FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s raspberry and coconut tarts Na tortan sùibh-chraoibh is coconut aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na tortan sùibh-chraoibh is coconut aig Màiri

[Màiri] Tha mi air cnap beag pastraidh a chur ri chèile agus tha na bonnaich bheaga a tha seo sgoinneil le cupa tì. Dìreach rud beag milis, gun a bhith ro throm.

[Màiri] Tha mi a’ roiligeadh seo a-mach dìreach cho tana ’s a ghabhas dèanamh.

[Màiri] Nis dìreach spàin-tì jam.

[Màiri] Dà unnsa siùcair agam agus dà unnsa ime . ’S a’ dol a bhualadh sin còmhla.

[Màiri] Agus a’ cur ann aon ugh agus dà unnsa coconut. Uile còmhla. Agus dìreach...

[Màiri] Agus air muin an t-silidh tha mi a’ cur làn spàin-tì dhen seo.

[Màiri] Seo a-nis. Agus dhan àmhainn airson fichead mionaid aig teas ceud agus trì fichead.

[Màiri] Gu math toilichte le seo. Tha coltas snog orra. Cho furasta agus cho luath a dhèanamh agus ma tha dìth-ùine oirbh, ceannaichibh am pastraidh anns a’ bhùth agus tha e ga dhèanamh nas fhasa buileach.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!