FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Forestry work for the Highland emigrants Obair choilltearachd dha na h-eilthirich Ghàidhealach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Obair choilltearachd dha na h-eilthirich Ghàidhealach

[Dòmhnall] Bha na Leòdhasaich air an slighe gu taobh sear Quebec, dìreach air a' chrìch mar an robh Canada 's na Stàitean Aonaichte a-mach air a chèile. Bhiodh air a' cheann thall na coimhearsnachdan ris an canadh iad na Bailtean-An-Ear air àite cho Gàidhealach 's a bh' ann an Canada.

[Dòmhnall] Bha na sgìrean-sa air leth cudromach do riaghaltas Chanada 's an t-strì eadar iad fhèin agus na Stàitean Aonaichte mun fhearann, ach cha b' e na poilitigs sin idir a bha a' cur air eilthirich MhicMhathain no an fheadhainn eile a lean iad às dèidh sin.

[Aonghas Moireasdan] Thàinig iad a-nall air an eathar 's nuair a landaig iad ann an Quebec City chunnaic iad dè bha a’ fuireach riutha 's cha robh iad glè thoilichte. Cha robh càil ann ach coille. Nam biodh airgead aca bha iad air falbh air ais far an tàinig iad. 'S cha robh càil aca a ghearradh nan craobhan ach thug an government dhaibh làmhagain 's aon sàbh. Bha iad ag obair glè chruaidh.

[Dòmhnall] Bha iad air leth-cheud 's ceud acaire air a ghealltainn dhan chiad eilthirich. A rèir beul-aithris bhiodh iad a' tomhais na talmhainn leis an treas salm thar an fhichead. Dheigheadh duine ceithir thimcheall air an lot aige fhèin 's an salm ga seinn fhad 's a bhiodh e a' coiseachd. Bha fhios aige càite an stadadh e nuair a dheigheadh na h-uimhir dhan t-salm a sheinn. Ach bha na sailm cuideachd nan cofhurtachd spioradail dhaibh agus nan teisteanas air a' chreideamh a bh' aca. Bhiodh an dà chuid a dhìth anns a' choille dhlùith.

[Dòmhnall] Cha robh coltas sam bith aig na fhuair iad ri cluaintean glas an t-sailm ud.

[Mairead Bennett] Fhuair iad gealladh gun robh taigh air an talamh seo ach nuair a ràinig iad cha robh ach bothan 's bha sneachd a' tighinn tro na pìosan fiodha agus bha gaoth a' tighinn a-steach. Bha iad fuar. Ò bha e uabhasach, uabhasach cruaidh dhaibh.

[Mairead Bennett] Co-dhiù bha iad a' gearradh nan craobhan agus a' dèanamh achadh agus loisg iad an cuid pàirt dhe na craobhan a gheàrr iad agus bha iad a' dèanamh potash agus mar sin bha iad a' faighinn beagan airgid agus pìos air phìos, bliadhna às dèidh bliadhna rinn iad dìreach achadh às dèidh achadh. Ò bha e uabhasach doirbh dhaibh.

[Dòmhnall] Ach chaidh a' choimhearsnachd am meud tron chòrr den naoidheadh linn deug le tuilleadh eilthirich Ghàidhealach a' tighinn à Alba. Mar a bha riamh, bha nàbachd agus taic dha chèile bunaiteach dhaibh.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!