FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A big day in Ness Latha mòr ann an Nis

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Latha mòr ann an Nis

[Sweeny] Latha mòr ann an Nis an-diugh agus cò chreideadh gu bheil sinn ann an teis-meadhan an t-samhraidh?

[Sweeny] Bidh coimhearsnachd Nis a’ deasachadh airson an latha seo airson mìosan agus an rud as mìosa a dh’fhaodadh tachairt ’s e gum biodh an t-uisge ann. Ach cha chuir boinneag no dhà uisge bacadh sam bith air na Nisich!

[Sweeny] It’s a donation to come in. Thank you very much.

[Sweeny] Seo aon de na làithean as motha a th’ againn anns a’ bhliadhna ann an Nis, tha mi a’ creidsinn. An Gala Day. Tha mi a’ creidsinn – dè chò fad ’s a th’ ann a-nis? – còig bliadhna no rudeigin bho thòisich anGala Day. Bidh iad a’ lorg cuideigin airson a dhol air a’ gheat’ so sin an obair a th’ agams’ an-diugh.

[Sweeny] ’S e cothrom a tha seo dhan choimhearsnachd a thighinn còmhla airson spòrs ’s beagan airgead a chruinneachadh dhan sgìre.

[Sweeny] Agus cothrom dhòmhsa tiogaid a cheannach son an raffle. Tha sinn fortanach gu bheil còmhlan-pìoba Uibhist air tighinn suas còmhla rinn airson an latha agus nuair a sguireas an t-uisg’ ’s e na Leòdhasaich a tha a’ dortadh a-steach dhan àite.

[Sweeny] Ach chan eil i a’ fuireach tioram fada. ’S e na h-Uibhistich a tha gu math hardy ceart gu leòr ’s iad a’ cumail a’ cluich ge bith dè tha a’ tachairt.

[Sweeny] Agus mu dheireadh thall tha an t-uisge a’ stad agus tha an t-àite a’ tiormachadh. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil a h-uile duine a’ beothachadh. Agus tòrr a bharrachd dhaoine a’ tadhal, a’ ciallachadh tòrr a bharrachd airgid dha coimhearsnachd Nis.

[Sweeny] Dithis agaibh, ok, tapadh leibhs’. Donations please! Donations please. Tapadh leibhs’.

[Sweeny] A bharrachd air a bhith a’ cruinneachadh airgead dhan sgìre tha sinn cuideachd airson dèanamh cinnteach gu bheil rudeigin ann dhan h-uile duine.

[Sweeny] Tha fiù ’s an heileacoptar teasairginn a’ tighinn a dh’fhaicinn dè tha dol.

[Sweeny] Och tha e math a h-uile duine ... a h-uile duine a’ tighinn a-mach. Tha mi a’ smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche gu bheil daoine ag aithneachadh an obair a tha comataidhean ’s volunteers air a chur a-steach airson latha mar seo. Chan eil seo a’ tachairt gun tòrr obair a bhith air a dhèanamh ’s tòrr ullachaidh. Tha ullachadh a’ tòiseachadh, can, sia mìosan ro làimh. Còrdaidh an latha ri daoine. Chan eil cus diofair ann. Tha e tòrr nas fheàrr nuair a tha an tìde math ach cha dèan e cus eadar-dhealachaidh really. Cosgaidh iad an cuid airgid agus còrdaidh an latha riuth’.

[Sweeny] Agus beagan amaideis bhuam fhìn cuideachd.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!