FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New Gaelic words - do you know them? Faclan ùra Gàidhlig - a bheil thusa eòlach orra?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Faclan ùra Gàidhlig - a bheil thusa eòlach orra?

[Ùisdean] Tha sinn uile eòlach gu leòr air faclan ùra ann an Gàidhlig. ’S dòcha nach eil sinn a’ tuigsinn cuid dhiubh, uaireannan eile chan eil ann ach seann fhaclan air an cleachdadh ann an dòighean ùra. Nì sinne ar dìcheall an suidheachadh sin a leasachadh dhuibh anns a’ chuairt a tha seo. ’S dòcha, co-dhiù. Dà phuing airson gach freagairt a tha ceart, bonus ann an siud ’s ann an seo, agus ma tha am freagairt ceàrr, thèid e a-null chun an taoibh eile, tha cothrom agaibh. Agus chì sinn dè an t-alt a th’ aig na sgiobaidhean a-nis air a’ phrògram air na jackenfilisters. Seo na fuaimean a bhios aig na sgiobaidhean, a Mhàiri-Anna – an jackenfilister agaibh fhèin. Aiseag Bheàrnaraigh, saoilidh mi.

[Dòmhnall] Tha e glè choltach ris, ann an ceò, ann an ceò, ach chan eil sinne ann an ceò. Idir.

[Ùisdean] Tha mi a’ smaointinn gun do dh'fhalbh i.

[Ùisdean] Agus air an taobh eile, an jackenfilister aig Iain ’s Angela . Feuch ‘blast’ eile!

[Angela] Coileach, an e?

[Iain] Chan e na coileach! Gèadh!

[Ùisdean] Coileach?! Dè seòrsa coilich…?

[Iain] Cuideigin air breabadh na casan-deiridh aige.

[Ùisdean] Uill, ’s e coileach Dhùn Èideann ’s dòcha, ach na geòidh aig Ìle ma-thà.

[Angela] Cha chuala mi ach beagan dheth.

[Ùisdean] Na faclan. Na faclan ùra. Tha mise a’ dol a thoirt dhuibh facal agus ’s e laighe air na jackenfilisters feuch dè tha facal a’ ciallachadh. Seo a’ chiad fhacal – “clisg-phuing”. Cò tha dol a dh’ fheuchainn air?

[Iain] “Clisg-phuing”?

[Ùisdean] Tha sibh nur cadal!

[Angela] Chan eil! Chan eil!

[Ùisdean] Màiri-Anna ’s Dòmhnall! Dè th’ ann?

[Màiri-Anna] ’S e tha sa chlisg-phuing, tha, a chionn ’s gum bi i a’ gluasad a-null ’s a-nall air an sgrion agad, tha rud a chì thu nuair a tha ag obair leis a’ choimpiutair agus a ghluaiseas tu luchag, agus chì thu an comharra beag a’ dol an siud ’s an seo.

[Ùisdean] Chan e buileach. Bheir mi dhut aon chomharra. Chan e buileach.

[Dòmhnall] ’S e, a’ phuing bheag, am faod mise tighinn a-steach? Tha e coltach ris a’ phuing bhig feuch am bi fios agad càite a bheil e.

[Angela] Ò, tha fhios agamsa, tha fhios agamsa!

[Ùisdean] Chan e! Chan e.

[Angela] Tha fhios agamsa – exclamation mark.

[Iain] Ò, an e gu dearbh?

[Ùisdean] ’S e. ‘Exclamation mark’

[Iain] Clisg-phuing?

[Ùisdean] Angela, ceart. Aon phuing do dh’Angela.

[Iain] Feumaidh sinn a chleachdadh.

[Ùisdean] Dà phuing do dh’Angela, tha mi duilich. Dà phuing. Tha thu a’ faighinn dà phuing.

[Màiri-Anna] Tha mise a’ faighinn aonan.

[Angela] Cia mheud a th’ againne a-nis?

[Ùisdean] Uill, nì sinn a’ chuairt a tha seo agus thig mi air ais.

[Ùisdean] Seo a-nise am facal, an ath-fhacal – “sgudal-dealain”. “Sgudal-dealain”. “Sgudal-dealain”? Màiri-Anna?

[Màiri-Anna] Tha, sgudal-dealain.

[Ùisdean] Mìnich e dhomh.

[Màiri-Anna] Uill, sin agad, tuigidh tu fhèin dè th’ ann an ‘sgudal’.

[Ùisdean] Chan eil mi, mise a’ gabhail gnothach ri ‘sgudal’.

[Màiri-Anna] Agus tuigidh tu dè th’ ann an ‘dealan’ agus bha a dhà ann an sin…

[Ùisdean] Agus, dè tha sin a’ ciallachadh?

[Màiri-Anna] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e a’ ciallachadh nuair a tha thu a’ cosg cus dealain, seo an rud a th’ air fhàgail.

[Ùisdean] Tha eagal orm a Mhàiri-Anna, nach e.

[Angela] Tha fhios agamsa, tha fhios agamsa dè th’ ann. Tha fhios agamsa.

[Angela] Seadh. Angela?

[Iain] Mura bheil na h-uinneagan agad…

[Angela] Mar gum biodh, eh, am faod mi a ràdh ann am Beurla?

[Ùisdean] Faodaidh. Feuch e. Tha uidhir de Bheurla agam, tuigidh mi thu.

[Angela] Aidh, ’s e ‘Energy Waste’. ‘Energy Waste’.

[Ùisdean] Chan e. Chan e.

[Angela] Chan e? Dè th’ ann?

[Ùisdean] Chan e. Tha sibh gu tur ceàrr. ‘Junk Mail’ no ‘Spam’.

[Uile] Ò… ’s e!

[Dòmhnall] Spam?

[Ùisdean] Feuchaibh aonan eile. Feuch am bi sibh sgiobalta leis an fhear seo. ‘Steallair”. ‘Steallair”.

[Iain] Ò, chan e…

[Ùisdean] Coileach Ìle?

[Iain] An e rud fo am bi thu a’ seasamh sa mhadainn?

[Angela] Chan e, chan e. Sin am frasair.

[Iain] Frasair, gabh mo leisgeul…

[Ùisdean] A Dhòmhnaill? Rhyno?

[Dòmhnall] “Steallair” – ’s e, eh, eh, dìreach, rud a bhios agad sa ghàrradh a’ cur…

[Ùisdean] Chan e, nas motha. ‘Syringe’. ‘Syringe’ a bhiodh aig an dotair.

[Iain] ‘Syringe’?

[Ùisdean] ‘Syringe’ a bhiodh aig dotair. Uill, bha sibh cho truagh ann an siud ri-chèile.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!