FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Crime and poverty Eucoir ’s bochdainn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Eucoir ’s bochdainn

[Dòmhnall] ’S e tuathanaich a bha an ìre mhath dheth a bh’ anns a’ chiad Ghàidheil ann an Astràilia, ach b’ e eucoir ’s bochdainn a chuir daoine a-null nam mìltean. Anns na bliadhnaichean an dèidh ochd deug ’s a deich air fhichead chaidh am bàrr air feadh na Gàidhealtachd ’s an eaconomaidh anns an fharsaingeachd bhuaithe. Mu dheireadh bhuail gort iomadh sgìre ’s bha fuadaichean a-rithist air fàire. Bha aon duine gu h-àraidh a chunnaic fuasgladh dhan cheist ann an Astràilia.

[Dòmhnall] B’e ministear Clèireach a bha cuideachd an sàs gu mòr ann an obair eilthireach a bh’ ann an Iain Dunmore Lang. Bha dà rud a dhìth air. Bha e airson barrachd chlèirich a chur a dh’Astràilia a chumail srian air na bh’ ann de Chaitligich à Èirinn ’s air an làimh eile bha e ag iarraidh luchd-obrach do dh’oighreachd a bhràthar ann an New South Wales.

[Dòmhnall] Ghabh feadhainn eile os làimh an obair air na thòisich Dunmore Lang, gu sònraichte oifigear eilthireach air an robh an Dotair Daibhidh Boyter. A rèir nan sanasan a chuir Boyter dha na pàipearan-naidheachd, daoine às gach ceàrnaidhean dhan Ghàidhealtachd. Do chuid dha na h-uachdaran bha cothrom an seo faighinn cuidhteas sluagh nach robh iad idir ag iarraidh, agus fiù ’s do dhaoine nach robh a’ fulang bochdainn ’s gort iad fhèin bha cothrom ann air beatha na b’ fheàrr.

[Dòmhnall] Eadar ochd deug ’s a seachd deug air fhichead agus naoi deug air fhichead, sheòl soitheach an dèidh soithich a dh’Astràilia. Soithichean le ainmean mar Am Midlothian, An Catherine Jamieson, An William Nichol ’s An Saint George. Sheòl iad às an Eilean Sgitheanach, à Crombaidh, às an Òban, à Lìte ’s à Grianaig.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!