FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Taking a radiator off a wall A' toirt rèididheatar far balla

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme DIY Le Donnie. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram DIY Le Donnie

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

A' toirt rèididheatar far balla

[Donaidh] A' chiad rud a tha mi a' dol a dhèanamh anns an rùm suidhe 's e na rèididheatars a thoirt far a' bhalla.

[Donaidh] Fiù 's mur eil thu a' dèanamh pròiseact mòr mar a tha mise, tha e feumail airson an leithid peantadh agus boltaigeadh.

[Donaidh] Feumaidh mi na thermostat valves a dhùnadh sìos an toiseach. Agus an uair sin air a' cheann eile, 's e seo lock shield valve. Tog am mullach dheth agus dùin sìos e. Dìreach cuir car no dhà ann. Sin e, dùinte.

[Donaidh] Agus a-nis air ais an seo lena spanners. 'S e water pump pliers agus shifting spanner a tha mi a' cleachdadh an seo. Agus le beagan cuideim, sin e. An do thoisich e? Sin an t-uisge dìreach a' tòiseachadh a' tighinn a-mach. Le rud plastaig mar seo, tha iad sin caran feumail airson glacadh an uisge.

[Donaidh] Bi faiceallach le seo. Agus nuair a dh'fhàsas e caran slaodach, leig a-steach beagan èadhair leis an iuchair seo.

[Donaidh] Sin e a' tòiseachadh a-rithist.

[Donaidh] Tha e feumail aig an ìre seo gu bheil dà chanastair agad air sgàth feumaidh tu a bhith cliobhair leis an uisge a chur dhan pheile.

[Donaidh] Agus tòisich a-rithist. Tha mi a' dol a thoirt seo dheth a-nis.

[Donaidh] Sin e. Agus an aon seòrsa rud. Cuir an spanner dìreach mun cuairt mar sin. Ò tha e caran teann, nach eil? Cùm grèim air an seo. An àirde, beagan mar sin.

[Donaidh] Agus beagan uisge an seo. Cuir an canastair ann a-rithist. Bidh beagan ann. Sin e.

[Donaidh] Nise, bi cinnteach gu bheil tòrr rudan mun cuairt na pìoba nuair a tha sinn a' dol a thogail na rèididheatair far a' bhalla.

[Donaidh] Feumaidh tu a bhith caran tapaidh a-nis air sgàth tha mi a' dol a thogail na rèididheatair beagan agus an uair sin a-mach. Agus thig an t-uisge salach a-mach aig a' cheann sin. A h-aon, a dhà, a trì. An àirde 's a-mach. Tog an àirde e.

[Donaidh] Seall cho salach 's a tha seo. Nach math nach deach e air a' charpet!

Chaidh am prògram seo, DIY Le Donnie, a chraoladh an toiseach ann an 2014. Le taing do BBC Gàidhlig.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!