FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Religious unrest in the Highlands Aimhreit chreideimh air a’ Ghàidhealtachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Aimhreit chreideimh air a’ Ghàidhealtachd

[Dòmhnall] Deireadh na h-ochdaimh linne deug agus toiseach na naoidheamh linne deug bha a’ Ghàidhealtachd troimh-a-chèile le aimhreit chreideimh. Bha na soisgeulaichean a’ toirt dùbhlan dhan Eaglais Stèidhichte. Bha cuid de mhinistearan Eaglais na h-Alba fo thàir aig an t-sluagh airson cho comasach ’s a bha iad nan dreuchd, cho aon ’s a bha iad dha na h-uachdaran agus cho saoghalta ’s cho sanntach ’s a bha iad.

[an t-Oll,Iain MacAonghais] Iain MacMhathain ann an Uibhist a Tuath, rinn e òran mun chreud a bh’ aig a’ mhinistear anns an Eaglais Stèidhichte. Tha a’ chreud a’ tòiseachadh “creideamh ann an Dia, an t-athair, creideamh ann an Dia a Mhac, creideamh ann an Dia Spiorad Naomh”. Creud a’ mhinisteir anns an Eaglais Stèidhichte, a rèir Iain MhicMhathain, “creideamh ann an crodh ’s ann an caoraich, creideamh anns na stipeanan mòra, creideamh anns an duais a tha mi a’ faotainn, an t-airgead, a’ ghlìob ’s an t-òr, creideamh anns na h-uachdaran shìomail a dh’aindeoin an an nì a their Pòl”.

[Dòmhnall] Bha taobh poilitigeach air a’ chùis cuideachd. Bhuineadh mòran de mhuinntir Asainte do theaghlaichean a chaidh fhuadach à srathan Chataibh. Cha robh càil aca mu dheidhinn eaglais a bh’ air taobhadh ri na h-uachdarain.

[Iseabail NicAmhlaigh] Bha na ministearan a-staigh leis na h-uachdarain sin, uachdarain a bha a’ cur a’ mhinisteir dha àite. Chan fhaodadh an sluagh, cha robh dad aca ri dhèanamh ri sin, bha iadsan a’ cur a’ mhinisteir a-staigh. Bha tuarastal mòr aige agus bha e leis an uachdaran, tha fhios. Bha e a’ faighinn còrr a bharrachd airgid na bha maighstir-sgoile agus cha robh Tormod, cha robh e a’ còrdadh ris na rudan a bha am ministear ag ràdh agus cha robh an sluagh a’ còrdadh ris. Cha robh iad leis idir agus bha e glè thoilichte gun robh duine mar a bha Tormod a’ feuchainn ri rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

[Dòmhnall] An dèidh ceum a thoirt a-mach ann an Oilthigh Obar Dheathain thàinig MacLeòid a Dhùn Èideann a thoirt a-mach na ministearalachd. Ach bha an an-fhois a bheireadh buaidh air fad a bheatha air a shiubhal ma-thà.

[Dòmhnall] Cha tug MacLeòid ach glè bheag de dh’ùine ann an Dùn Èideann. Cha b’ fhada gus an do dh’fhàs e searbh de theagaisgean lòm ’s de dhòighean meadh-bhlàth na h-Eaglaise Stèidhichte. Bha cuideachd buaidh na stàite agus buaidh nan uachdaran air an eaglais a’ cur air. Rud ris nach robh e a’ dol a ghabhail gu bràth.

[Dòmhnall] Thill e chun na Gàidhealtachd a theagaisg ann an sgoil a bha a’ bhuidheann shoisgeulach, an SPCK, a’ ruith aig Loch Bhraoin. Ach cha b’ urrainn dha gabhail gu fois an seo a bharrachd.

[Dòmhnall] Tha a h-uile coltas gur e deasbad eadar e fhèin ’s ministear na h-Eaglaise Stèidhichte, An t-Urramach Tòmas Ros, a thug air Alba fhàgail mu dheireadh.

[An t-Oll. Dòmhnall Meek] Bha e fada an aghaidh Tòmas Ros, am ministear modarat, a chionn ’s gun robh smachd aig Tòmas Ros air na sgoiltean, bha cumhachd aige anns a’ chùbaid agus aig an aon àm bha Tormod a’ smaoineachadh nach robh e idir fallain na theagasg. Agus mar sin bha Tormod airson, bha e air leth deònach dol na aghaidh ’s dùbhlan a thoirt dha agus rinn e sin uair no dhà. Agus ’s e duine connspaideach a bh’ ann an Tòmas Ros cuideachd. Bha e air leth connspaideach, agus bha an dà dhuine a bha siud agad agus bha iad a’ dol an aghaidh a chèile.

[Dòmhnall] Bha sgaradh cho mòr ’s nach b’ urrainn dhaibh tighinn beò còmhla.

[Dòmhnall] Mu dheireadh cha b’ urrainn do Thormod cur suas leis an t-suidheachadh na b’ fhaide.

[Dòmhnall] Ann an ochd deug ’s a seachd deug chaidh MacLeòid ’s na bha a’ falbh còmhla ris air bòrd na soithich Am Frances Ann. Bha a bhean, aig an robh dùil ris an dàrna mac, a’ dol ga leantainn an ath-bhliadhna a-rithist. Cha robh anns a’ Frances Ann ach aon dhe na bàtaichean eilthireach a sheòl à Loch Bhraoin a’ bhliadhna ud. Bhiodh a’ chuid mhòr dhe na daoine a dh’fhalbh gu math teagmhach gum faiceadh iad Alba a-chaoidh tuilleadh. Do MhacLeòid, a bh’ air a dhol a-mach air daoine cho mòr, cha robh dà dhòigh air. Cha b’ urrainn dha tilleadh.

[Dòmhnall] Thàinig am Frances Ann air tìr ann am port beag, trang Phictou ann an Alba Nuadh, ach cha tigeadh am baile saoghalta a bha seo air MacLeòid ’s a dh’ easbaigeal ro fhada. A rèir beul-aithris ’s ann le tuchairt a thàinig iad air Bail’ Anna ann an ceann a tuath Eilean Cheap Breatainn.

[Dòmhnall] Tha sgìre Bail’ Anna a cheart cho àlainn an-diugh ’s a bha i nan latha fhèin. Do MhacLeòid bha cothrom an seo tòiseachadh às ùr ’s coimhearsnachd a stèidheachadh dha fhèin ’s a chuid dhaoine air leth. Bha e coltach ’s dòcha ri Gàrradh Eden.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!