FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Muileach ’s coimhearsnachd New South Wales

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Muileach ’s coimhearsnachd New South Wales

[Dòmhnall] Sydney, am baile as motha a th’ ann an Astràilia. Tha a chomharran-stiùiridh air feadhainn cho aithnichte ’s a tha air an t-saoghal. ’S e àite dathte, togarrach, misneachail a th’ ann dheth an-diugh, gu math eadar-dhealaichte bho mar a bha e bho thùs nuair a stèidhich Breatainn a’ chiad choimhearsnachd phrìosanach an seo ann an New South Wales.

[Dòmhnall] Mu dheireadh na h-ochdaimh linne deug bha riaghaltas Bhreatainn a’ tionndadh air na daoine a bu bhochda anns a’ choimhearsnachd, a bha a’ dèanamh am beòshlainte à mèirle ’s eucoir. Cha ghabhadh na prìosanan na bha na cùirtean a’ cur thuca. Bha seann shoithichean aca aig puirt làn phrìosanach a’ cur thairis ’s cha ghabhadh na h-eucoirich a-nis a chur a dh’Ameireaga mar a chleachd bho fhuair na Stàitean an saorsa. Bha fuasgladh a dhìth air a’ cheist. Cha b’ fhada gun robh peanas gu tur ùr aig na cùirtean.

[Dòmhnall] Ann am foghar seachd deug ceithir fichead ’s a seachd fhuair a’ chùirt ann an Inbhir Nis Mairead NicFhionghain à Slèite anns an Eilean Sgitheanach ciontach air casaid gun do chuir i teine ri sabhal. Dh’òrdaich a’ chùirt gun deigheadh gabhail dhi le cuip tro ròidean Inbhir Nis, ’s mur a biodh sin dona gu leòr dh’òrdaich Am Morair Henderland cuideachd gun deigheadh a cur thar a’ chuain a dh’Astràilia le rabhadh nan tilleadh i a-chaoidh a Bhreatainn gun deigheadh a cur gu bàs.

[Dòmhnall] Còig bliadhna an dèidh breith na cùirteach chaidh Mairead NicFhionghain a chur thar sàile gu New South Wales. Chan fhaca i eilean a h-araich no an duine a bha pòsta aice a-chaoidh tuilleadh. B’ann a dh’àite iargalta a chaidh afògradh . Bha fòirneart ’s droch-dhìol mar bu trice ann am measg uaisle ’s ìosal. Ach bha aon duine a thòisich a’ toirt chùisean am feabhas. Gàidheal d’ am b’ ainm Lachlan MacGuaire.

[Dòmhnall] ’S e am bàta beag à Muile an aon dòigh air faighinn a dh’Eilean Ulbha. Chan eil ach sia duine deug a’ fuireach ann an-diugh. Chaidh an sluagh fhuadachadh às o chionn còrr air ceud gu leth bliadhna a dhèanamh àite dha na caoraich mhòra.

[Dòmhnall] B’ ann air an eilean-sa ann an seachd deug trì fichead ’s a h-aon a rugadh Lachlan MacGuaire. Cha b’ ann do theaghlach beairteach a bha e idir. B’e saor a bha na athair ’s chaochail e òg, ach thàinig a mhàthair bho dhaoine na b’ uaisle. Bhuineadh ise do Chlann ’IllEathain à Loch Buidhe, fear de phrìomh theaghlaichean Mhuile. Gu dearbh bha a bràthair, Murchadh, na cheann-cinnidh mu dheireadh. ’S e an càirdeas ri na Leathanaich, ’s gach doras a dh’fhosgail e dha, a bu choireach gun deach cho math do Lachlan òg anns an t-saoghal.

[Dòmhnall] Chaidh MacGuaire do dh’Arm Bhreatainn nuair a bha e còig bliadhna deug. Bha e na oifigear ann an Ameireaga , anns an Èipheit agus anns na h-Innseachan ’s fhuair e àrdachadh beag air bheag. Nuair a bha riaghladair ùr a dhìth ann an New South Wales chuir e a-steach airson na h-obrach.

[Dòmhnall] Bha MacGuaire dà fhichead ’s a seachd nuair a ràinig e Syndey. Ghabh e an dreuchd gu h-oifigeil Latha na Bliadhn’ Ùire ochd deug ’s a deich, ach ’s iomadh dreuchd a b’ fheàrr na i. Bha New South Wales air àite cho bochd ’s cho gràineil ’s a bha anns an ìmpireachd. B’ ann a bha barrachd dhaoine ann am Muile fhèin na bha de dh’Eòrpaich ann an New South Wales, ach dhall MacGuaire air agath-nuadhachadh na coimhearsnachd.

[Ruairidh MacIlleathain] Bha feallsanachd car eadar-dhealaichte aig MacGuaire an coimeas ri na riaghladairean a bh’ ann roimhe. Bha esan a’ smaoineachadh gur e dùthaich ùr a bh’innte a bha ga togail fhèin aig ceann thall an t-saoghail ’s gum b’ fheudar dha poileasaidhean a chur an sàs a dhèanadh cinnteach gun robh cothroman aig a h-uile duine, cothrom na Fèinne fiù ’s aig na prìosanaich. Bha mòran ann am Breatainn aig an àm den bheachd gur e a bh’ ann an Astràilia ach prìosan dhaibh. Bha iad airson Astràilia a chumail cho ainmichte, cho cruaidh ’s a ghabhadh. Bha iad airson cliù Astràilia a bhith a’ cur eagal air na h-eucoirich ann am Breatainn, gun a bhith a’ dèanamh càil ceàrr no gun deigheadh an cur a-null a dh’Astràilia. Bha esan den bheachd gum bu chòir dha coimhearsnachd ùr a thogail ’s gur e dùthaich ùr dha-rìribh a bhiodh ann.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!