FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A dark story from Argyll Sgeulachd dorcha à Earra-Ghàidheal

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Sgeulachd dorcha à Earra-Ghàidheal

[Anna] 'S dè na rudan eile a bhiodh tu a' leughadh?

[Anna] Bhithinn a' leughadh rud sam bith nuair a bha mi òg. Càil. Bha an t-uabhas leabhraichean againn anns an taigh agus dìreach cha mhòr nach robh cuspair ann nach robh a' còrdadh rium ach gu h-àraidh nuair a bha mi gu math òg, bhiodh leabhraichean mu dheidhinn daoine, 's dòcha mu dheidhinn bheathaichean agus stuthan nàdarra cuideachd. Tha sin fhathast fìor san latha an-diugh cuideachd. Tha na h-aon chuspairean fhathast a' còrdadh rium, gu h-àraidh mu dheidhinn daoine agus mu dheidhinn a' chruth-tìre 's mar sin cuideachd.

[Anna] Nise mar a thuirt mi rugadh tu anns an Eilean Dubh. Thogadh tu anns an sgìre a tha sin ach tha dlùth-cheangal agad ri sgìrean eile cuideachd. Mar sin dheth bha thu eòlach ann an àiteachan eile, nach robh?

[Anna] Tha tòrr ceangail agam ri sgìre Sear Rois agus cuideachd ri Muile agus Na Hearadh so tha teaghlach agam, 's air a bhith agam, anns gach àite ach chaidh mi dhan sgoil ann an Inbhir Nis so tha mi air a bhith ann an iomadh àite anns a' Ghàidhealtachd.

[Anna] Ach bhiodh tu a' tighinn 's a' falbh tric à Muile.

[Anna] Bhiodh, Muile gu h-àraidh nuair a bha mi òg 's nuair a bha mi san sgoil. 'S e sin far an deach m' athair a thogail agus bha mo sheanmhair fhathast ann nuair a bha i beò nuair a bha mi òg. Bhithinn a' dol ann a h-uile bliadhna aig àm na Càisge airson greiseag le mo pheathraichean agus gus na co-oghaichean agam fhaicinn cuideachd so bha e an-còmhnaidhmath, ùine air leth a bh' againn agus nuair a tha mi ann am Muile tha mi a' faireachdainn gu bheil mi dìreach nam dhachaigh fhèin ged nach deach mo thogail an sin.

[Anna] Tha ceangal, dlùth-cheangal, agad ri Muile. A' tighinn chun a' chiad leabhair agadsa, sin cuideachd stèidhichte ann an Earra-Ghàidheal ged as e suidheachadh gu math eadar-dhealaichte a th' ann. 'S e nobhail a th' ann.

[Anna] 'S e.

[Anna] Nobhail gu math dorcha. Eucoir a th' ann. Innis dhomh dè th' ann. Innis dhomh dè an leabhar a th' ann.

[Anna] 'S e a' chiad leabhar a thagh mi Morven Callar le Alan Warner. 'S e a' chiad leabhar a bh' aig Alan Warner a bh' ann, agus tha thu ceart. 'S e leabhar gu math dorcha a th' ann. Tha cuspairean gu math doirbh ann ach cuideachd 's e leabhar gu math….., tha tòrr phìosan èibhinn ann ged a tha an leabhar, cuspairean gu math dorcha ann cuideachd. 'S ann mu dheidhinn boireannach òg a dhùisg aig àm na Nollaig agus lorg i corp an duine aice. Bha esan air a bheatha fhèin a ghabhail san taigh agus dè na rinn ise às dèidh sin agus cha do rinn i 's dòcha rudeigin a chanainn a bha àbhaisteach. Thug i an corp agus gheàrr i suas an corp agus chaidh i suas beinn leis agus an uair sin às dèidh sin chleachd i airgead a bh' aig an duine fhèin airson pìos obrach a bha i air a sgrìobhadh gus dol air saor-làithean leis na caraidean aice.

[Anna] Dè tha thu a' dèanamh den charactar aig Morven? Dè seòrsa tè a th' innte?

[Anna] Tè a tha troimh-chèile, chanainn. Gu dearbh tha thu a' mothachadh gu bheil beatha neo-àbhaisteach air a bhith aice ach aig an aon àm 's e dìreach nighean òg a th' innte ann am baile beag Gàidhealach cuideachd, agus tha thu a' mothachadh sin, gu bheil tòrr rudan ann a tha, as aithne dhut fhèin, gu bheil ...

[Anna] An do dh'aithnich thu am baile? An do dh'aithnich thu an t-àite?

[Anna] Cha robh mi eòlach air an Òban nuair a leugh mi an leabhar ach bha mi ag aithneachadh tòrr rudan mu dheidhinn, bhon bheatha fhèin agam ann an Inbhir Nis agus dìreach bailtean beaga sa Ghàidhealtachd. Bha mi ag aithneachadh gun robh tòrr stuth ann a bha a' dèanamh ciall dhòmhsa. Gun robh fhios aig a h-uile duine air a h-uile duine eile agus gun robh, an dòigh bruidhinn a bh' aice, a th' aice anns an leabhar fiù 's.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!