FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Màiri’s baked alaska ’Alaska san àmhainn’ aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

’Alaska san àmhainn’ aig Màiri

[Màiri] Rinn mi cèic phlèan dìreach mar a sheall Sìne dhomh agus sin far a bheil ‘Alasga san àmhainn’ a’ tòiseachadh. Tha mi a’ suathadh silidh sùbh-làir air agus a-nis tha meringue ri dhèanamh.

[Màiri] Trì gealagan uighe agus sia unnsa siùcair mìn.

[Màiri] Nis mar a chì sibh, tha am meringue air fàs gu math tiugh. Feumaidh am meringue a bhith cho tiugh ’s nan cuireadh tu os cionn do cheann e nach dòrtadh e às a’ bhobhla. ’S an ath rud, tha an sponge agam deiseil ’s jam air an sponge agus ann an seo tha mi a’ dol a chur ceithir no còig cnapan reòiteig. Ann an cumadh mar seo, cumadh pioramaid mar seo. Agus ’s toigh leamsa a bhith a’ cur rud beag measan, strawberries no raspberries no ge bith dè th’ agaibh, dìreach an lùib an ice cream.

[Màiri] Agus an uair sin tha mi a’ dol a chur meringue air feadh an ice cream, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an ice cream agus na measan air an còmhdach air fad.

[Màiri] Nis cha bhi mise a’ còmhdach ach mullach na cèice ach dh’fhaodadh tu na taobhan a dhèanamh cuideachd.

[Màiri] Sin a-nis.

[Màiri] Agus feumaidh tu a bhith luath aig an stage seo agus dìreach seo fhaighinn dhan àmhainn. Tha e nas fheàrr ma tha an àmhainn teth. A-staigh dhan àmahinn. Dà cheud airson ’s dòcha deich mionaidean.

[Màiri] Agus cho luath ’s a bhios dath brèagha òir air a’ mheringue chan eil an còrr ri dhèanamh ach ithe.

[Màiri] Chì sibh a-nis. Chì sinn ciamar a tha am blas ge-tà. Uabhasach milis ach math. Math fhèin!

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!