FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sci-fi book review Lèirmheas leabhar sci-fi

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Leugh Mi Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Leugh Mi

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Lèirmheas leabhar sci-fi

[Anna] Alasdair an toiseach. Buinidh tu dha Stepps mar a thuirt mi. ’S e àite gu math gallda a tha sin. Dè thug ort Gàidhlig ionnsachadh?

[Alasdair] Uill ann an Siorrachd Lannraig anns an do thog mi, tha tòrr mòr ainmean Gàidhlig air na h-ainmean-àite, mar An t-Àrd-Ruigh agus Cathair Ceann Tulaich ’s mar sin air adhart, agus cuideachd bha ùidh aig m’ athair ann an cànanan. Bha e gu math ioma-chànanach agus bha Gàidhlig, uill bha Gàidhlig gu leòr aige. Dh’ionnsaich e Gàidhlig agus bha beagan aige de Chòrnais ’s Cuimris ’s bha e fileanta ann an Esperanto cuideachd so bha mi a’ faireachdainn gun robh cànanan, agus gu sònraichte Gàidhlig, gu math cudromach.

[Anna] Agus dè seòrsa rud, dè seòrsa saoghail a bh’ agad ann an Stepps ’s tu ag èirigh suas?

[Alasdair] Ò uill bha sinn dìreach a’ fuireach air iomall Ghlaschu agus deagh bheatha agam an sin.

[Anna] Agus bha thu a’ bruidhinn air an t-seòrsa rud a thug buaidh ort - thug d’ athair buaidh ort - ach nuair a bha thu ag èirigh suas an tug e buaidh ort anns na bha thu a’ leughadh cuideachd?

[Alasdair] Thug. Bha ùidh mhòr aig m’ athair ann an sci-fi gu sònraichte agus bha leabhraichean mar sin daonnan againn aig an taigh agus cuideachd bhiodamaid a’ coimhead air fiolmaichean sci-fi agus so mar sin thog mise ùidh ann cuideachd.

[Anna] Agus chun an latha an-diugh am bi thusa a’ leughadh - tha teaghlach agad fhèin a-nise - an ceangal a tha sin eadar athair agus leanabh agus leughadh, a bheil sin anns an teaghlach agad?

[Alasdair] Tha gu dearbh, tha. Bidh sinn a’ leughadh leabhraichean ri chèile anns an taigh agus a bharrachd air sin tha dyslexia air mo nighinn agus chan eil e cho furasta dhi leabhraichean àbhaisteach a leughadh so uaireannan bidh sinn ga cuideachadh le bhith a’ leughadh rudan a-mach dhi agus cuideachd bidh sinn a’ faighinn leabhraichean air teip, mar gum biodh leabhraichean-claisneachd, air a son.

[Anna] Agus tha sin na chuideachadh dhi-se seach gu bheil duilgheadas aice le bhith a’ leughadh.

[Alasdair] Tha. Tha, agus tha i a’ dèanamh adhartas mean air mhean ach tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach san eadar-ama nach caill i na rudan cudromach a tha rim faighinn ann an leabhraichean ’s gum bi i eòlach air na leabhraichean a tha a h-uile duine eile a’ leughadh ’s a bruidhinn mu dheidhinn.

[Anna] Mar sin tha an ceangal aicese ris a’ chòrr. Nise tha sinn a’ dol air ais chun an dàimh a bh’ agad le d’ athair a thaobh sci-fi nuair a thig sinn chun a’ chiad roghainn agadsa. Nach innis thu dhuinn dè a’ chiad leabhar a tha thu air taghadh dhuinn a-nochd?

[Alasdair] Ok ma-thà uill ’s e a’ chiad leabhar a thagh mi'Slaughter House 5' le Kurt Vonnegut Junior. ’S e leabhar sci-fi gu math neo-àbhaisteach a th’ ann. ’S ann mu dheidhinn fear a tha air, tha am beatha aige air a dhol a-mach à òrdugh so an àite a h-uile rud a bhith a’ tachairt ann an sreath mar gum biodh tha e a’ tachairt ann an òrdugh gu math neònach, gu math tuairmseach mar gum biodh, gu math random, agus chan eil fhios aige dè tha a’ dol a thachairt a-nis.

[Anna] Nuair a tha thu ga leughadh tha e coltach ri iomradh air cuideigin a tha a’ fulang ri PTSD, nach eil? Agus bha ceangal ann ris a’ chogadh.

[Alasdair] Bha gu dearbha. Agus tha e a’ tòiseachadh anns a’ chogadh agus gu dearbha bha Kurt Vonnegut fhèin na shaighdear anns a’ chogadh agus bha e na phrìosanair cogaidh ann an Dresden anns a’ chogadh agus bha iad a’ fuireach mar phrìosanaich cogaidh ann an togalach air an robh 'Slaughter House 5' agus mar sin bha esan ann agus chunnaic e na bha a’ dol agus ’s ann rè a’ chogaidh a tha beatha a’ phrìomh charactair a’ dol caran neònach, Billy Pilgrim.

[Anna] Agus tha seo anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh, a’ bhuaidh a thug sin air a bheatha. Dè tha cho tarraingeach dhutsa mu dheidhinn an leabhair ’s an sgrìobhadh?

[Alasdair] Uill tha e gu math neo-loidhneach, no non-linear, mar gum biodh agus tha a h-uile càil a-mach à òrdugh agus cuideachd ged a tha rudan neònach a’ tachairt dhan duine, ’s e duine gu math àbhaisteach a th’ ann agus tha e a’ toirt ort a bhith a’ smaoineachadh air rudan mar saor-thoil, mar eisimpleir a bheil saor-thoil againn no a bheil a h-uile càil, a bheil thu cinnteach dè seòrsa rud a nì sinn mus dèan sinn sin, ’s tha e a’ togail tòrr mòr cheistean mar sin.

Chaidh am prògram seo, Leugh Mi, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!