FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The most important thing from the cow An rud as cudromaiche bhon bhò

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An rud as cudromaiche bhon bhò

[Aileig Caimbeul] Bha visitor agam an seo trup agus chuir e sìos cupan tì agus bha mi ag innse dha nach e really fàileadh ceart a tha seo ann. Gum biodh an crodh againne air an àirigh agus robh mi a' miannachadh bò bheag jersey fhaighinn. Mar sin, bhiodh am banne againne, 's e am bainne am main thing a tha e ag ràdh rithe. Am main thing a’ faighinn a h-uile càil às a' bhoin sin. A' faighinn ìm 's bainne, bàrr, sailleadh airson an teasachadh, bainne gort, bainne binid, blàthach.

[Murdag Chaimbeul] A' bruidhinn mu ìm na bà, ìm ùr, Ò 's e a bha math.

[Aileig Caimbeul] Agus a' chiad dhà no trì bhleoghainnean a bhiodh tu a' faighinn bhon bhoin air a bheireadh i, bha thu a' faighinn unns

[Murdag Chaimbeul] Ò, bha

[Aileig Caimbeul] Nise, bha sin iongantach, bhon an aon, from the one item, bainne. Cha leigeadh tu leas siùcar, bha iad a' deasachadh am b' urrainn agad bha sinn a' breacadh. Duine bhon àirigh a chaidh a thogail air an àirigh, cha dìochuimhneachadh iad gu bhràth iad.

[Preseantair] B' e an crodh an rud a bu chudromaiche air fad ann am beatha an t-sluaigh mus robh airgead aig daoine. 'S e rud mòr a bh' ann nuair a bheireadh bò air croit gun stuth bainne an dèidh mhìosan gun stuth bhainne. 'S ann mar as trice as t -Earrach a bhiodh crodh a’ breith agus bha seo a' ciallachadh bainne 's a h-uile càil a bha na cois an còrr den bhliadhna sin.

Chaidh am prògram seo, Annlan, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!