid a chòmhdach, gus nach eil e rofhliuch. Uaireannan chuireadh tu cus a-staigh agus tha e a’ dol fada ro thioram. Nise, chan eil mi a’ smaoineachadh gum bithinn ag iarraidh cus.

[Màiri] Tha e a’ coimhead fìor mhath mar sin, nach eil?

[Shona] Nach eil? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil gu leòr ann, nach eil?

[Màiri] Chanainn gu bheil.

[Shona] So tha sin, a h-uile rud air a chòmhdach agus mar sin tha mi dìreach a’ cleachdadh bobhla le beagan greaseproof paper air a’ bhonn. B’ àbhaist dhomh a bhith a’ cleachdadh ’s dòcha beagan ime no rudeigin ach dìreach glè glè bheag ach an uair sin gheibh thu blas an ìm air do bhèicearachd agus chan eil sin. Ceart, tha seo dìreach a’ dol a-staigh mar a sheòllas e ’s i cho sticky. Mar sin na marshmallows.

[Màiri] Tha mi a’ smaoineachadh gum biodh seo math le teòclaid geal air.

[Shona] See cha chòrdadh sin riumsa idir. Chan eil mi cho dèidheil sin air teòclaid geal idir. So tha mi dìreach a’ dol ga.

[Màiri] Tha am fàileadh dìreach fìor mhath.

[Shona] Nach eil? Bhiodh e glè mhath air ice cream às aonais nan rice crispies. Nise, tha mi a’ dol ga chur a-staigh dhan frids dìreach an-dràsta airson seatadh oir bheir e cothrom dhomh dìreach an teòclaid fhaighinn air.

[Shona] Sin agad an teòclaid air leaghadh gu math. Chì sinn nach eil cnapan ann. Tha mi ga dhèanamh gu math slaodach. Abair thusa gu bheil fàileadh math far na eòclaid a tha seo.

[Màiri] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach nuair a tha thu a’ dèanamh rud mar seo gur e deagh theòclaid a chleachdas tu cuideachd.

[Shona] Feumaidh tu rud math agus tha mi a’ smaoineachadh a-rithist, feumaidh tu an rud a tha thu fhèin cleachdte ris a chleachdadh. Nan cleachdainn-sa an-dràsta teòclaid sam bith eile chan obraicheadh e buileach ceart. ’S toigh leam gearradh nam pìosan aig na h-oirean airson nuair a tha thu a’ cur càil a-staigh gu fèill no fèill reic no càil mar sin chan urrainn dhut really na pìosan sin a chur a-staigh agus tha againn ri iad sin a chumail aig an taigh airson ithe.

[Shona] Chan eil sin ro thiugh idir. Air a chòmhdach a-nis agus leigidh sinn leis fuarachadh mus gabh a gheàrradh.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!