FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Stories of magic Sgeulachdan draoidheil

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Sgeulachdan draoidheil

[Anna] Ruairidh Alasdair an toiseach, thug mi iomradh air an sin, air na cànanan a tha thu a' bruidhinn. Bha dualchas Gearmailteach gu math cudromach dhut ag èirigh suas.

[Ruairidh Alasdair] Chan eil ceist sam bith ann mun sin agus gu h-iongantach 's e Gearmailtis a dh'ionnsaich mi fiù 's mus do dh'ionnsaich mi Beurla. 'S e Gàidhlig a bh' againn riamh san dachaigh 's thàinig Gearmailtis beagan an dèidh làimh ach bha sin a' ciallachadh gun do thòisich mi san sgoil, sa bhun-sgoil, gun cus Beurla agam 's tha mi a' smaointinn do mhòran gu bheilsin caran mì-àbhaisteach 's thuiginn carson a bhiodh ceist ann mun sin ach a' coimhead air ais chan eil mi a' smaointinn gun dèanainn fhìn dad sam bith eadar-dhealaichte.

[Anna] Agus bha sin ri linn 's gu bheil càirdean agad anns a' Ghearmailt.

[Ruairidh Alasdair] Sin ceart. Àidh. Mo sheanmhair. Nise, tha ise gu bhith ceithir fichead 's a còig a dh'aithghearr ach tha ise fhathast a' fuireach anns a' Ghearmailt. Bha i a' fuireach ann an Alba deagh ghreis cuideachd 's mar sin tha beagan de cheangal aice fhèin ri Alba cuideachd, ach air sgàth sin bha mi riamh a' faireachdainn gun robh ceangal pearsanta agam fhìn ris na Gearmailtich, ri Gearmailtis fhèin, ris a' chànan 's air sgàth sin tha mi a' faireachdainn gu math cofhurtail 's anns an dachaigh anns a' Ghearmailt cuideachd.

[Anna] A thaobh an leughaidh a bha thu a' dèanamh nuair a bha thu a' fàs suas, dè seòrsa rud a bha a' còrdadh riut?

[Ruairidh Alasdair] Seadh, ceist gu math fosgailte a tha sin 's tha e caran doirbh a fhreagairt. Bha iomadh, iomadh rud, tha mi a' smaointinn, agus ann an iomadh cànan cuideachd, mar a thuigeadh sibh. Ach tha mi a' smaointinn a' chiad leabhar, tha mi a' smaointinn, a ghlac m' aire, tha mi a' smaointinn gur e Treasure Island aig Robert Louis Stevenson 's tha mi a' smaointinn gun cluinn sinn beagan mun sin 's dòcha nas anmoiche sa phrògram, ach dhòmhsa sin a' chiad sgeul, tha mi a' smaointinn, a ghlac m' aire gu ceart. Tha e doirbh, tha mi a' smaointinn, de ghillean no de nighean a tha a' fàs suas a bhith a' lorg an seòrsa sgeul a tha a' còrdadh riutha gu mòr, chanainn. Nise tha cuimhne agam leugh mi an stuth aig C S Lewis, mar eisimpleir The Lion, The Witch and The Wardrobe mar eisimpleir, 's bha mi a' smaointinn rium fhìn "chan e seo buileach an stoidhle agamsa, tha mi feumach air rudeigin eadar-dhealaichte" 's tha mi a' smaointinn gun d' fhuair mi sin le Treasure Island aig Robert Louis Stevenson.

[Anna] Nach toir sinn sùil air a' chiad leabhar a thug thu a-steach thugainn a-nochd.

[Ruairidh Alasdair] Seadh.

[Anna] 'S e leabhar a th' ann a th' air, sgeulachd a tha air cliù a chosnadh bho chionn goirid ri linn filmichean. Innis dhomh dè th' ann agus carson a thagh thu e.

[Ruairidh Alasdair] Seadh a-nis, uill seo The Hobbit aig Maighstir J R R Tolkien. Ainm a tha seo, tha mi a' smaointinn, a tha air fàs uabhasach fhèin ainmeil anns na bliadhnaichean mu dheireadh,tha mi a’ creidsinn, agus gu h-iongantach 's e seo seat de sgeulachdan a tha a' tighinn gu aire mhòran, tha mi a' smaointinn, tro mheadhan cinema 's chan ann tro mheadhan litreachais.

[Anna] 'S ann mar sin a thàinig thusa chun na sgeulachd.

[Ruairidh Alasdair] Tha sin fìor. Àidh. Tha cuimhne agam nuair a bha mi fhìn sa bhun-sgoil bha a h-uile duine ag ràdh a-nis "ò feumaidh tu, feumaidh tu falbh a dh'fhaicinn Lord of the Rings, Fellowship of the Ring" 's bha mi a' cantail rium fhìn "cha dèan sin dad sam bith dhòmhsa" ach gun teagamh sam bith an dèidh dhomh am film fhèin fhaicinn bha mi a' smaointinn "'s mi a bha ceàrr, 's mi a bha ceàrr". An dèidh dhomh am Fellowship of the Ring fhaicinn aig taigh nan dealbhan cheannaich mi The Hobbit 's an dèidh sin na trì leabhraichean Lord of the Rings cuideachd. Leabhraichean gu math eadar-dhealaichte. The Hobbit, chaidh sin a sgrìobhadh airson feadhainn a tha pìos nas òige na tha mi fhìn an-diugh agus ...

[Anna] Ach dhan fheadhainn a tha a-muigh an sin 's dòcha nach cuala riamh mu dheidhinn an Hobbit dè tha a' tachairt san sgeulachd?

[Ruairidh Alasdair] Seadh. Uill 's e an caractar as cudromaiche fear leis an ainm Bilbo. Airson neach a tha air Lord of the Rings a leughadh bidh iad eòlach air an ainm sin, Bilbo Baggins. 'S e creutair beag leis an ainm hobbit a th' ann 's tha esan a' faighinn fiathachadh bho dhraoidh, Gandolf, agus o sheat de throichean falbh air cuairt, tha mi cinnteach gum b' urrainnear a ràdh, agus tron leabhar cha bhi sinn dìreach ag ionnsachadh mun chuairt a tha seo. Bidh sinn ag ionnsachadh tuilleadh mu dheidhinn Bilbo fhèin 's tha mi a' smaointinn gur e sin an rud as cudromaiche san leabhar a tha seo, mar a bhios an caractar fhèin a' fàs na phearsa, mar a bhios esan a' cruinneachadh misneachd cha mhòr. Tha e inntinneach agus math, math fhèin a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn uilebheistean agus iomadh cultar agus smuain eile 's dòcha ...

[Anna] Dè bha cho tarraingeach dhutsa mu dheidhinn? Dè dìreach a bha tarraingeach?

[Ruairidh Alasdair] Seadh. Uill dhòmhsa, seo a-nis a' chiad leabhar, tha mi a' smaointinn, a chuir air bogadh mi ann an dòigh no saoghal gu tur eadar-dhealaichte, tha mi a' smaointinn. Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn Robert Louis Stevenson mar-thà. Tha sin caran builteach a bhith caran fìor. Tha na leabhraichean aigesan fìor gu ìre air choreigin. Seo a-nis, na leabhraichean aig Tolkien, an saoghal aig Tolkien, 's e rudeigin gu tur eadar-dhealaichte ...

[Anna] Saoghal fa leth a bha sin.

[Ruairidh Alasdair] Dìreach, dìreach.

[Anna] Saoghal fa leth.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!