FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A Petition Against Governor MacQuarie Athchuinge an aghaidh an Riaghladair MhicGuaire

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Athchuinge an aghaidh an Riaghladair MhicGuaire

[Dòmhnall] Tha teisteanas thall ’s a-bhos ann an Syndey air a’ choimhearsnachd ùir a bha MacGuaire airson a thogail.

[Dòmhnall] B’e airgead ruma a phàigh airson an ospadail a dhealbh ’s a thog na prìosanaich dha. ’S ann ann an-diugh a tha pàrlamaid New South Wales.

[Dòmhnall] Pìos shìos Sràid MhicGuaire tha an taigh prìosain a thog e.

[Dòmhnall] Agus taobh eile an rathaid bhuaithe, fear eile de thogalaichean ainmeil an riaghladair, Eaglais an Naoimh Sheumais.

[Dòmhnall] ’S e an togalach-sa ’s feadhainn eile dhe sheòrsa na comharran as fheàrr a th’ air fhàgail dhan àm a bha MacGuaire na riaghladair. Thòisich e ag ath-nuadhachadh baile beag, luideach Sydney gu bhith na bhaile mòr, cumhachdach.

[Dòmhnall] Ach ’s e cho dealasach ’s a bha e a fhoghainn dha. Bha e airson cothrom a thoirt do phrìosanaich nuair a bha am binn seachad air fearann dhaibh fhèin. Bha sin a’ cur nan eilthireach a thàinig a-mach le saor-thoil air chaoich. Bha iad an cunnart an inbhe agus prìosanaich a bha ag obair dhaibh a chall.

[Dòmhnall] Am measg nan nàimhdean a bu mhotha a bh’ aige bha fear Iain MacArtair. Mac Gàidheil a bh’ air teiceadh Sasainn an dèidh Chùil Lodair, thàinig MacArtair a-mach an toiseach na oifigear. Bha e a-nise na fhear dhe na tuathanaich chaorach a bu mhotha a bha ann an New South Wales. Bha na bh’ aig MacGuaire anns an amhairc gràineil leis.

[Dòmhnall] Chuir MacArtair ’s a sheòrsa athchuinge chun an riaghaltais ann an Lunnainn, a’ gearain mar a bha an riaghladair a’ cosg airgead air togalaichean ùra. Chaidh rannsachadh oifigeil a chur air cois ’s b’ fheudar do MhacGuaire mu dheireadh New South Wales fhàgail.

[Dòmhnall] Cha robh a shlàinte ach truagh co-dhiù ’s dh’ ìobar i buileach fo uallach an rannsachaidh. Leig e dheth a dhreuchd ’s thill e gu oighreachd bheag fhèin ann am Muile. Bha e air a chliù ’s a theachd a-steach a chall.

[Dòmhnall] Chuir e an geamhradh ochd deug ’s a trì air fhichead seachad anns an taigh mhòr, fhuar aige fhèin an seo ann an Grùilinn a bha a’ tuiteam às a chèile ’s a’ leigeil a-steach an uisge. An ath-shamhradh ’s e a-nis le dìth slàinte gu mòr chaidh e a Lunnainn. An dèidh strì uabhasach fhuair e èisteachd mu dheireadh bhon riaghaltas ’s thug iad dha peinnsean mìle not.

[Dòmhnall] Ach cha b’ fhada a fhuair e dheth.

[Dòmhnall] Chaochail e ann an Lunnainn anns an Iuchar. An dèidh tòrradh mòr, chaidh a chorp a thoirt dhachaigh a Mhuile ’s chaidh a thiodhlacadh anns an uaigh a tha seo a tha a-nise fo chùram riaghaltas Astràilia.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!