FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gaels in New Zealand Na Gàidheil ann an New Zealand

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na Gàidheil ann an New Zealand

[Dòmhnall] Tha New Zealand air dùthaich cho iomallach ’s a tha air an t-saoghal. Tha a nàbaidh as fhaisge, Astràilia, mìle mìle air falbh.

[Dòmhnall] Tha e air fear dhe na h-àiteachan mòra mu dheireadh dhan tàinig mac-an-duine. B’e seòlaidairean Poilinèiseanach, na Maori, a thàinig an toiseach bho chionn dìreach mìle ’s dà cheud bliadhna.

[Dòmhnall] ’S e Autearoa, no Tìr an Neòil Mhòir Ghil a thug iad air an tìr a chunnaic iad bhuapa às na curachan. Ach cha b’ fhada gus an tàinig neòil dhorcha às an Roinn Eòrpa mu an claigeann.

[Dòmhnall] Bha na Gàidheil nam measg dìreach mar a bha iad ann an àiteachan eile dhen ìmpireachd. Bha iad am measg nan cìobairean ’s nan tuathanach a thog tuathanas caorach cho soirbheachail ’s a bh’ air an t-saoghal air monaidhean an Eilein a Deas.

[Dòmhnall] Tha aon sgìre na laighe fo sgàil cuid dhe na beanntan as motha ann an Astràilisia air a h-ainmeachadh air fear dhe na cìobairean sin. An Gàidheal a lorg na raointean a tha seo air cùl nam beann.

[Dòmhnall] ’S e ainm Gàidhlig prìomh bhaile na h-Alba, Dùn Èideann, a th’ air a’ bhaile mhòr as fhaide deas ann an New Zealand. Ged a dh’fhàg Gàidheil an làrach fhèin air cuid dhe na sgìrean-sa, bha iad anns a’ bheag-chuid annta mar bu trice.

[Dòmhnall] Ach tha aon sgìre iongantach anns nach robh sin fìor. ’S e an t-seann-ainm Maori a th’ air Waipu fhathast. Baile beag ann am fìor cheann a tuath an eilein a tuath, ach b’e Gàidheil a stèidhich a’ choimhearsnachd an seo, agus ’s e ìomhaighean Albannach as motha a tha am baile beag-sa an cois a’ chladaich fhathast a’ cumail ris an t-saoghal mhòr.

[Dòmhnall] Chan e aona imrich-eilthireach a th’ ann an eachdraidh Waipu ach grunn dhiubh. ’S e a th’ ann seo sgeulachd mu thuras iongantach air feadh an t-saoghail a thug còrr air deich bliadhna fichead. Turas a shireadh dùthaich a bhiodh saor bho ghort, bho làmh nan uachdaran, bho chreideamh meadh-bhlàth no spioradail agus bho shannt ’s bho ana-diadhachd an t-saoghail.

[Dòmhnall] Thug an t-sireadh iad far Gàidhealtachd na h-Alba a Chanada, às an sin a dh’Astràilia agus mu dheireadh a New Zealand.B’ e turas iongantach a bh’ ann seach gun robh an duine a bh’ air a cheann e fhèin iongantach.

[Dòmhnall] B’ e gu ìre mhòr sireadh pearsanta aon duine airson saoghal ùr a bha seo. Ministear Clèireach daingeann, An t-Urramach Tormod MacLeòid.

[Dòmhnall] Rugadh e air rubha lòm, creagach Àsainte ann am fìor iar-thuath na Gàidhealtachd ann an seach deug ’s ceithir fichead. Cha mhòr gum faigheadh tu àite a b’ fhaide à New Zealand.

[Flosaidh NicPhàil] Uill seo am memorial ga chur an àrd dha Tormod. Bha iad an-còmhnaidh ag èigheach ann an New Zealand nach robh, nach do rinn sinne dad air a shon agus gun do rinn iadsan na h-uiread. Bha e cho popular thall ann an New Zealand.

[Dòmhnall] An robh Tormod MacLeòid a-riamh cho ainmeil ’s a tha e an-diugh anns a’ bhaile a tha seo?

[Flosaidh NicPhàil] Cha robh. Cha robh fhios agamsa gun robh an leithid de dhuine ann nuair a bha mi nam leanabh. Chuala mi nas motha mu dheidhinn Tormod MacLeòid o chionn ceithir bliadhna na chuala mi fhad ’s a bha, bho rugadh mi. Agus cha robh iad a’ cantainn mòran mu dheidhinn idir nuair a bha mise nam leanabh. Bha fhios agam càite an do rugadh e. Bha fhios agam gun deach e gu New Zealand ach sin uile a bh’ agam de dh’eòlas air.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!