FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s scone-based pizza Am piotsa-sgona aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Am piotsa-sgona aig Màiri

[Màiri] Chan e rudan milis a-mhàin a nì thu leis a’ chloinn. Dè mu dheidhinn piotsa? Luath, furasta agus ’s e a chòrdas riutha.

[Màiri] Tha na pizzas seo a tha mi a’ dèanamh, tha mi gan dèanamh ann an dòigh nas luaithe, nas fhasa tha mise a’ faireachdainn seach a bhith a’ dèanamh bonn piotsa anns an dòigh thraidiseanta coltach ri aran. Tha mise ga dhèanamh coltach ri sgonaichean ann an seo. Tha e luath. Tha mi a’ smaoineachadh gur e biadh gu math fallain a tha seo. Uill tha mise ga chleachdadh na bhiadh fallain co-dhiù. Faodaidh tu ge bith dè tha thu ag iarraidh a chleachdadh agus cuideachd ma tha rud as toigh le aon duine nach toigh leis an duine eile, ma nì thu piotsa beag dhan chloinn faodaidh gach duine aca roghnachadh dè tha iad ag iarraidh air a’ phiotsa.

[Màiri] Tha an-dràsta, tha ochd unnsaichean flùir agam, flùr self-raising, rud beag salainn agus dà unnsa ime agus tha mi a’ dol a chur sin an lùib a chèile agus an uair sin a’ dol a chur ceithir unnsaichean bainne an lùib sin.

[Màiri] Tha mi dìreach a’ suathadh an ime ’s an fhlùir ’s an salainn a-nis an lùib a chèile. Chì sibh a-nis gu bheil e air tighinn còmhla ann an sin. A’ coimhead gu math cothromach, mìn agus an lùib sin tha mi a’ dol a chur dìreach drùthag bheag bhainne.

[Màiri] ’S e gun chus bainne a chur ann aig an aon àm, dìreach a dhèanamh air do shocair, dìreach gus an tòisich a h-uile sìon air tighinn còmhla. Sin a-nis.

[Màiri] Tha mi a’ dol gam fàgail gu math beag.

[Màiri] Tha seo, chanainn, tha seo gu math freagarrach, can nam biodh pàrtaidh agad, ’s chan fheumadh tu ach càise ’s tomàto tha mi cinnteach airson rudeigin sìmplidh a chòrdadh ris a h-uile duine. Bidh mise gu math tric a’ cur cearc, cnapan beaga circe air agus sweetcorn agus uaireannan eile hama, balgan-buachrach còmhla ris an hama. ’S toigh leis a’ chloinn sin. Nise, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin a’ coimhead gu math cute, nach eil, airson an fheadhainn bheaga. So sin am bonn. Cuiridh mi air na treidhichean iad agus an uair sin tòisichidh sinn, obraichidh mi a-mach dè tha mi a’ dol a chur orra.

[Màiri] Sin sinn.

[Màiri] Tha mise air sabhs tomàto a dhèanamh suas airson a chur air muin nam bases. Cheannaicheadh tu seo gu math furasta anns a’ bhùth. Airson ùine a shàbhaladh cha leig thu leas a dhèanamh thu fhèin ach tomatoes, uinneanan, garlic agus basil. Sin na tha mi air a chur ann agus dìreach air a chur còmhla. So rud beag air gach piotsa.

[Màiri] Pìosan beaga circe. A dhà aca. Agus rud beag uinnein dearg, dìreach airson a bhith nas fhallaine buileach. Càise ann an seo. Parma ham . Tha seo math – bheir e orra, ’s dòcha, rudan fheuchainn nach fheuchadh iad mur a biodh e air bàrr piotsa. Mozerella.

[Màiri] Seo iad a-nis deiseil airson a dhol dhan àmhainn agus chanainn teas ceud agus ceithir fichead airson suas ri fichead mionaid. Cha toir iad mòran nas fhaide na sin.

[Màiri] Tha iad seo deiseil. Fàileadh math asta co-dhiù. ’S dòcha nach eil iad a’ coimhead cho brèagha ’s a bhithinn ag iarraidh.

[Màiri] Tha iad a’ coimhead glè mhath. Agus mar a bha mi ag ràdh, deagh dhòigh a tha seo air toirt air clann lusan agus tòrr rudan a tha math dhaibh ithe. Tha seo, ’s dòcha nach eil e a’ coimhead buileach mar a bhiodh piotsa airson inbheach, ach tha e làn lusan agus biadh fallain. Dhòmhsa co-dhiù ’s e sin an rud as cudromaiche a thaobh biadh na cloinne.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!