FaclairDictionary EnglishGàidhlig

When Fergie was young Nuair a bha Fergie òg

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Nuair a bha Fergie òg

[Dòmhnall] Mòideart, dè seòrsa sgìre a bha sin nuair a bha sibh ag èirigh suas, Fergie? Sgìre gu math Gàidhealach tha fhios.

[Fergie] Ò aidh, nuair a bha mise òg ann am Mòideart bha na ratios … dh’abrainn-sa na daoine a bha a’ bruidhinn Gàidhlig, bhiodh e mu ninty five

[Dòmhnall] Às a’ cheud.

[Fergie] Às a’ cheud. An-diugh bhiodh tu fortanach ma tha còig!

[Dòmhnall] Atharrachadh mòr.

[Fergie] Ò atharrachadh, atharrachadh mòr.

[Dòmhnall] Agus an robh, tha fhios gun robh ceòl ’s òrain ’s dannsa gu leòr a’ dol an uair sin.

[Fergie] Bha. Bha na dannsaichean a bh’ againn, bha iad anns an talla aig Mingearaidh agus Àth Tharracail agus bha, ’s e ceòl Gàidhealach a bh’ ann air fad, fad na h-ùine. Bha band uamhraidh math anns an àite aig an àm ud, Roshven Ceilidh Band, Fearchar MacRath agus a chòmhlan, agus sin agad an rud a thug dhòmhsa an impetus airson tòiseachadh.

[Dòmhnall] Agus an robh sibh, am biodh sibh ag èisteachd ri ceòl air an rèidio ’s eile?

[Fergie] Ò bha. Bha, bha, bha dance music ann aig an àm sin cuideachd agus, ach cha b’ urrainn dhuinn fhaighinn idir leis na monaidhean agus a h-uile sìon mun cuairt oirnn, ach bha, chan eil fhios a’m dè a’ Ghàidhlig a th’ air seo, freak of nature. Bha direct line ann bho Rèidio Èireann.

[Dòmhnall] Às Èirinn?

[Fergie] Aidh. Agus bha mise, bha mi ag èisteachd ris a’ cheòl sin fad na h-ùine agus bha e a’ còrdadh uamhraidh rium a chionn bha meall dheth coltach ris a’ cheòl againn fhìn.

[Dòmhnall] Seadh gu dearbh.

[Fergie] Bha.

[Dòmhnall] ’S cuin a fhuair sibh a’ chiad bhogsa?

[Fergie] Uill bha mi aig an taigh. Bha na sùilean agam, bha conjunctivitis agam agus fhuair m’ athair, Seonaidh, fhuair e am bogsa beag a bha seo bho Forbes, J T Forbes Perth. Agus tha cuimhne agam bha, deich notaichean a bha e agus bha e ga phàigheadh a h-uile mìos, deich tastain a h-uile mìos, agus ’s e meall airgid a bha sin a chionn ’s e post a bh’ ann agus dh’abrainn-sa bha am pàigheadh a bh’ aige a h-uile seachdain bhiodh e mu thrì notaichean. That was it.

[Dòmhnall] ’S bha sibh an sàs anns an t-saoghal ciùil Ghàidhealaich a bha sin ma-tha ’s tòiseachadh a’ dol an sàs …

[Fergie] Ò bha.

[Dòmhnall] ’S geamaichean Gàidhealach cuideachd. Ciamar a chaidh sibh an sàs anns na geamaichean?

[Fergie] Uill bha mi ann an Sgoil Àrd a’ Ghearstain, fhios agad, agus bha mi a’ taghadh spòrs daonnan agus ’s e a’ ruith agus a’ leum, sin agad na rudan a bha mi nas fheàrr air.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!