FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Lord’s Calling Gairm bhon Tighearna

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Gairm bhon Tighearna

[Seonag Dhòmhnallach] Uill chaidh mo thogail anns an Eilean Sgitheanach air a’ chuid as motha dhe m’ òige, ann an Cille Mhoire, agus gu dearbha fhèin bha sinn a’ dol dhan eaglais. ’S e ministear a bh’ ann am m’ athair. Dìreach mus do dh’fhalbh mi a Dhùn Èideann dhan cholaiste bhuail sgriobtar air mo chogais gu mòr.

[Seonag Dhòmhnallach] Nuair a choinnich mi ri Dòmhnall bha fios a’m gur e Crìosdaidh a bh’ ann agus bha fios a’m cuideachd gun robh e a’ coimhead son seirbheis, seirbheis dhan Chruthadair, agus gu dearbha bha mi gu mòr leis ann an sin agus bha esan dìreach air thighinn a-mach às ùr na dhotair. Bha sinn a’ coimhead air na h-Innseachan ’s bha sinn a’ faireachdainn gun robh ùidh againn anns na h-Innseachan ach cha robh sinn buileach cinnteach. Ach às dèidh greis bhruidhinn e ris an eaglais againn fhìn agus tha ospadal beag aca anns na h-Innseachan agus bha iad a’ cur feum air lannsair, ach aig an àm sin cha b’ e lannsair a bh’ anns an duine agam so thòisich esan an uair sin a’ studaigeadh lannsaireachd.

[Seonag Dhòmhnallach] Tha mi a’ creidsinn gun robh sinn gu math “uaine” nuair a chaidh sinn a-mach ach bha an uiread de dh’obair ri dhèanamh chaidh esan dìreach dhan obair anns an spot.

[Seonag Dhòmhnallach] Bha sinn ann am baile, baile beag leis an ainm air Lakhnadon. Bha e gu math bochd agus bha tòrr dhaoine a-muigh air an dùthaich ’s cha robh aca ach dìreach na bh’ aca, ’s dòcha nach robh iad ach a’ dol bho bhiadh gu biadh.

[Seonag Dhòmhnallach] Bha an duine agam ag obair garbh cruaidh. Bha e ag obair a h-uile latha, fad an latha ’s gu math tric tron oidhche nuair nach robh ann ach e fhèin. Bha e dìreach a’ faireachdainn gum feumadh e a h-uile càil a b’ urrainn dha a dhèanamh a dhèanamh aig an àm. Bha fhios againn nach biodh sinn anns na h-Innseachan fad ar beatha.

[Seonag Dhòmhnallach] Thachair tachartas gu math duilich dhan duine agam às dèidh a dhà no trì bhliadhnaichean. Dìreach ceithir bliadhna mus tàinig sinn dhachaigh. Bha mise air thighinn dhachaigh leis a’ chloinn ach am faigheadh iad sreath anns an sgoil, sreath bliadhna, agus bha esan leis fhèin anns an ospadal agus bha e a’ dol timcheall an ospadail air an oidhche, dìreach a’ faicinn nan euslaintich gu lèir agus bha an duine seo dìreach a’ bàsachadh agus dh’fheuch e ri a thoirt air ais agus thug e dha beul-gu-beul. Agus bhàsaich an duine.

[Seonag Dhòmhnallach] Às dèidh seachdain thàinig am bodach seo às a’ bhaile agus thàinig e a dh’innse “chan eil mi ach ag iarraidh gum bi fios aig an dotair, dh’fheuch e ris an duine seo a thoirt air ais, gum bi fhios aige gun deach an duine seo a bhìdeadh le cuilean rabies bho chionn cola-deug” agus thàinig e a dh’innse dhan duine agam. Dh’fheumadh e a dhol a dh’fhaighinn injections, na anti-rabies injections. Bha thu a’ faighinn injection na do stamag ’s an dèidh an tritheamh fear dh’fhàs e garbh meadhanach ’s dh’fhàs e paralysed agus bha e uabhasach meadhanach ’s bha e seachdain co-dhiù mus cuala mise gun robh e cho tinn. Agus chaidh innse dha ann an Delhi ’s dòcha nach fhaigheadh e troimhe agus fhuair mi fhìn phone call bhuaithe à Delhi ’s dh’innse e seo dhomh. Agus uill, cha robh fhios a’m dè chanainn an toiseach ’s bha mi dìreach, bha mi ann an stait.

[Seonag Dhòmhnallach] Thàinig rann à fear de na sailm thugam – “tha mi a’ creidsinn gum faic mi maitheas an Tighearna ann an tìr nam beò” - agus dìreach ghreimich mi air an sin, agus bha mi dìreach cinnteach gun robh e a’ dol a dh’fhaighinn troimhe.

[Seonag Dhòmhnallach] Fhuair e dhachaigh agus chaidh e straight dhan ospadal ’s thug e greis mhòr mus d’ fhuair e seachad air ach an ceann bliadhna bha e math gu leòr airson tilleadh dha na h-Innseachan ach thòisich an uair sin multiple sclerosis air agus beag air bheag bha am multiple sclerosis, bha e a’ fàs ’s bha e ga dhèanamh na bu chiorramaich’ ’s na bu chiorramaich ’s na bu chiorramaich. Ach aig an sin, cha do sguir sinn. Bha obair an Tighearna, bha obair aig an Tighearna dha ’s nuair a thàinig sinn dhachaigh às dèidh ceithir bliadhna eile chaidh e dhan cholaiste a dh’ionnsachadh diadhaireachd. Colaiste na h-Eaglaise Saoire ’s thàinig e a-mach na mhinistear agus bha e seachd bliadhna ann an Glschu agus bha e a’ fàs gu math glugach mu na casan. Cha robh iad ag obair ro mhath ach fhuair e an uair sin, chuir iad dhan cholaiste e airson a bhith a’ teagaisg agus fhuair e dà bhliadhna dheug a’ teagaisg anns a’ cholaiste.

[Seonag Dhòmhnallach] Tha e a-nise anns an care fad na h-ùine. Chan eil a chasan ag obair idir, idir ’s tha e lag. Ach tha e air a dhreuchd a leigeil seachad. Dh’fhaodadh dha aig an àm sin a bhith ag ràdh “uill, nach e an Cruthadair A leig a làimh gu math cruaidh orm?” ach cha chuala mi riamh e ag ràdh càil mar sin. ’S e sin dìreach rud a bh’ aig a’ Chruthadair dha. Cha do cheasnaich mi riamh carson a tha seo a’ tachairt dhuinne. Cha do dh’fhairich mi riamh nach bu chòir dhuinn a dhol dha na h-Innseachan agus gu dearbha bha mi a’ smaoineachadh dìreach gur e àm uabhasach anabarrach math a bh’ ann.

[Seonag Dhòmhnallach] Uill tha fhios a’m mar a tha Dòmhnall an-dràsta gu bheil e glè choltach gum fàs e nas miosa agus gum bi e feumach air barrachd ’s barrachd a dhèanamh ris. Tha fhios a’m, a’ coimhead air ais, gur e an Cruthadair a bha a’ toirt dhomh neart ’s a bha a’ coimhead às ar dèidh, agus chan eil adhbhar sam bith carson nach biodh fhios a’m gur E ’ a tha còmhla rium a h-uile ceum air adhart agus cha leig mi leas eagal a bhith orm. Às bith dè th’ Aige dhomh, tha fhios a’m gum bi E ann an sin a’ toirt dhomh neart ’s ga mo chumail suas.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!