FaclairDictionary EnglishGàidhlig

James Matheson's Castle Caisteal Sheumais MhicMathain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Caisteal Sheumais MhicMathain

[Dòmhnall] Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh anns na h-Eileanan Siar. Ìomhaigh bhrèagha dhan luchd-turais agus deagh shamhla air grinneachas Bhictorianach an latha. Ach 's ann le airgead dhrugaichean a chaidh an caisteal a thogail.

[Dòmhnall] Rinn Seumas MacMathain fhortan air obair gràineil an opium ann an Sìona. 'S ann às an Luirg ann an Cataibh a bha e bho thùs agus cheannaich e Leòdhas ann an ochd deug dà fhichead 's a ceithir.

[Dòmhnall] Chosg an caisteal ceud mìle not dhan Mhathanach aig àm nuair a bha màl croite ann an Leòdhas dìreach còrr air trì notaichean. Cha b' urrainn dhan dhà shaoghal a bha sin a bhith na b' fhaide bho chèile.

[Dòmhnall] Cha robh cor nan daoine air an robh Mathanach na uachdaran uile chumhachdach ach mar a bha na ceudan mhìltean Gàidheil air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Bha iad an urra ris an fhearann airson beòshlàinte ach cha robh còir cinnteach sam bith aca air an fhearann sin. Bha iad bochd 's an teachd a-steach neo-chinnteach. Bha an t-eilean air buille mhòr fhulang nuair a shearg obair na ceilp. Chaidh an uair sin am buntàta a dhìth 's thàinig a' ghort. Dh'fheumadh an t-uachdaran rudeigin a dhèanamh.

[Joni Bhocanan] Nuair a cheannaich e Leòdhas thòisich e work schemes, ag obair air ròidean agus togalaichean 's rudan timcheall a' chaisteil 's nan loidsichean a bha air feadh an àite, agus gu mì-fhortanach cha robh na rudan sin a' dèanamh rudan mòran math dha na daoine, dha na croitearan. Agus cuideachd cha robh iad a' faighinn mòran sam bith a phàigheadh air a shon. Glè thric 's e am pàigheadh a bha iad a' faighinn 's erelief meal agus buntàta a bh' air a chur a-nuas bho charities tron Eaglais Shaoir agus air feadh na Galltachd.

[Dòmhnall] Tha an caisteal a thog eileanaich acrach an-diugh falamh. 'S e sgoil a bh' ann a' chuid mhòr dhen linn-sa ach tha e air a bhith a' dol a dhìth bho chionn bhliadhnaichean. Ged a tha an t-ùghdarras ionadail a-nis a' feuchainn ri a leasachadh, tha an togalach na shealladh?. Ach truagh 's gu bheil e sheas e na b' fhaide na sheas geallaidhean an uachdarain leis an robh e.

[Dòmhnall] Nuair a cheannaich MacMhathain Eilean Leòdhais gheall e nach cuireadh e duine a-null thairis an aghaidh a thoil ach mu ochd deug leth-cheud 's a h-aon bha planaichean gan cur an gnìomh airson timcheall air dà mhìle gu leth neach a chur air falbh, faisg air siathamh cuid de shluagh nan tuathan. Chaidh an cuideachadh airson imrich a dhèanamh ach 's e cuideachd glè bheag roghainn a bh' aca.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!