FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s orange cake A’ chèic orainds aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

A’ chèic orainds aig Màiri

[Màiri] A-rithist gu math sìmplidh. Ochd unnsaichean ime, ochd unnsaichean siùcair castoir agus air a bhualadh còmhla dìreach gus an tig e còmhla ’s gu bheil e gu math aotrom.

[Màiri] Cuir ris an sin cuideachd rùsg, tha, aon oraindsear, gun a bhith ro mhòr, oraindsear meadhanach.

[Màiri] Ceithir uighean agus feumaidh na h-uighean a dhol a-staigh, aon ugh agus ga bhualadh.

[Màiri] Ma tha an ùine agaibh tha e an-còmhnaidh nas fheàrr na h-uighean a chur ann aon às dèidh aoin airson dèanamh cinnteach gu bheil iad air an deagh mheasgachadh an lùib an ime.

[Màiri] Nis, an lùib seo tha mi a’ dol a chur ochd unnsaichean flùir self-raising. Tha seo dìreach cho furasta a dhèanamh. Tha e an-còmhnaidh nas fheàrr a’ mhin a chrathadh tro shioltachan. Gheibh èadhar na lùib agus bidh do chèic nas aotruime.

[Màiri] An uair sin bidh mi a’ measgachadh na mine a-staigh air mo shocair.

[Màiri] Seo a-nis. Nis ga roinn eadar dà thiona. Agus ’s e soithichean seachd òirlich tarsainn a th’ agam.

[Màiri] Agus thèid seo a-nis dhan àmhainn aig teas, can, mu cheud is ceithir fichead. Bheir e mu fhichead mionaid. Staigh dhan àmhainn a-nis.

[Màiri] Fhad ’s a tha na cèicichean san àmhainn nì mise còmhdach siùcarach a thèid a fhrasadh air a’ mhullach. Dà spàin mhòr sùgh orainds. Nise ’s e sùgh ceart a tha seo bho oraindsearan fhèin. Chan e rud a cheannaicheas tu anns a’ bhùth. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil blas nas fheàrr air an seo. Agus seachd unnsaichean siùcair icing.

[Màiri] Chì sibh a-nis ann an seo an icing agus an sùgh air tighinn còmhla agus feumaidh e a bhith gu math fliuch airson ’s gun dòirt e sìos taobhan na cèice.

[Màiri] Tha mi a’ cur an dà chèic ri chèile le ìm uachdarach a tha thu a’ dèanamh le ìm bog, siùcar pùdar agus sgrìobadh de rùsg oraindseir.

[Màiri] Seo an icing sugar agus an sùgh. Dòrtaidh sinn sin air bàrr na cèic ach thig e, tha còir gun tig e sìos na taobhan cuideachd.

[Màiri] Sin a-nis, agus dìreach rud beag oraindseir airson ’s gum bi e a’ coimhead nas snoige.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!