FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A book that had an impact on Mary Alice Leabhar a thug buaidh air Màiri Alice

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar a thug buaidh air Màiri Alice

[Anna] Dè seòrsa leughaidh a bhiodh tu a’ dèanamh nuair a bha thu ag èirigh suas?

[Màiri Alice] Bhithinn a’ leughadh càil sam bith nuair a bha mi nas òige. Bhithinn a’ leughadh, tha cuimhne a’m a bhith a’ leughadh rudan mar The Hobbit agus thòisich mi air The Lord of the Rings ach thug e fada ro fhada faighinn troimhe, ach leughainn càil sam bith ach thòisich e a’ còrdadh rium nuair a bha mi a’ fàs beagan na bu shine, can nuair a bha mi a’ tighinn gu deireadh na bun-sgoile, a bhith a’ leughadh leabhraichean le caractaran boireann gu math làidir.

[Anna] Nise, a thuilleadh air a bhith le do cheann ann an leabhar nuair a bha thu beag, bha thu cuideachd le ùidh mhòr ann an dràma. Innis dhomh dè bhiodh tu a’ dèanamh.

[Màiri Alice] Bha.

[Màiri Alice] Bhithinn a’ gabhail pàirt ann an dealbh-chluich sam bith a b’ urrainn dhomh. Bhithinn a’ dèanamh càil a bha a’ dol aig a’ bhun-sgoil no ma bha sinn a’ dèanamh dealbh-chluich aig a’ Mhòd agus bhithinn cuideachd a’ dol gu clubaichean dràma. Bha fear ann an Steòrnabhagh aig an àm. Chaidh mi dhan Bhàgh còmhla ri Sgoil MhicNeacail, rud nach biodh tòrr a’ dèanamh, feadhainn bhon bhun-sgoil, gus am b’ urrainn dhomh dol gu Stornoway Thespians, club dràma ann an Steòrnabhagh. ’S bhithinn cuideachd a’ dol gu Scottish Youth Theatre, club dràma a tha a’ dol as t-samhradh far am bi thu a’ dol airson cola-deug nad aonar agus a’ gabhail pàirt ann a bhith a’ sgrìobhadh dealbh-chluich agad fhèin airson cur air an àrd-ùrlar. Bha ùidh mhòr agam ann an dràma.

[Anna] Agus mar sin dheth bha sin a’ toirt beachd dhut air a h-uile h-ìre dhe bhith a’ cruthachadh dràma. So a’ chiad fhear a th’ agadsa a-nochd tha e a’ toirt sealladh dhut air saoghal gu math eadar-dhealaichte bhon t-saoghal a bh’ agad. Dè an leabhar a tha sin?

[Màiri Alice] ’S e Bricklane le Monica Ali. Leabhar gu math inntinneach dhòmhsa. Leugh mi e nuair a bha mi mu ochd deug agus tha e mu dheidhinn tè òg a tha ochd deug cuideachd a tha a’ tighinn a-null a Lunnainn à Bangladesh agus tha i a’ pòsadh fear a tha aosta gu leòr a bhith na h-athair. ’S e pòsadh a chuir a pàrantan air dòigh a th’ ann agus tha e a’ leantainn na sgeulachd aice-se bho tha i a’ tighinn a-null a Lunnainn ’s i cho òg ’s chan eil Beurla sam bith aice. ’S urrainn dhi “tapadh leat” agus “tha mi duilich” a ràdh ’s sin e. ’S tha sinn a’ leantainn na sgeulachd aice-se fhad ’s a tha i a’ fàs an àird anns an dùthaich ùir a tha seo, dùthaich eagalach far nach aithnich i duine ’s tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn na coimhearsnachd Bangladeshi ann an Lunnainn ann am Bricklane agus tha sinn ga leantainn gu bheil i fhèin meadhan-aois.

[Anna] Sgeulachd a th’ ann a bhuail ortsa seach gun robh thu aig an aon aois, aig an aon ìre nad bheatha ris a’ bhoireannach a bha seo.

[Màiri Alice] Bha, bha mise ochd deug, mar a thuirt mi, nuair a leugh mi e. Aig an aon aois ’s a bha ise nuair a bh’ aice ri tighinn gu dùthaich ùr, cultar ùr agus pòsadh strainnsear a bha seo. ’S cha robh fios agam fhìn air càil mu dheidhinn coimhearsnachd Bangladeshi ann am Breatainn, no tòrr de na coimhearsnachdan eile a th’ ann, ’s bha e inntinneach dhòmhsa aig an aois sin, nuair a tha sinne ann am Breatainn mar bhoireannaich òga, tha an t-uabhas chothroman againn ’s cha bhiodh sinn a-riamh a’ smaoineachadh mu dheidhinn dèanamh na bha ar pàrantan ag iarraidh oirnn dèanamh ach bha ise air fàgail an dùthaich aice fhèin agus air tighinn a-null an seo agus dèanamh rudeigin air nach bithinn-sa idir a’ smaoineachadh aig an aois sin.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!