FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ewan's life as a Jehovah's Witness Eòghann na Fhianais Iehòbhah

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia with Suzie Roberts Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia le Suzie Roberts

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Eòghann na Fhianais Iehòbhah

[Eòghann] Chaidh mi a Ghrianaig agus dh'ionnsaich mi cùrsa airsonwireless operator. Agus an ceann beagan 's bliadhna fhuair mi Second Class PMG certificate 's chaidh mi dusan bliadhna gu muir an uair sin 's bha sin math cuideachd agus an dèidh dhomh tilleadh bhon mhuir fhuair mi eathar 's tha an t-eathar shìos anns a' bhagh ann am Malaig fhathast. Fhuair mi ann an naoi ceud deug trì fichead 's a trì deug i, agus tha an t-eathar 's mi fhìn an seo fhathast.

[Eòghann] Rugadh mi ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath. Nuair a bha sinn òg dh'fheumamaid a dhol dhan eaglais co-dhiù ma bha thu air a shon gus nach robh. Nuair a chaidh mi dhan Mherchant Service bha job math agam 's bha airgead math, math ann agus na calaichean puirt thall thairis 's mi a' chiad duine a bh' air tìr 's mi an duine mu dheireadh a thigeadh air ais dhan bhàta thoradh bha fhios a'm nach b' urrainn dhan bhàta seòladh gun wireless operator 's bha mi a' cluich air an sin.

[Eòghann] Cha robh mi a' bodraigeadh mòran ri eaglais ach, mar a chanas iad, an t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach. Ach bha e air chùl m' inntinn an àiteigin an ceartas a bha mi a' faighinn le bhith a' dol dhan eaglais agus corra uair bhithinn, cha robh fhios a'm, bha mi a' coimhead airson eaglais a chòrdadh rium. Ann an ninteen fifty nine fhuair mi eòlas air na Witnesses agus bha mi a' leughadh am material aca agus bha mi a' cnuasachadh a' Bhìobaill. Bha mi a' feuchainn rim faighinn ceàrr ach cha deach sin leam thoradh 's ann aig Dia as fheàrr a tha fios.

[Eòghann] Bha an deoch a' sìor-fhàs trom ach nuair a bha mi anns an wireless room dh'fheumainn watchadh dè na bha mi ag òl thoradh dh'fheumainn logbook a chumail agus thuigeadh daoine nam biodh an sgrìobhadh dona gur e obair deoch a bh' ann. Ann an cùl m' inntinn bha fhios a'm latha-eigin nam bithinn beò gun tionndaidhinn gu Dia, ach na Fianaisean Iehòbhah bha mi, fhuair mi a-mach tòrr mun deidhinn agus an seòrsa òil a bha mise a' dèanamh cha ghabhadh iad gnothach leam.

[Eòghann] Bha mi a' dèanamh an t-uabhas fhèin leughadh, gu h-àraidh aig muir thoradh bha ùine gu leòr agam. Bha mi a' studaigeadh an rud agus bha mi ag ràdh rium fhìn "tha rud math an seo". Thug mi ùine mhòr mus do chuir mi mo thaigh, mar a chanas iad, ann an òrdugh, ach bha, 's e an deoch a bha a' riaghladh mo bheatha aig an àm agus chosg mi còrr 's cairteal millean not ris an deoch. Chan eil taigh agam dhomh fhìn 's chan eil càr agam dhomh fhìn agus bha mi ag obrachadh cruaidh fad mo bheatha. Tha toileachadh agam an-diugh.

[Eòghann] Chaidh mi a Dunain House, pàirt de Craig Dunain , agus thuirt iad rium "ma tha thu airson cumail sòbarra choimhairlichinn dhut a dhol gu Alcoholics Anonymous". Agus rinn mi sin, agus nuair a dh'fhàs mi na b' fheàrr fhuair mi mo bhaisteach ann an Dùn Èideann nam Witness ann an 1990.

[Eòghann] Tha e mar eisimpleir oirnn ma bhios tu air do bhaisteach nad Fhianais Iehòbhah a dhol mun cuairt thoradh bha Crìosta Fhèin ag ràdh ris na deisciobalan iad a dhol bho thaigh gu taigh 's village gu village ach bhiodh an-còmhnaidh a dhà còmhla ach 's e mise an aon Fianais Iehòbhah ann am Malaig agus b' fheudar dhomh a dhol a-mach leam fhìn. Bha e cianail doirbh dhomh an toiseach ann am Malaig a dhol mun cuairt le Bìoball agus tràchdaichean orra. Bha mi, bha ainm aca orm "drongaire" agus fear gu math mì-mhodhail cuideachd!

[Eòghann] Tha e a' fàs gu math nas fhasa a-nis agus chan eil mi làidir gu leòr san inntinn airson gnogadh a h-uile doras ann am Malaig thoradh Ìosa Chrìosta Fhèin fhuair E gu math doirbh e a' soilleireachadh a' Bhìobaill anns an àite anns an robh E Fhèin a' fuireach.

[Eòghann] Rud as cudromaiche, rud a b' fheàrr a thachair dhomh riamh 's e sguir mi dhen deoch agus an uair sin, tha mi a' ciallachadh an deoch, an dòigh a bha mise ag òl, ach fhios agad cha b' urrainn dhomh Fìrinn Dhè fhaighinn nam cheann ceart on chuir mi mo chùl ris an deoch agus cha robh e furasta.

[Eòghann] Ma bheir duine eile dhomh creideamh nas fheàrr, gabhaidh mi e ach tha o chionn suas ri deich bliadhna fichead cha chuala mi duine a bheireadh orm even smaoineachadh air creideamh sam bith eile agus tha e air a ràdh anns a' Bhìoball "ionnsaichidh thu An Fhìrinn agus bidh thu saor".

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2010.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!