FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Eilidh MacKenzie’s chocolate cake A’ chèic theòclaid aig Eilidh NicChoinnich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

A’ chèic theòclaid aig Eilidh NicChoinnich

[Eilidh] So tha sinn a’ cur a h-uile càil ann an seo. Seo ochd unnsaichean flùir, self-raising feumaidh tu a chleachdadh, agus an aon caster sugar, ochd unnsaichean cuideachd, agus marg an aite ìm. Ochd unnsaichean cuideachd.

[Màiri] Ochd unnsaichean den a h-uile sìon . Mar sin tha mi a’ smaointinn gur e sponge gu math mòr a bhios an seo.

[Eilidh] ’S e. Tha sinn ga dhèanamh ann an dà leth agus ga chur air muin a chèile. Nise seo dà table spoon còco, dà spàin teatha baking powder, ceithir uighean agus dà tablespoon bùrn blàth.

[Màiri] A h-uile sìon dìreach uile còmhla dhan bhobhla?

[Eilidh] Mm-huh.

[Màiri] Cò dh’ionnsaich seo dhut?

[Eilidh] Leabhar, ach ’s e dà reasabaidh a th’ ann is chuir sinn na dhà còmhla. Bha aona, cha robh thu a’ cur a h-uile càil ri chèile ach tha e nas fhasa mar seo is tha e gu math blasta cuideachd. Ach tha mi a’ dol a chur seo timcheall a-nis, h-uile càil còmhla gus am bi a h-uile càil mar aon.

[Eilidh] Seo a-nis. Tha mi a’ smaointinn gu bheil seo deiseil. Tha sinn a’ dol ga roinn eadar an dà thiona agus ga chur dhan àmhainn.

[Màiri] Dè seòrsa teas?

[Eilidh] Mas e fan oven a th’ agad, ceud is ceathrad airson leth-uair a thìde no ceud is seasgad airson fichead ’s a còig mionaid ma tha an àmhainn againn agad.

[Màiri] Dè tha a’ dol dhan icing ma-thà?

[Eilidh] Ìm, icing sugar agus còco is rud beag bùirn. Ann an seo tha dà unnsa ime agam is tha mi a’ dol a chur unnsa còco a-steach ann agus rud beag dhen seo. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sia unnsaichean icing sugar ann an seo ach cuiridh sinn rud beag ann an toiseach.

[Màiri] Tha fhios gum feum thu deagh chuid icing co-dhiù. Am bi thu a’ cur icing eadar an dà chèic ...

[Eilidh] Agus air am mhuin.

[Màiri] ... agus air a’ mhullach? So feumaidh tu deagh chuid.

[Eilidh] Agus rud beag bùirn is tha mi a’ dol a chur seo timcheall agus a’ cur seo ann cuideachd agus chì sinn mar a thèid dhuinn.

[Eilidh] Tha mi a’ dol a dhèanamh dà leth air an seo ’s a chur leth anns a’ mheadhan agus an leth eile air a’ mhullach.

[Màiri] Tha an icing a’ coimhead fìor mhilis.

[Eilidh] Tha.

[Màiri] Chan fheum e a bhith ach tana cuideachd air sgàth ’s tha thu ga chur air a’ mhullach agus anns a’ mheadhan.

[Eilidh] Chan eil feum agad air tòrr a bharrachd idir. Feumaidh tu a bhith faiceallach leis a’ mhullach oir bidh e a’ steigeadh ris an icing uaireannan. So cuir air bìdeag mar seo e.

[Màiri] ’S dòcha uisge teth no rudeigin a dh’fheumas tu.

[Eilidh] Agus spatula, bidh sin ag obrachadh cuideachd. Tha mi a’ smaoineachadh gum bi sinn ceart gu leòr.

[Màiri] ’S dh’fhaodadh tu, can, sponge sam bith a dhèanamh. Sponge coffee.

[Eilildh] Dh’fhaodadh. Tha e gu math furasta.

[Màiri] Blas sam bith a dhèanamh leis dìreach anns an aon dòigh anns an do rinn thusa an teòclaid.

[Eilidh] Dh’fhaodadh. Bidh sinne a’ dèanamh ... ’s e an aon rud a tha sinne a’ cleachdadh - ochd unnsaichean flùir, siùcar, marg, ceithir uighean agus an uair sin cofaidh an àite còco, ach dìreach cuir mu dhà tablespoon instant coffee a tha thu air a dhèanamh an àird agus rud beag a bharrachd flùir agus obraichidh sin. Seo nis, faodaidh sinn seo fheuchainn.

[Màiri] Seall cho snog ’s a tha sin a’ coimhead.

[Eilidh] Seo a-nis.

[Eilidh] A bheil e ceart gu leòr?

[Màiri] Chan eil e ro mhilis. Sin mar as toigh leamsa e. Fìor mhath.

[Eilidh] Nì sin a’ chùis.

[Màiri] Saoil an gabh a reic?

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!