FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seonag Smith’s Mini Yorkshire Puddings Na bonnaich bheaga Yorkshire aig Seonag Nic a’ Ghobhainn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Na bonnaich bheaga Yorkshire aig Seonag Nic a’ Ghobhainn

[Màiri] A Sheonag a-nis, na greimeannan beaga a tha seo a bhiodh math nam biodh duine a’ tighinn thugaibh airson drama no ...

[Seonag] ’S e, dìreach rud beag a ghabhadh ithe ro làimh no còmhla ri drama no rudeigin mar sin.

[Màiri] Innis dhuinn dè tha sibh a’ dol a dhèanamh ma-thà.

[Seonag] Uill chan eil mi ach a’ dol a dhèanamh mar gum biodh tu a’ dèanamh Yorkshire puddings mar as àbhaist ach tha mi gan dèanamh beag agus tha mi a’ dol a chur annta sausages ann am feadhainn dhiubh le rud beag pickle agus pìos feòla anns an fheadhainn eile le horseradish sauce. Dìreach bìdeag de roast beef no rudeigin mar sin. Ach ’s e stèig bheag a rinn mise. Bhruich mi e agus tha thu ga dhèanamh, chan eil thu ga dhèanamh, tha thu ga fhàgail gu math rare airson ’s gum bi e caran pinc anns a’ mheadhan.

[Seonag] So feuchaidh sinn air na Yorkshire puddings an-dràsta co-dhiù. Chan eil tomhas idir agamsa air an seo. Cha bhi mi ach gan dèanamh. Bidh mi a’ cur dà ugh agus trì no ceithir a spàinean. So tha thu ga thomhas. Tha thu a’ gabhail tuairmse nuair a tha thu ga dhèanamh ’s a’ cur bainne ann. So tha eagal orm nach urrainn ... ach dìreach an dòigh, ge bith dè an dòigh as àbhaist dhut a bhith a’ dèanamh Yorkshire puddings.

[Màiri] Agus tha ola agaibh an-dràsta a’ teasachadh san àmhainn.

[Seonag] Tha, anns an tiona. Feumaidh tu an ola a bhith uabhasach teth anns na tionaichean mus cuir thu ann an gnothach no tha sin a’ fàs, an uair sin èirighidh iad nas fheàrr.

[Màiri] Tha e an-còmhnaidh math rudan ùra fhaicinn, dìreach greimeannan beaga a dh’fhaodadh a bhith agad nan tigeadh duine a chèilidh.

[Seonag] Uill ’s iomadh rud a dh’fhaodadh tu a dhèanamh ach tha seo furasta ’s tha e caran diofrach. ’S toigh leam e, Dh’fheuch mi e turas no dhà mu thràth Tha e dìreach rud beag diofrach on àbhaist.

[Màiri] Faodaidh tu an dèanamh a-rithist ro làimh ...

[Seonag] Dh’fhaodadh tu sin.

[Màiri] ... no an cumail anns am freezer.

[Seonag] Uill tha iad a’ cumail gu math sa freezer. Cumaidh iad uabhasach math ann, Yorkshire puddings.

[Seonag] So siud a-nis.

[Seonag] Dìreach gan lìonadh letheach. Na lìon suas iad idir.

[Màiri] Agus mur a bheil an ola teth gu leòr, dè thachras?

[Seonag] Uill chan èirich iad ’s dòcha cho mòr.

[Màiri] Cho furasta an ceannachd a-nis sa bhùth cuideachd, nach eil?

[Seonag] A bheil? Am bi thu gan ceannachd?

[Màiri] Cha bu chòir dhomh a bhith ag aideachadh gum bi.

[Seonag] Right so tha an àmhainn cho teth ’s a thig i agus.

[Màiri] Dè cho fada?

[Seonag] Deich mionaidean.

[Seonag] Ma tha pìos mòr feòla agad tha sin alright ach dìreach bìdeag beag stèig mar seo, fillet steak a th’ agam an seo an-dràsta, agus ga ghearradh uabhasach tana agus cha leig e leas a bhith cho, faodaidh tu barrachd bruich a thoirt dha ma tha thu airson.

[Màiri] Cha chreid mi nach fheumainn-sa barrachd bruich a thoirt dha.

[Seonag] Cha toigh leat idir mar seo e?

[Màiri] Dhèanainn math nan ithinn mar sin e.

[Seonag] ’S toigh leam fhìn mar seo e. Ach ga ghearradh meadhanach math tana a chionn ’s chan eil thu ach a’ cur pìos beag dheth ann an siud còmhla ri sabhs agus mar a tha mi ag ràdh chan eil ann ach grèim làn do bheòil.

[Seonag] So a-nis tha an sabhs a tha seo agam. ’Se horseradish a tha seo agus dìreach rud beag de mhayonnaise agus rud beag de dh’uachdar còmhla ris a chionn ’s tha horseradish leis fhèin gu math làidir. So tha thu dìreach a’ cur rud beag dheth ann an siud. Agus tha na pìosan a tha seo caran mòr so feumaidh tu dìreach an gearradh gus an tig iad am broinn an rud.

[Màiri] Coimhead sin, cho snog ’s a tha sin.

[Seonag] Tha e gu math blasta cuideachd. Nis, tha feadhainn eile agam ann an seo agus tha mi a’ dol a chur sausages annta.

[Màiri] Dh’fhaodadh tu fiu ’s filling sam bith a chur annta, nach fhaodadh?

[Seonag] Dh’fhaodadh tu rud sam bith a chur annta ach dìreach air sailleabh gur e Yorkshire puddings ’s e a dh’fhag gun robh mi a’ cur anroast beef ann. Agus nis tha am fear-sa agam, dìreach pickle sam bith a chòrdas riut fhèin. Agus cuir ann...

[Màiri] Sausage.

[Seonag] ... sausage air a ghearradh beag no even ma tha sausages bheaga agad.

[Màiri] Coimhead cho snog ’s a tha iad a’ coimhead.

[Seonag] Tha iad glè bhlasta. A bheil thu ag iarraidh tè?

[Màiri] ’S toigh leam an size.

[Seonag] ’S e. Tha e dìreach mar a bha mi ag ràdh, làn do bheòil. Sin a th’ ann.

[Màiri] Tha mi a’ smaoineachadh gum bi seo math còmhla ri glainne fìon.

[Seonag] Chòrdadh seo ris a’ chloinn cuideachd. Bhiodh seo math son, eil fhios agad, parties cloinne mur eil iad ag iarraidh mòran ri ithe seach a bhith ag ithe rudan milis fad an t-siubhail. Còrdaidh seo ri clann. So a bheil thu fhèin a’ dol a dh’fheuchainn tè?

[Màiri] Cha chreid mi nach fheum mi. Tha iad a’ coimhead cho math.

[Seonag] So feuch tè dhiubh siud ma-thà. Dè do bharail?

[Màiri] Seo sausage agus pickle?

[Seonag] Sausage agus pickle a tha sin so feuch i.

[Màiri] Cho aotrom ’s a tha iad.

[Seonag] Nach eil? Tha. Tha iad math.

[Màiri] Math fhèin.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!