FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mary Ann MacKenzie’s scones with duck Na Sgonaichean le Sitheann Tunnaige aig Màiri Anna NicChoinnich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Na Sgonaichean le Sitheann Tunnaige aig Màiri Anna NicChoinnich

[Màiri Anna] Tha ochd unnsaichean flùir plèan ann.

[Màiri] Seo a-nis dìreach sgonaichean plèana...

[Màiri Anna] Sgonaichean plèan.

[Màiri]... a dh’fhaodadh sibh a chleachdadh mar sgona no ’s dòcha mar...

[Màiri Anna] No dh’fhaodadh tu càise a chur ann no dh’fhaodadh tu cayenne pepper no salann no piobar no rudeigin den t-seòrsa sin a chur ann cuideachd, agus dh’fhaodadh tu a dhèanamh milis. Dh’fhaodadh tu herbs a chur ann cuideachd nam biodh tu airson ach ’s e dìreach sgona phlèan a tha seo. Dìreach airson am base, gum bi e plèan.

[Màiri Anna] Tha mi a’ cur an-dràsta rud beag sòda agus dà spàin cream of tartar ann. Agus rud beag bìodach siùcair, ged a tha iad plèan. Agus a’ measgachadh sin ri chèile agus an uair sin a’ cur rud beagime , dìreach mu dhà unnsa ime , agus a bhith caran bog airson tha e nas soirbhe a mheasgachadh suas. Cuideachd tha ugh agus drùthag bheag bhainne a’ dol ann.

[Màiri Anna] Caran beag an aon rud ’s a rinn thu am pastraidh ach nach eil e buileach cho... Tha e gu math. Tha tòrr a tha a’ cur ugh ann an sgona ach cha leig thu leas an t-ugh a chur ann mur a togair tu fhèin ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil ugh a’ toirt dha, tha e ga dhèanamh nas aotraime, tha mi a’ smaoineachadh.

[Màiri Anna] Gus an tig e, cha mhòr nach eil am bobhla agad glan ’s cha leig thu leas mòran nighe a dhèanamh air.

[Màiri] Agus mar as lugha làimhseachadh a gheibh iad ’s ann as fheàrr.

[Màiri Anna] ’S e, ’s ann as fheàrr. Dìreach dèan cho beag ’s as urrainn dhut de làimhseachadh orra.

[Màiri Anna] Agus dìreach a tharraing ri chèile mar siud. Tha an sgona, tha e soirbh a dhèanamh agus tha e... ’S toigh leis a h-uile duine sgona. Uill tha mi a’ smaoineachadh gur toigh leis a h-uile duine sgona co-dhiù. Agus faodaidh tu, dh’fhaodadh tu flùr eadar-dhealaichte a chur ann. Dh’fhaodadh tu flùr donn no flùr granary flour agus tha bìdeagan beaga de, fhios agad, de seeds ann agus dh’fhaodadh tu sin a chleachdadh cuideachd agus tha sin math. Nise, cha bhi mise a’ cleachdadh rolling pin airson sgonaichean idir. Chan eil mi ach dìreach ga chur a-mach le mo làimh mar sin, even nuair a bhios tòrr agam. Dìreach dèan cinnteach dìreach, tha, mar a bha na cailleachan ga dhèanamh fada mus robh rolling pins aca. Dìreach ga chur a-mach mar sin agus an uair sin. Nise, nam b’ urrainn dhut faighinn fear na bu lugha na sin ’s dòcha bhiodh sin a cheart cho math cuideachd. Dìreach gan gearradh ann am bìdeagan beaga mar sin agus cha leig thu leas ach leth-sgona a chleachdadh airson canape.

[Màiri] Tha iad sin a’ coimhead snog, dìreach deagh size.

[Màiri Anna] Tha mi a’ smaointinn gu bheil iad siud...

[Màiri] Blasad beag an àite...

[Màiri Anna] ’S e, blasad beag ach mar a chanadh na fireannaich tha e nas fheàrr na pàirt de na canapes beaga bìodach, fhios agad an fheadhainn bheaga bhìodach. Chan eil grèim fhèin annta.

[Màiri] Nise a Mhàiri Anna, tha na sgonaichean seo air fuarachadh agus tha iad a’ coimhead fìor mhath. A bheil sibh toilichte leotha?

[Màiri Anna] Tha, tha mi toilichte leotha. Tha mi toilichte gun do thionndaidh iad a-mach cho math agus eagal orm nach, fhios agad, nach biodh iad dìreach a’ coimhead snog gu leòr airson rud den t-seòrsa seo.

[Màiri] Tha Màiri Anna a’ sliseadh feòil na tunnaige a chaidh a smocadh a-staigh aice fhèin. Tha i a’ cur suathachadh math càise uachdarach agus chutney air na sgonaichean agus gan còmhdach le slisean feòla.

[Màiri] ’S toigh leam na blasadan.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!