FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Legacy of the land Dìleab na talmhainn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Dìleab na talmhainn

[Sweeny] Airson mo cho-là-breith nuair a bha mi bliadhn’ air fhichead a dh’aois thug mo phàrantan dhomh an lot seo. Dhòmhsa b’ e am preusant a b’ fheàrr a fhuair mi a-riamh a bh’ ann.

[Sweeny] Tha an talamh seo air a bhith anns an teaghlach airson bliadhnaichean ’s nuair a bha mi na mo bhalach beag bhithinn gu tric còmhla ri mo sheanair am measg ge bith dè bha a’ dol. Mar as tric’, caoraich. Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin a tha gam fhàgail cho dèidheil air caoraich an-diugh.

[Sweeny] Tha cuimhne a’m-s’ mus deach mi dhan sgoil, a h-uile madainn bhithinn ag èirigh, a’ ruith a-steach an lot gu far an robh mo sheanair ’s mo sheanmhair, an taigh anns a bheil mise an-diugh, agus tha dealbh agam na mo cheann an-dràsta a bhith a’ sreap an fheansa air chùl nabàthaich agus a’ leum a’ gheat’ ann am meadhan an lot ’s a’ dol a-steach dhan taigh.

[Anna] Nuair a bha Dòmhnall na bhalach beag ’s anns an sgoil, ceithir bliadhna a dh’aois, bhiodh e an-còmhnaidh còmhla ri a sheanair agus tha mi a’ smaoineachadh gur e sin a mhill e!

[Sweeny] Bhàsaich mo sheanair May eighty eight so cha robh mise ach ceithir bliadhn’ a dh’aois an uair sin so cha do chuir mi seachad tòrr ùine còmhla ris ach tha mi a’ creidsinn nuair a bha mi a trì ’s a ceithir, chan eil cuimhne a’m air tòrr ach tha e a-staigh ann an sin fhathast tha mi a’ smaoineachadh. Tha an obair a bha sin embedded.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!