FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi's mince pies Na mince pies aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na mince pies aig Màiri

[Màiri] Nis ’s e coltach gu bheil corragan fuara, gu bheil sin cudromach airson deagh phastraidh a dhèanamh. Mar sin tha na làmhan agam meadhanach fuar. Tha a h-ochd unnsaichean flùir plèan agam ann an seo agus tha mi a’ dol a chur an lùib sin geir, dà unnsa geir, agus dà unnsa ime agus dìreach le mo chorragan agus a’ feuchainn ris am flùr a thogail cho àrd ’s a ’s urrainn dhomh tha mi dìreach a’ dol a dh’obrachadh a gheir agus an t-ìm a-staigh còmhla.

[Màiri] A h-uile sìon a’ tighinn còmhla beagan a-nis agus leis an sin tha mi a’ dol a chur dìreach rud beag sallainn, agus air sgàth ’s gur e pastraidh airson rud milis a tha mi ag iarraidh tha unnsa siùcair caster. A h-uile sìon còmhla agus a-nis tha mi deiseil airson beagan uisge a chur ris agus a-rithist uisge fuar, cho fuar ’s a ghabhas. Dà spàin mhòr uisge ach dìreach air mo shocair. Drudhag bheag an toiseach. Nis tha obair a bharrachd an seo. Ma bha thu a’ dol a dhèanamh mince pies agus cabhag ort, tha tòrr dìreach a’ ceannach pastraidh às a’ bhùthaidh. Tha e nas luaithe, tha e nas fhasa agus dhan chuid againn a tha ag obair agus gun cus ùine againn carson nach taghadh tu pastraidh às a’ bhùthaidh seach do phastraidh fhèin mur h-eil ùine agad.

[Màiri] Sin a-nis air tighinn còmhla dìreach na chnap. Tòrr flùir.

[Màiri] Nis, b’ fheudar dhomh barrachd uisge na dà spàin mhòr a chur ann ach chì sibh fhèin nuair a tha e a’ tighinn còmhla na bhall aithnichidh sibh gu bheil gu leòr uisge ann. Tha agus tha seo a’ roiligeadh a-mach glè mhath. Tha mi airson sia pìosan leis a’ chutter as motha a chleachdadh. An uair sin tha mi ag iarraidh sia beaga airson ’s gun tèid seo air am muin.

[Màiri] Mincemeat ann an seo. Làn spàin-tì, agus a-rithist faodaidh tu am mincemeat agad fhèin a dhèanamh. Bha mise caran leisg an-diugh ’s cha do rinn, ach seo an rud a tha cudromach.

[Màiri] A’ gearradh beag annta. Agus an uair sin tha mi dìreach a’ dol a chur còmhdach beag bainne air mullach gach paidh. Ged a tha eagal oirnn a bhith a’ dèanamh pastraidh tha seo, tha mi dìreach air sealltainn dhuibh nach eil. Chan eil dad doirbh mu dheidhinn. Furasta gu leòr. Seo a-nis a’ dol dhan àmhainn airson leth-uair.

[Màiri] Agus dè as fheàrr na crathadh beag siùcair fhad ’s a tha iad fhathast blàth?

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!