FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seonag Anderson's Christmas cake A’ chèic Nollaig aig Seonag NicAnndrais

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

A’ chèic Nollaig aig Seonag NicAnndrais

[Seonag] Nuair a tha mise a’ dol a dhèanamh cèic, ’s toigh leam a bhith a’ cur am fruit mar a tha sultanas ’s raisins ’scurrants, mixed peel ’s na cherries agus na h- almonds, ’s àbhaist dhomh an cur am bogadh an oidhche ron àm ann am branndaidh no uisge-beatha, agus airson cèic den t-size a tha seo ’s àbhaist dhomh leth-bhotal branndaidh a chur innte. ’S dòcha ma tha ùine agam, ’s dòcha gun dèan mi oidhche no dhà ron àm e ’s dìreach ga chumail, ga chur mun cuairt ’s tha sin a’ fàgail ann an seo gu bheil e nas buige ’s tha am blas dìreach a’ dol tron chèic uileadh. Agus chuir mi ann dusan unnsa de churrants, còig unnsaichean sultanas, còig unnsaichean rèisidean, trì unnsaichean de cherries, dà unnsa mixed peel agus dà unnsa de dh’almonds.

[Màiri] Agus leth-bhotal branndaidh.

[Seonag] Agus leth-bhotal branndaidh, co-dhiù. Ach bidh barrachd a’ dol ann nuair a bhios a’ chèic deiseil cuideachd. So tha sin agam air a chur dhan bhobhla seo mar-thà. Rinn mi sin a-raoir, fad na h-oidhche.

[Màiri] Agus mar as tràithe a nì sibh cèic, mar as tràithe air a’ bhliadhna a nì sibh cèic ’s ann ’s dòcha as blasta a bhios i aig àm na Nollaige.

[Seonag] ’S ann, ’s ann. ’S toigh leam a bhith gan dèanamh ’s dòcha trì mìosan air adhart airson ’s gu bheil e, tha sin a’ toirt dhomhsa ùine thoradh uaireannan, aig aon àm ’s dòcha gum bithinn a’ dèanamh ceithir deug no còig deug de chèiceanan ach ’s dòcha gu bheil mi air mo dhreuchd a leigeil dhìom chun na h-ìre sin co-dhiù.

[Màiri] Tha tòrr obrach anns na cèiceanan seo, nach eil, agus cosgais annta cuideachd?

[Seonag] Uill tha. Tha cosgais annta gu ìre ach tha e math nuair a chì thu iad a’ tighinn gu chèile, nach eil? Tha mi a’ smaoineachadh gur e sin, nuair a thèid thu gu banais no rudeigin ’s a chì thu a’ chèic agad ann an sin bidh thu ag ràdh riut fhèin “wow ’s e mise a rinn siud!”.

[Màiri] Agus tha sibh a’ dèanamh chèicichean-bainnse tric?

[Seonag] Uill tha mi, ’s e sin an rud as trice a bhios mi a’ dèanamh. Bidh mi, ma gheibh mi fiathachadh gu banais ’s e sin an rud a bhios mi a’ tabhainn dhaibh mar phrèasant bainnse.

[Seonag] Chan eil agamsa ach mixer beag. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile mixer a th’ agam, gu bheil iad air an loisgeadh a-mach.

[Màiri] So sin a-nis, tha sibh air an t-ìm agus an siùcar ruadh ...

[Seonag] Uh huh, còig unnsaichean de shiùcar ’s a bharrachd air sin chuir mi leth spàin-tì de mhixed spice agus cinnamon ann cuideachd. Agus a-nis bidh mi dìreach a’ cur ann na h-uighean, dìreach rud beag aig an aon àm.

[Seonag] Agus a’ dèanamh cinnteach nach eil a h-uile dad gus a dhol na bhrochan.

[Seonag] Agus ma bhios cùisean a’ dol, fhios agad ’s dòcha gun tèid e na ...

[Màiri] Agus flùr?

[Seonag] Flùr plèan, no bhiodh a’ chèic a rugadh gu siorraidh nuair a thigeadh i a-mach às an àmhainn.

[Màiri] Beag air bheag tha Seonag a’ cur ceithir uighean ris, agus seachd unnsa mìn-fhlùir.

[Màiri] Tha fhios gu bheil e math aig àm na Nollaige cèic a bheir seachad a tha sibh fhèin air a dèanamh?

[Seonag] Uill tha agus mar a thuirt mi an sin tha e a’ toirt toileachas-inntinn mòr dhomhsa nuair a bhios mi a’ toirt seachad cèic no ma bhios mi aig banais agus gu bheil mi a’ faicinn gun tèid agam air cèic a dhèanamh cho math ri ’s dòcha cuideigin a tha gan dèanamh gu proifeiseanta. Tha a-nis, tha seo uileadh, tha na measan a tha seo uileadh air an cur còmhla agus chan eil mi ach dìreach a’ dol ga chur ann dìreach rud beag mu seach. Dìreach airson a dhèanamh cinnteach gu bheil e air a bhleith a-staigh.

[Seonag] Am pìos mu dheireadh a-staigh a-nis.

[Seonag] Nis mar as trice nuair a tha mise a’ dèanamh cèic mar seo, bidh mi a' cur a h-uile sìon airson a bhith cinnteach gu bheil e uileadh air a bhleith còmhla agus ’s e mo chròg a bhios mise a’ cleachdadh anns a’ bhobhla dìreach airson a h-uile sad dheth a dhèanamh cinnteach.

[Màiri] An-còmhnaidh rud aig bonn a’ bhobhla, nach eil? Nach eil air ...

[Seonag] Tha.

[Seonag] Agus dìreach airson a dhèanamh cinnteach gu bheil e uileadh, agus cho math ’s gu bheil a h-uile rud ann an dealan ’s a h-uile rud a gheibh thu, tha do chrògan cho math ri dad sam bith eile.

[Màiri] Dè a-nis?

[Seonag] Nis, dhan àmhainn.

[Màiri] ’S dè seòrsa teas aig am feum an àmhainn a bhith? Am feum i a bhith teth, teth no?

[Seonag] Uill ma tha mi a’ dèanamh na cèic a tha seo, dà uair a thìde, dà uair a thìde gu leth.

[Màiri] A h-ochd òirlich a tha seo?

[Seonag] Uh huh. Ach ma bhios mi a’ dèanamh na cèic mòire, an rud as àbhaist dhomh dèanamh ’s e a cur dhan àmhainn mus tèid mi dhan leabaidh air an oidhche ’s tha i deiseil anns a’ mhadainn. Bidh mi an dòchas!

[Seonag] Nis tha an soitheach againn deiseil agus cha bhi mise ach a’ dòirteadh seo, mar a thuirt mi le mo chròig airson bha na crògan ann fada, tha mi cinnteach, mus robh na beaters ’s ... Agus tha cuimhne a’m mo sheanmhair ’s ann le a cròig a bha i a’ dèanamh a h-uile dad, fhios agad, a’ bleith a h-uile dad ’s bha i cho, cho math, mar a bha a h-uile duine eile anns na h-eileanan. Sin agad a-nis a’ chèic.

[Màiri] Tha am fear sin deiseil airson a dhol dhan àmhainn.

[Seonag] Tha sin gus a bhith deiseil.

[Màiri] Dè seòrsa teas aig am feum an àmhainn a bhith?

[Seonag] Ceud gu leth. Dà uair a thìde eile.

[Seonag] Aon uair ’s gu bheil mi air cèic a dhèanamh ’s àbhaist dhomh a fàgail aon oidhche dìreach gus am fuaraich i uile gu lèir, agus an uair sin uair san t-seachdain suas gu àm gus am bi an icing ’s am marzipan a’ dol oirre, ’s àbhaist dhomh tuilleadh branndaidh a chur oirre. Agus dìreach steall beag a chur air, uill steall bheag no steall mhòr - tha e a rèir dè na tha thu ag iarraidh oirre. Agus bidh mi a’ dèanamh seo, ’s na gabh uallach mu na bhios a’ dol dhan bhobhla idir. Tachraidh rudeigin dhan seo! Agus tha mi a’ fàgail seo mar seo, can, an-diugh air an taobh seo ’s tha mi an uair sin a’ cur na cèic mar gum biodh air an taobh seo. Tha mi ga cur dhan tinfoil agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil i gu math teann ann am pàipear. Nis can seachdain no ’s dòcha deich latha tionndaidh mi a’ chèic an taobh seo ’s nì mi an aon rud a-rithist oirre. Agus nì mi seo suas gu dìreach an àm aig a bheil i a’ falbh airson icing.

[Màiri] Ga tionndadh uair san t-seachdain?

[Seonag] Uair, seachdain no deich latha no mar sin ’s tha sin a’ fàgail gu bheil am branndaidh a’ dol roimhpe. Tha e a’ fàgail gu bheil a’ chèic bog agus deagh, deagh bhlas oirre, chanainn. Fhad ’s a tha i ann an tiona agus i air a stòradh ceart, mairidh cèic mar sin airson bhliadhnaichean.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!