FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Joey MacAskill’s carrot cake A’ chèic churrain aig Joey NicAsgaill

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

A’ chèic churrain aig Joey NicAsgaill

[Màiri] Joey seo a-nis a’ chèic, an rud milis, as fheàrr leamsa. Tha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr.

[Joey] Uill tha mi an dòchas gun còrd i riut nuair a bhios i deiseil. ’S tòisichidh sinn, tha sinn a’ dol a chur seo air a’ chanastair gus nach steig i air a’ chanastair agus nach loisg i.

[Màiri] Tha sibhse air duaisean fhaighinn airson na cèic currain agaibh, nach eil?

[Joey] Tha, tha mi air duais fhaighinn airson, uair no dhà airson sin.

[Màiri] Feumaidh gu bheil i math ma-thà.

[Joey] Uill tha i, tha i a’ còrdadh ris a h-uile duine a tha ga gabhail.

[Joey] ’S cuiridh sinn am pàipear innte.

[Màiri] ’S tha sibh air ìm, flùr agus pàipear a chur anns an tiona.

[Joey] Tha mi air ìm ’s flùr ’s pàipear a chur air an tiona. Sin mar a chaidh mise a theagaisg airson sin a dhèanamh. Tha ochd unnsaichean flùir,self-raising flour, agam ann an seo agus tha spàin teatha cinnamon agus baking soda agam ann an sin. Tha sin a’ dol a-steach.

[Màiri] Spàin tì dhan dà chuid?

[Joey] Spàin teatha dhan dà chuid.

[Joey] Tha i furasta a dèanamh. Cha leig thu leas electric mixer no càil. Dìreach. Agus seo siùcar donn. Nis tha sin agam air a chur tron t-sìoltachan bhon bidh mi a’ faighinn uaireannan mur a cuir thu tron t-sìoltachan e gum bi cnapan ann. Fhios agad so tha mi air a chur tron t-sìoltachan.

[Màiri] Bidh mise a’ dèanamh cèic currain ach cha bhi mi, cha do smaoinich mi air siùcar a-nis a chur tron t-sìoltachan. ’S e tip ùr a tha sin dhomh.

[Joey] Agus dà unnsa chopped walnuts. Bidh mi a’ cur sin ann cuideachd. Agus an curran, grated, ochd unnsaichean.

[Màiri] Chì thu cèic currain gu math tric ma thèid thu suas son cofaidh gu cafaidh sam bith. Tha i a’ fàs gu math bitheanta, nach eil?

[Joey] Tha, tha, tha. Chocolate cake agus carrot cake . Sin na dhà a chì thu gu math tric.

[Màiri] Agus ann an dòigh tha seo gu math fallain cuideachd.

[Joey] O tha, tha. Nise tha dà ugh agam ann an seo. Tha iad air am bualadh ’s air a ... agus seven fluid ounces de dh’ola.

[Màiri] Dè seòrsa ola a tha sibh a’ cleachdadh?

[Joey] Sunflower oil. ’S dìreach a-nise.

[Màiri] Cuin a thòisich sibh air fuine an toiseach? Eil sibh air a bhith a’ fuine o bha sibh òg?

[Joey] Uill chaidh mi a Dhuncraig nuair a dh’fhàg mi an sgoil agus rinn mi dà bhliadhna ann an sin ach a h-uile càil a dh’ionnsaich mise an sin tha mi a’ creidsinn nach eil càil a dh’fheum ann an-diugh, g’ eil e gu tur eadar-dhealaichte ris mar a tha a h-uile càil ga ionnsachadh an-diugh. Bha mo mhàthair, bhiodh i a’ bèicearachd. Bha a h-uile duine againn really a’ bèicearachd.

[Màiri] Dè seòrsa rudan? Rudan plàin, rudan traidiseanta?

[Joey] Bhiodh mo mhàthair a’ dèanamh duf. Bha i math air duf ’s bhiodh i a’ dèanamh sgonaichean ’s pancakes, aran-coirce ’s aran-eòrna.

[Màiri] Agus tha mi a’ cluintinn gu bheil sibhse fìor mhath air an duf cuideachd.

[Joey] Uill tha, tha mi air duf, Sin a-nise, deiseil.

[Màiri] Bidh sibh a’ dèanamh duf airson fèill àiteachais?

[Joey] Bithidh, bithidh. Rinn mi, na trì bliadhna mu dheireadh rinn mi duf agus fhuair mi first prize air a shon. So bha sin alright. Bidh a h-uile duine an uair sin a’ clamoraigeadh ga h-iarraidh.

[Màiri] ’S e duine fortanach a th’ anns an duine agaibh ma-thà.

[Joey] Ò tha esan glè dhèidheil air rud milis.

[Màiri] Cò nach eil?

[Joey] Uill. So sin a-nise an carrot cake ann an sin. ’S tha i ...

[Màiri] Dè cho fada san àmhainn?

[Joey] Uill tha mise a’ toirt dhi uair an uaireadair.

[Màiri] Agus dè seòrsa teas? Feumaidh nach eil e ro àrd?

[Joey] One eighty.

[Màiri] Seo a-nis am frosting, Joey. Agus innsibh dhomh, dè th’ anns a’ bhobhla?

[Joey] Tha mi a’ cur leth-phacaid de Philadelphia ’s bidh mi ga phronnadh sìos an toiseach. Tha an icing cho messy ’s bidh mi ga phronnadh sìos le icing. Bidh mi a’ cur icing ann gus an tèid e chun an tigheid a tha mi ag iarraidh.

[Màiri] Dè na chuir sibh ann de dh’icing sugar?

[Joey] Uill tha mi dìreach…

[Màiri] Tha deagh chuid a’ dol ann, nach eil?

[Joey] Tha, ò tha. Tha e feumach air tòrr icing. Tha faisg air pacaid icing a’ dol dhan ... an dèidh dhut a dhèanamh.

[Màiri] Agus chan eil sibh ach a’ cur siùcar an lùib na càise gu math socair.

[Joey] Uhuh uhuh.

[Màiri] Dè na rudan as fheàrr leibh a bhith a’ bèicearcachd, dè na .

[Joey] Uill bidh mi a’ dèanamh sultana cake. Tha i gu math furasta a dèanamh agus ’s caomh leis an duine agam i. Bidh mi a’ dèanamh sin ’s bidh mi a’ dèanamh chocolate sponge, gu h-àraidh nuair a tha a’ chlann aig an taigh à Glaschu. Tha iad an-còmhnaidh ag èigheach ag iarraidh chocolate cake.

[Màiri] Cuiridh mi geall nach mair a’ chèic fada.

[Joey] Cha mhair. ’S e an fhìrinn a tha sin. Agus aig àm na Nollaig bidh mi a’ dèanamh nan rich fruitcakes. Bidh mi a’ dèanamh sin. Mar a thuirt mi, bidh mi a’ dèanamh duf ’s seo fhèin. Chan aithne dhomh sgonaichean no pancakes. Chan eil mi math air an dèanamh idir. ’S bha mo mhàthair, bha i math orra.

[Màiri] Chan eil mi a’ creidsinn sin a-nist.

[Joey] Òchan, no chan eil mi math orra idir.

[Màiri] Tha e neònach seo nach eil? Tha cuid de dhaoine math air aon rud ’s ...

[Joey] Uhuh, tha ‘’S e sin mar a bhios. Tha cuimhne agam, bha mo mhàthair, bha i math air sgonaichean ’s pancakes a dhèanamh ’s bha antaidh agam agus bha i math air sgonaichean a dhèanamh ach cha b’ aithne dhi pancakes a dhèanamh idir. Cha robh i glè mhath air na pancakes idir. A h-uile Disathairne, bhiodh i a’ dèanamh sgonaichean ’s pancakes ’s aran-coirce. ’S bhiodh i an uair sin a’ dèanamh ìm ’s gruth. ‘’S bhiodh i a’ glèidheadh a’ blàthaich airson an ìm a dhèanamh.

[Joey] Nise nuair a thig e tiugh bidh mi a’ cur ann am mix . Bidh mi ga dhèanamh, mixigeadh ann an seo.

[Màiri] Carson a tha sibh a’ cleachdadh am mixer a-nise?

[Joey] Uill tha e ga dheanamh, nì e nas mine e. Fhios agad, chan fhaigh mise really air a dhèanamh mìn leis an fhorc mar sin ann. Seall a-nise, tha sin mar fondant frosting.

[Màiri] Dh’fhaodadh tu cuideachd a’ chèic a dhèanamh eadar ... ann an dà thiona nas lugha, nach fhaodadh?, Feadhainn chruinn ’s frosting anns a’ mheadhan?

[Joey] Dh’fhaodadh, dh’fhaodadh. An fheadhainn chruinn, nuair a nì mi cruinn iad bidh mi a’ dèanamh sin. Bidh mi a’ cur am frosting dhan mheadhan.

[Joey] Feuchaidh sinn a’ chèic a-nise ...

[Màiri] Seo a-nis.

[Joey] ... ach am faic sinn cò ris a tha i coltach.

[Màiri] Uill tha i a’ coimhead math co-dhiù.

[Joey] Tha mi ’n dòchas. A bheil thu ag iarraidh pìos mòr dhi?

[Màiri] Chan eil, pìos beag. Tha mi a’ toirt a chreidsinn orm fhèin gu bheil seo fallain ach tha mi a’ smaoineachadh an dèidh am f rosting a chur air nach eil.

[Màiri] Top marks mar a chanas iad, nach e?

[Joey] Very good.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!