FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair’s journey into ministry training Slighe Alasdair gu trèanadh na ministearalachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Slighe Alasdair gu trèanadh na ministearalachd

[Alasdair] Uill tha mi a’ smaoineachadh nuair a bha mi mu fhichead bliadhna a dh’aois gur ann a thòisich e a’ dèanamh dragh dhomh gu ìre ’s nach b’ urrainn dhomh a mhothachadh. Bha e a’ dèanamh dragh dhomh nach, bha fios a’m nam bàsachainn agus gun mi ag earbsa ann an Crìosd gun robh mi gu bhith caillte, gun robh mi mar a bha An Fhìrinn ag ràdh, am Bìoball ag ràdh, gun robh mi a’ dol a dh’Ifrinn, agus chùm sin a’ dol, tha mi a’ creidsinn, mu thrì mìosan. Nis, a h-uile turas a dheighinn dhan eaglais an uair sin bha mi ag èisteachd. Cha b’ urrainn dhomh gun a bhith ag èisteachd. Bha e mar gum biodh am ministear a’ bruidhinn rium, ach bha mi fhathast dìreach a’ sabaid na aghaidh ’s na aghaidh ’s na aghaidh, gun tàinig e dìreach gu àm far nach b’ urrainn dhomh. Bha eagal mo bheatha orm gum falbhadh an rud, gum falbhadh na strìthean a bha seo ’s gum fàgadh An Cruithear mi ’s nach biodh, nach fhaireachdainn seo a-chaoidh tuilleadh nam bheatha ’s gum bithinn caillte agus thàinig e chun an àm far am b’ fheudar dhomh dìreach aideachadh uill tha mi ag iarraidh A’ Chruitheir nas motha na tha mi ag iarraidh mo bheatha ’s na rudan a bha gam cheangal ’s gam chumail air ais.

[Alasdair] Mu dhà bhliadhna deug no trì bliadhna deug thòisich mi a’ faireachdainn an toiseach gun robh An Cruithear ag iarraidh orm a dhol a-steach airson na ministearalachd agus, ò, cha robh mi ga iarraidh idir, idir, idir. Cha bu chaomh leam a bhith a’ studaigeadh, sin a bu choireach gun do dh’fhàg mi an sgoil nuair a bha mi seachd bliadhna deug. Cha bu chaomh leam a bhith a-staigh. ’S e duine a bh’ annam a bha a-muigh cho tric ’s a ghabhadh. Cha robh càil a b’ fheàrr leam na bhith ag obair air croit no caoraich no rud sam bith a-muigh seach a bhith a-staigh. Dh’fhaighnich am ministear a b’ àbhaist a bhith agam ann an Calanais rium, air an robh Neil Shaw, ’s thuirt e rium mum bheil mi air mo mhealladh tha An Cruithear a’ bruidhinn riut agus, ò, bha mi dìreach, bha mi a’ faireachdainn uabhasach. Sin an rud mu dheireadh a bha mi ag iarraidh a chluinntinn bho chun an sin bha mi a’ faighinn air toirt a chreidsinn orm fhìn gur e dìreach, fhios agad, rud a bha mi fhìn a’ smaoineachadh a bh’ ann ’s nach robh e dha-rìribh, ach dh’aithnich mi nuair a bhruidhinn esan rium gur ann bhon Chruithear a fhuair e e, an rud a thuirt e, agus nach b’ urrainn dhòmhsa an uair sin cur na aghaidh ’s bha mi dìreach uabhasach troimh-chèile mu dheidhinn bhon ’s e seo an rud mu dheireadh a bha mi a’ miannachadh a dhèanamh agus bha mi cuideachd a’ faicinn nach robh mi iomchaidh air a shon.

[Alasdair] Phòs mi ann an dà mhìle ’s a h-aon, bho chionn naoi bliadhna, agus dh’inns mi dha Màiri mus do phòs sinn, thuirt mi rithe chan eil mi a’ creidsinn nach eil An Cruithear ag iarraidh orm a dhol a-steach airson na ministearalachd agus ma tha, thuirt mi, às bith dè cho cruaidh ’s a bhios mise a’ strì na aghaidh thig àm far nach urrainn dhomh ach gabhail ris. ’S bha ise leagte gu leòr ris an sin. Phòs sinn agus chaidh sinn a dh’fhuireach ann an Nis agus bha an taigh againn an ìre mhath air a reic, an taigh a bh’ aig Màiri ann an sin, bha e an ìre mhath air a reic ach rinn An Cruithear aithnichte dhuinn gu math soilleir gun robh E ag iarraidh oirnn fuireach ann an Nis. Bha an dithis againn a’ faireachdainn gun robh còir againn obair a dhèanamh leis an òigridh an sin, nàdar deyouth fellowship. Ach dh’fhuirich sinn ann an Nis ’s thòisich sinn youth fellowship agus ’s e bliadhnaichean iongantach a bha sin. Chòrd iad rinn mìorbhaileach agus thug e atharrachadh air tòrr dhaoine òga agus ’s e rud iongantach a bha sin ’s rud a thug togail mhòr dhuinne ’s rud a chòrd rinn a bhith ag obair am measg na h-òigridh ’s a’ cur eòlas air na ceudan aca thairis air na bliadhnaichean a bha sinn ann.

[Alasdair] Ach ’s dòcha bho chionn trì bliadhna no mar sin, no ceithir bliadhna, thòisich seo a-rithist – “uill chan e seo an t-àite anns a bheil Mi ag iarraidh ort a bhith. Tha Mi ag iarraidh ort a bhith nad mhinistear”. Agus bha mise fhathast a’ strì an aghaidh sin, agus aon oidhche bha mi a’ tighinn a-mach à taigh-fhaire ann an Nis agus rug am boireannach a bha seo orm le a gàirdean ’s cha tuirt i “halò” no “ciamar a tha thu?” no càil ach thuirt i dìreach rium “cuin a tha thu gu bhith umhail ” agus bha fios agamsa anns a’ bhad dè bha i a’ ciallachadh, gur ann a thaobh a dhol a-steach airson na ministearalachd. Nis cha robh mise a’ bruidhinn ri duine mu dheidhinn ach Màiri a’ bhean agam, ach ’s e An Cruithear Fhèin a thug oirre sin a ràdh agus thuirt mi rithe dìreach “cha bhi e fada” agus thug sin orm a dhol a bhruidhinn ris a’ mhinistear mu dheidhinn. Ghluais cùisean air adhart às dèidh sin ’s thàinig sinn sìos a Dhùn Èideann bho chionn bliadhna airson trèanadh airson na ministearalachd.

[Alasdair] Chan e an rud as fhasa a th’ ann, a’ studaigeadh, agus tha an t-uabhas dheth ann agus bha mise, tha mi a’ creidsinn, ochd bliadhna deug bho rinn mi studaigeadh sam bith, bho dh’fhàg mi a’ cholaiste agus cha do rinn mi càil anns an ùine sin gu bho chionn bliadhna no dhà nuair a thòisich mi dìreach a’ dèanamh beagan leughaidh airson ’s fhios agam gun robh mi a’ tighinn a-steach an seo. Agus tha e gu math duilich. ’S e ceum mòr a th’ ann do theaghlach gluasad à, gu sònraichte à àite, à baile far a bheil thu eòlach air a h-uile duine, gu baile mòr mar Dhùn Èideann. Tha triùir de theaghlach againn. Tha am balach as sine a tha seachd, Luke, tha nighean a tha còig, Emma, agus tè bheag a bhios trì, Ceit, agus tha, bha sin a’ dèanamh dragh dhomh barrachd bho cho-dhùin mise, no bho ghabh mi ris, gum feumainn an ceum-sa a ghabhail bha sìth agam a thaobh sin, gun robh còir agam, gun robh mi a’ dèanamh an rud ceart. Bha fhathast tòrr rudan a bhiodh a’ dèanamh dragh dhut mu dheidhinn dè mar a dh’obraicheas seo dhan chloinn ’s rinn sinn tòrr deasbaid mu dheidhinn an tigeadh iad còmhla rinn no an deighinn fhìn sìos. Tha mi toilichte a-nis gun tàinig an teaghlach gu lèir agus a h-uile rud a bha a’ dèanamh dragh dhuinne mar sin, cha robh adhbhar dha dragh sam bith a dhèanamh. Rèitich An Cruithear Fhèin iad agus tha fios agam pàirt dheth ’s e freagairt ùrnaigh a th’ ann cuideachd ach pàirt dheth cuideachd tha mi a’ creidsinn nuair a tha thu umhail dhan rud a tha An Cruithear ag iarraidh ort gu bheil E Fhèin a’ dol romhad ’s gu bheil E Fhèin a’ dèanamh na slighe rèidh romhad.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!