FaclairDictionary EnglishGàidhlig

On the pasture Air an àirigh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Air an àirigh

[Coinneach MacAmhlaidh] Seadh. Chan eil guth ri ràdh. Tha thu air an àirigh.

[Ian M. MacLeòid] Tha.

[Coinneach MacAmhlaidh] Seo a-nis a’ chiad tè de na h-àirighean a th’ air a’ chuairt a tha dùil againne…

[Ian M. MacLeòid] Ò, seadh.

[Coinneach MacAmhlaidh] … aig a’ Chomann Eachdraidh a chur air dòigh.

[Ian M. MacLeòid] Dè an t-ainm air an tè-sa?

[Coinneach MacAmhlaidh] Àirigh a’ Bhùla. Agus an uair sin a-mach air seo an ath-thè a chì thu ‘s e Àirigh Nèill a-muigh ann an sin

[Ian M. MacLeòid] Air a’ bhealaich.

[Coinneach MacAmhlaidh] Agus a-rithist tha tè eile suas Àirigh Alasdair a th’ oirre. Agus mullach a’ ghlinne ann an sin tha, ‘s e Àirigh an Sgrith a th’ oirre.

[Ian M. MacLeòid] ‘S e.

[Coinneach MacAmhlaidh] Agus an uairsin tha dùil againn a dhol à sin a mhullach Rònail. Sin far a bheil a’ chuairt againn a’ tighinn gu crìoch.

[Ian M. MacLeòid] Seadh.

[Coinneach MacAmhlaidh] Bhiodh iad a’ toirt dhachaigh a’ bhainne…

[Ian M. MacLeòid] Ò bhiodh, bhiodh.

[Coinneach MacAmhlaidh] ... a h-uile latha. Tha mi a’ creidsinn ma bha iad cho faisg ri seo air a’ bhaile.

[Ian M. MacLeòid] Bhiodh.

[Coinneach MacAmhlaidh] Dè a-nis mar a bhiodh iad a’ toirt dhachaigh a’ bhainne?

[Ian M. MacLeòid] Bucaid. Bucaid fhiodha. Agus uill tha bruthach ann an siud. Cha bhiodh mòran bainne aca a’ ruighinn mura biodh dòigh aca air a chumail anns a’ bhucaid. ‘S e imideil a chanadh iad ris a’ bhucaid. Imbhuideal. Bha an uairsin bha craiceann aca a bha iad a’ cur air an imideil agus ‘s ann as an t-fhoghar ‘s anns a’ gheamhradh ‘s ann a bha iad ag ullachadh sin nuair a mharbhadh iad molt. Bha iad a’ sailleadh a’ chraicinn agus ‘s dòcha a’ cur almain air. An uairsin nuair a bha e bog chuireadh iad air uachdar an imideil e ‘s cheangaileadh iad a-staigh ann. ‘S e iolaman a chanadh iad ris a’ chraiceann a bha sin.

[Coinneach MacAmhlaidh] Iolaman.

Chaidh am prògram seo, Annlan, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!