FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Anna’s faith Creideamh Anna

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia with Suzie Roberts Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia le Suzie Roberts

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Creideamh Anna

[Anna] Tha iomadach rud air tachairt tro mo bheatha ’s nam biodh fios agad ro làimh dè tha a’ dol a thachairt dhut chan eil mi a’ smaoineachadh gun deigheadh tu a-mach air an doras. Tha mi air a bhith tro iomadach rud tro mo bheatha. Ghabh mi polio nuair a bha mi glè òg. Ghabh mi tinneas-inntinn nuair a bha mi mu dheich bliadhna fichead. ’S bha, chaidh an duine agam a mharbhadh ann an tubaist a’ Phiper Alpha ’s cha d’ fhuair mi riamh an dust a thoirt dhachaigh. Ghabh mi aillse. Agus an-diugh tha Parkinsons orm. Bidh daoine a’ cantainn uill ciamar a tha rudan mar sin a’ tachairt dhut ’s as urrainn dhut do chreideamh a chumail. Cha do chaill mi mo chreideamh idir agus bha e na thaic mhòr dhomh. Bha, tha e math nuair as urrainn dhut dìreach bruidhinn Ris ’s tha fios agad gu bheil E ann an siud ’s nach leig E sìos thu. Agus sin mar a tha E air a bhith air feadh mo bheatha ’s tha E fhathast a’ cumail grèim orm.

[Anna] Thachair mi ri Iain anns an Eilean Sgitheanach. Bha e thall ann an sin ag obair ’s bha mise ag obair ann an oifis hotel aig an àm ann an Sligeachan agus dh’fhàs sinn eòlach air a chèile ’s thàinig mi air ais a-nuas a dh’Inbhir Narann ’s phòs sinn agus bha sinn còmhla bhon uair sin. ’S bha dithis chloinne againn, Yvonne ’s Evan. Bha Iain ag obair air a’ Phiper Alpha. ’S e obair phìoban a bhiodh e a’ dèanamh ’s bhiodh an rèidio a’ tighinn air anns a’ mhadainn agus dhùisg mi ’s chuala mi mu dheidhinn tubaist agus bha mi a-staigh a’ coimhead air Yvonne mar-thà a dh’fhaicinn an robh i na dùisg, sin agad e, ’s thill mi ’s bha mi na mo shuidhe air an leabaidh nuair a chuala mi rud agus ’s ann nuair a chuala mi ise a’ tighinn thàinig mi thugam fhìn agus thàinig i a-staigh ’s thuirt i “an e siud an rig air a bheil Dad?”. ’S bha sinn a’ feitheamh fad an latha ’s bha e mu shia uairean nuair a thàinig am poileasman chun an dorais ’s nuair a thàinig e a-staigh thuirt e gun robh e air a chall ’s nach robh dùil aca gum faigheadh iad a-nis e. Tha fios agad an-còmhnaidh gu bheil an Tighearna ann an siud ’s gun urrainn dhut bruidhinn Ris uair sam bith ’s tha an gealladh agad gum faigh thu an taic ’s gum faigh thu an neart airson a h-uile trioblaid a thig. Cha d’ fhuair sinn gealladh idir nach bi trioblaidean againn ach fhuair sinn an gealladh gum faigh sinn an neart airson an coinneachadh.

[Anna] Às dèidh a h-uile càil bha rannsachadh ann. Bha sin doirbh, ag èisteachd ri cho … cho … na cunnartan a bha siud nach robh còir a bhith ann idir, idir. Tha cuimhne a’m an fhearg a bha mi a’ faireachdainn agus nach leigeadh cùisean a leas a bhith mar a bha agus tha cuimhne a’m air an latha anns an tagsaidh a’ dol a-null chun an rannsachaidh agus bha mi a’ faireachdainn na feirg a bha seo ’s thuirt mi, bha mi, chuir mi suas ùrnaigh … ar cuideachadh, chan eil dòigh sam bith as urrainn dhòmhsa dèiligeadh leis an fheirg a tha seo. Thàinig e nam inntinn uill tha an gealladh ud agad, cha chuireadh E tro bharrachd thu na as urrainn dhut dèiligeadh ris ’s gheibh thu an neart airson dèiligeadh ris. Agus fhuair, ’s chaidh mi tron sin ’s chaidh mi tro rudan eile. Tha uiread. uiread ann a bhith taingeil air a shon agus an teis-meadhan mo bheatha ’s a h-uile càil tha Ìosa ’s mo chreideamh. ’S e Esan an tomhas dhen h-uile càil a bhios mi a’ dèanamh. ’S iomadach àm a tha mi Ga leigeil sìos ach chan eil Esan ga mo leigeil-sa sìos idir.

[Anna] ’S e am Piper Alpha as duilghe a chaidh mi troimhe riamh agus chan eil beachd agam gun robh mi air faighinn tro sin mura b’ e gun robh an cuideachadh agam. ’S bhithinn ag ùrnaigh fad an t-siubhail, fad an t-siubhail ’s chuidich E mi tro sin ’s chuidich E ’s tha E air a bhith air ar cuideachadh uile tro na bliadhnaichean ’s fhuair sinn tro a h-uile rud a thachair dhuinn. ’S bidh mi tric a’ smaoineachadh cho math dheth ’s a bha mi cuideachd gun deach mo thogail ann an dachaigh Chrìosdaidh oir bha an t-ionnsachadh a fhuair mi an sin cuideachd, mar a bhith a’ dol dhan eaglais, a’ toirt buaidh mhòr orm ’s tha mi an-còmhnaidh a’ faicinn gu bheil an Tighearna na theas-meadhan ’s E ann an siud ga mo chuideachadh agus tha mi làn dùil guma fad ’s a bhios mi beò. Tha an gealladh sin agam agus gheibh mi tron a h-uile càil.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!