FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Suzie Roberts' faith An creideamh aig Suzie Roberts

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Alleluia with Suzie Roberts Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Alleluia le Suzie Roberts

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An creideamh aig Suzie Roberts

[Suzie Roberts] Chan eil teagamh nach eil creideamh air a bhith air leth cudromach dhomh fad mo bheatha. B’ e Crìosdaidhean a bh’ ann am m’ athair ‘s mo mhàthair agus chaidh mo thogail ann an dòigh Chrìosdaidh mar gum biodh. Agus cha robh mi ach timcheall air ochd bliadhna a dh’aois no naoi bliadhna a dh’aois nuair a chuir mi m’ earbsa ann an Ìosa Crìosd. Agus le sin chaidh mo thogail anns an dòigh a bha seo agus bha e gu math cudromach.

[Suzie Roberts] Nuair a bhàsaich m’ athair cha robh mi ach ceithir bliadhna deug a dh’aois no rudeigin. Agus ‘s e hemophiliac a bh’ ann agus fhuair e droch fhuil agus chaidh AIDs air ‘s bhàsaich e air sgàth AIDs. Agus ‘s e an creideamh aige-san a thug neart dhòmhsa agus cuideachd tron t-suidheachadh a bha sin chaidh mo chreideamh-sa a neartachadh agus air sgàth sin tha e air a bhith gu math, gu math cudromach fad mo bheatha.

[Suzie Roberts] Phòs sinn bho chionn trì bliadhna agus bha fhios a‘m aig an àm sin gum biodh e gu math cudromach dhomh gum biodh creideamh gu math cudromach dhan duine a bha mi a’ dol a phòsadh. Agus a chionn ‘s gun robh cothrom againn ùrnaigh còmhla agus dol dhan eaglais agus bha e gu math, gu math cudromach. Agus nuair a phòs sinn ‘s nuair a gheall sinn gum biodh sinn còmhla tro dhroch shìde agus tro dhroch shlàinte cha robh càil a dh’fhios againn aig an àm a bha sin gum biodh sinn anns an t-suidheachadh taobh a-staigh naoi mìosan no rudeigin.

[Suzie Roberts] B’ ann aig toiseach dà mhìle ‘s a seachd (2007) a lorg mi cnap na mo bhroilleach agus chaidh mi gun dotair agus timcheall air trì seachdainean às dèidh sin chaidh mi dhan ospadal agus thuirt iad gur e aillse a bh’ ann. Agus tha mi a’ smaoineachadh gur e sin a dhearbh an càirdeas a bh’ eadarainn, eadar mi fhìn ‘s Mìcheal, agus cuideachd an càirdeas eadarainn agus Dia. Agus bha e dìreach cho cudromach gum b’ urrainn dhuinn a bhith ag ùrnaigh mun t-suidheachadh a bha seo. Bha e cho duilich gabhail ris gur e aillse a bh’ ann agus cha robh mi ach òg, na mo bheachd-sa! Agus bha iomadh rud eile a bha mi airson a dhèanamh ach b’ urrainn dhuinn bruidhinn mu dheidhinn, b’ urrainn dhuinn neart fhaighinn bho Dhia. ‘S cuideachd an seòrsa taic bho na caraidean againn anns an eaglais agus bha sin uabhasach fhèin math.

[Suzie Roberts] Tha cuimhne a‘m nuair a bha m’ athair tinn agus thuirt esan nach robh esan a’ ceasnachadh Dia air sgàth ‘s gun robh esan toilichte dìreach leis na bha, na bh’ aige, na bheatha agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh, gun tug sin buaidh mhòr ormsa agus bho chionn dà bhliadhna nuair a thachair seo bha mi, cha b’ urrainn dhomh a thuigsinn, agus ann an dòigh bha mi a’ ceasnachadh Dia. Thuirt m’ antaidh “bu chòir dhut dìreach innse Dha gu bheil thu crosta, gu bheil thu feargach mun t-suidheachadh a tha seo agus ‘s urrainn Dha-san dèiligeadh ris. ‘S e Dia a th’ ann! ” A bheil fhios agad? Agus ‘s e sin a rinn mi agus fhuair mi neart bhon sin. Bhon bidh cuid a dhaoine ag ràdh “uill ciamar as urrainn dhut a bhith a’ cur d’ earbsa ann an Dia agus tha E, tha seo air tachairt dhut. Carson a tha thu a’ cur earbsa ann an Dia leis an t-suidheachadh a tha sin?” Agus bidh mise ag ràdh uill chan eil Dia air gealltainn nach bi dad a’ dol ceàrr. “Cuir d’ earbsa annamsa agus cha bhi dad ceàrr na do bheatha!” Chan eil e idir, idir a’ gealltainn sin, ach tha Ìosa Crìosd air a ràdh gum bi esan còmhla rinn tro na h-amannan duilich a tha seo agus sin a thachair dhuinne. Bha e duilich. Bha e cruaidh oirnn. Ach bha an earbsa, bha an neart sin ann agus bha an taic sin ann.

[Suzie Roberts] Tha mi a’ smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche tron rud a tha seo dìreach a bhith a’ cumail a’ leughadh, a’ leughadh a’ Bhìobaill dhòmhsa agus iomadh turas bhithinn a’ faighinn dìreach rann beag a bha freagarrach air an latha a bha sin agus thug sin neart dhomh. Agus cuideachd na caraidean agam ag ùrnaigh air mo shon agus airson Mìcheal agus bha esan, tha esan air a bhith dìreach mìorbhaileach math, a bhith dìreach a’ toirt neart agus cuideachadh agus taic dhomh fad na dà bhliadhna a chaidh seachad. ‘S le sin tha mi a’ smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche a bhith a’ smaoineachadh, uill chan eil fhios ‘m dè tha dol a thachairt. ‘S dòcha gun till e. Tha mi ‘n dòchas nachtill . Ach ‘s dòcha gun till e ach mas e ‘s gun till e tha fios ‘m gum bi an Tighearna a’ toirt neart dhomh bhon a tha E air sin a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad agus le sin tha mi a’ dol a chumail m’ earbsa Annsan bhon a tha E air an t-uabhas de neart a thoirt dhomh rè nam bliadhnaichean a chaidh seachad.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!