FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Island of the Sheep – Falkland Isles Eilean nan Caorach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Eilean nan Caorach

[Dòmhnall] Fiadhaich, fliuch, fosgailte. ’S e Eilean nan Caorach a chanas sinn anns a’ Ghàidhlig gus an latha an-diugh ris na h-Eileanan Falkland. Stèidhich am Falkland Isles’ Company a’ chiad tuathanas chaorach an seo ann an ochd ceud deug leth-cheud ’s a naoi. Cha robh ach ceud caora an seo meadhan na linne, ach ann an ochd deug ceithir fichead ’s a còig bha còrr air naoi fichead mìle ann.

[Dòmhnall] Bha luchd-obrach a dhìth air a’ ghnìomhachas ùr. Airson cìobairean à Breatann a thàladh cho fada bhon dachaigh b’ fheudar do Chompanaidh Eilean nan Caorach am faradh a phàigheadh agus deagh thuarastal a thabhainn. B’ ann à Alba a thàinig mòran dhe na cìobairean agus b’ e Gàidheil a bh’ ann an tòrr dhiubh. Ach cha b’ fhada gus an do dh’fhàs gnìomhachas caorach nan eilean ro mhòr. Thàinig air muinntir Eilean nan Caorach a dhol a lorg feurach às ùr.

[Dòmhnall] Tha Eilean nan Caorach dà cheud mìle a-mach far tìr-mòr Phatagonia. Tha Patagonia air a roinn eadar Chile ’s Argentina, ged nach robh a’ chrìoch a’ ciallachadh mòran meadhan na naoidheaimh linne deug. B’ e glè bheag de dh’Eòrpaich a bh’ air tighinn an rathad. ’S e Punta Arenas an aon bhaile a bha anns an àite.

[Dòmhnall] Tha Punta Arenas air fear dhe na bailtean mòra as fhaide deas air an t-saoghal. A’ coimhead a-mach thar Caolas Mhagellan agus an Antartaig tha na beanntan ’s na raointean-deighe ga sgaradh bhon chòrr de Chile. Tha Punta Arenas cho fada às a’ phrìomh bhaile, Santiago, ’s a tha Inbhir Nis à cladach a tuath Afraga.

[Dòmhnall] Cha b’ e an toiseach tòiseachaidh a b’ fheàrr a bh’ aig a’ bhaile mhòr, thrang a tha seo. Thòisich e na àite anns am biodh iad a’ cumail phrìosanach ann an ochd deug dà fhichead ’s a naoi ach ’s ann ann cuideachd a thòisich gnìomhachas mòr nan caorach ann am Patagonia.

[Dòmhnall] Dìreach dusan bliadhna an dèidh dhaibh Punta Arenas a stèidheachadh thàinig na ciad threudan mhòra à Eilean nan Caorach gu taobh Chile de Phatagonia.

[Dòmhnall] Cha b’ fhada gus an robh iad ann an Argentina cuideachd. Thàlaidh an t-airgead mòr a bh’ air a dhèanamh tuilleadh thuathanaich à Breatann ’s à dùthchannan eile anns an Roinn Eòrpa. Chaidh Patagonia - dà thaobh na crìche - a roinn a-mach na thuathan no na estancia mòra uabhasach.

[Dòmhnall] Cha robh na bu mhotha am measg nan uachdaran ùra naJose Menendez. B’ ann às an Spàinn a bha e bho thùs ’s thàinig e a Phunta Arenas ann an ochd deug trì fichead ’s a ceithir deug nuair a bha e ochd bliadhna fichead. Cha b’ fhada gus am b’ e an tuathanach chaorach a bu mhotha a bh’ air an t-saoghal.

[Dòmhnall] Thog Menendez companaidh mhòr uabhasach, La sociedad importadora y exportadora de la Patagonia. ’S i a bha a’ ruith Phatagonia gu ìre mhòr, a’ togail ròidean feòla, a’ stèidheachadh bancaichean agus fiù ’s an cuid luingeis fhèin.

[Dòmhnall] Tha meudachd ’s grinneachas taigh Mhenendez, Villa San Gregorio, ag innse tòrr mu shaoibhreas ’s mu chumhachd an duine fhèin.

[Dòmhnall] Bha Menendez ro sheòlta ’s ro mhath air a’ ghnothaich airson feuchainn ri farpais an aghaidh nam Breatannach. ’S e a rinn e ach Breatannaich fhastadh nan stiùirichean air na tuathan, ’s an uair sin eilthirich à diofar dhùthchannan nan luchd-obrach aige - Spàinnich, Fraingich ’s Cròthaisanaich am measg eile. Ach b; e Albannaich a bh’ anns a’ chuid a bu mhotha dha na cìobairean ’s bha e gu h-àraidh dèidheil air na Gàidheil.

[Dòmhnall] Bha ìmpireachd Mhenendez ga riaghladh à San Gregorio ann an Chile. Bha sia tuathan deug agus dà mhillean caora aca air feadh a’ chinn a deis. Bha ionad cudromach eile aig Rio Grande air Eilean Tierra del Fuego.

[Dòmhnall] Bha Estancia Jose Menendez faisg air Rio Grande air tè de leacan oir na h-ìmpireachd.B’ e Gàidheil a bh’ ann an tòrr dhe na cìobairean an seo ’s bha cuid aca nan stiùirichean mu dheireadh.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!