FaclairDictionary EnglishGàidhlig

‘I’ is for ionnsaigh (the Gaelic for attack) ‘I’ airson ionnsaigh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'A gu U - Am faca tu?' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'A gu U - Am faca tu?'

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

‘I’ airson ionnsaigh

[Tony Kearney - Preseantair] ‘I’ airson facal nach eil cho math, ach gu math bitheanta san tìr. ‘I’ airson ionnsaigh agus na chunnaic ar dùthaich. Bhon a thàinig na Gàidheil a-nall à Èireann, on a thàinig na Lochlannaich fhiadhaich a thoirt ionnsaigh orra-san. Na Goill bho dheas. On a rinn am measgachadh aon treubh dhiubh fhèin ‘s cha thionndaidh iad ri toirt ionnsaighean thall-thairis. An robh àm, tro na linntean, anns nach robh cuideigin trang a’ cur faobhar air lannsa? Agus ceist eile, càite am biodh gaisgich gun ionnsaighean? Chì sinn.

[Duine] Cha robh sinn a’ faighinn nuair a tha thu a-muigh ach a’ dol ann. Airson cigarettes, chan robh sinn a’ faighinn cus, bha sinn a’ faighinn leth-cheud còmhla ris a’ pharsail Red Cross. Co-dhiù, bho dheireadh, an tuathanach a’ cur a thombaca fhèin. Agus bheir mi tòrr planntraisean dhen sin dhachaigh leinn agus gan cur timcheall a’ champa againne. Agus bha mi a’ dèanamh cigars leotha . Chaidh iad air duilleag slàn air taobh a-muigh bho cha mhòr dè na chuireas tu na dè bha na preas a’ roiligeadh suas. Aon latha a chaidh mi a-mach ‘s bha cigar agam leiste , bha daoine on iar a’ faighneachd cà’ an d’ fhuair mi seo. Oh, chuir Churchill thugam i. Churchill a’ cur thugam i. cha mhòr nach dh’ fhuair mi butt rifle nam amhaich.

[Màrtainn Dòmhnallach] ‘S bha iad an-còmhnaidh ri innleachd airson naidheachdan fhaotainn.

[Duine] Cha do lorg iad rèidio Breatannach riamh. Bhiodh an Gestapo a’ tighinn a-staigh agus bhiodh agam ri fhaighinn agus bhitheamaid a’ faighinn ordain “feuch an goid thu a h-uile dad a bhios aca”. ‘S cha do ghoid mise ach an aon rud riamh nam mo bheatha, ‘s gun robh an screwdriver Gestapo. Is goid mi e. IS bha mi uabhasach moiteil gun do ghoid mi e.

[Iain Moireasdan] Tha mi a’ smaoineacheadh gu bheil na Gàidheil agus Roinn na Gàidhlig air a bhith uabhasach math air prògraman mar sin a dhèanamh. Agus ‘s dòcha gur e an cunnart gun robh sinn ro mhath orra agus gun robh sinn ro dhualtach a bhith a’ coimhead air ais. Ach aig a’ cheart àm, tha e uabhasach cudromach na daoine sin a chlàradh mus falbh iad. Agus daoine an lùib a’ Chiad Chogaidh. Cha mhòr gu bheil mòran dhiubh sin air fhàgail.

[Am Brigadier Iain MacPhàrlain] Tha dìleab an dàrna Cogaidh fhathast follaiseach ann am Baile Cassino. Ann am meadhan a’ bhaile, tha tank ann a dh’ fhàg na h-Ameireaganaich às an dèidh. ‘S e an t-inneal seo an rud as aosta a tha ri fhaicinn. Oir cha deach aon òirleach den bhaile fhàgail na sheasamh.

[Kirsteen NicDhòmhnaill] ‘S e deagh oideachadh a tha sin dha na ginealaichean ùra cuideachd, prògraman cogaidh agus mar sin, tha mi a’ smaointinn gu bheil iad cudromach anns an t-seagh sin a bhith ag oideachadh dhaoine agus a bhith ag innse do dhaoine mu dheidhinn dualchas agus a bhith ag innse do dhaoine mun Ghàidhlig agus, fhios agad, na h-eileamaidean a tha an lùib prògraman cogaidh agus rudan mar sin cuideachd.

[Duine] Chaidh uiread de shaighdearan bochda a bhàthadh, chan ann air am marbhadh ach gam bàthadh an acfhainn a bh’ orra, bha e cho trom agus bha iad air an dropadh turas fad a-mach air a’ chladach agus bha na daoine bochda, bha iad air am bàthadh. Siud mar a thuigeas tu dè th’ ann an cogadh.

[Duine] Tha mi a’ dèanamh dheth gum fàs thu suas ri rud sam bith. Tha thu air do chruthachadh airson iomadach rud. Agus mar a chanas iad anns a’ Bheurla ‘it’s no going to happen to me’. Nam biodh tu a’ smaoineachadh gun robh e a’ dol a thachairt dhut, chan eil mise a’ dèanamh dheth gum biodh tu ceart nad eanchainn.

[Duine] Bristidh e mo chridhe ma dh’ fhaobh m’ oghaichean a’ dol air ais. Na h-oghaichean agamsa a-nis aig an aois deiseil airson a’ chogaidh. Bristidh e mo chridhe gam faicinn a’ dol ann.

[Duine] Nuair a chuir mi seachad co-latha-breith agam aig naoi bliadhna deug ann am Fort George agus fichead bliadhna ann an Anzio Beachhead. Agus aon thar fhichead anns a’ phrìosan anns a’ Ghearmailt.

[Duine] Chaidh mi air ais aon uair. Gu sealladh Dhia. Na tha siud de chladhan aig bonn na beinne ann am Beinne Cassino. Às gach àite den t-saoghal.

Chaidh am prògram seo, A gu U - Am faca tu?, a chraoladh an toiseach ann an 2008.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!