FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New communities on the desolate prairie Coimhearsnachdan ùra air a' phrèiridh lom

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Na h-Eilthirich Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Na h-Eilthirich

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Coimhearsnachdan ùra air a' phrèiridh lom

[Dòmhnall] Às aonais a' Chanadian Pacific Railway (CPR) cha bhiodh an dùthaich mhòr fharsaing a bha seo air càil a dhèanamh dheth anns an t-saoghal a bha ag atharrachadh cho mòr. Airson a' chiad uair bha e cothromach siubhal bho chladach gu cladach, sear gu siar.

[Dòmhnall] Chaidh an CPR fhosgladh gu h-oifigeil ann an ochd deug ceithir fichead 's a sia. Cha robh a dhìth a-nise ach daoine a stèidheachadh air a' phrèiridh an cois na rèile. Thàinig cuid aca bho thuathan truagha taobh sear Chanada. Thigeadh càch às an Roinn Eòrpa agus far Gàidhealtachd na h-Alba, far an robh strì a-rithist eadar na daoine 's na h-uachdarain.

[Dòmhnall] Ann an ochd deug ceithir fichead 's a dhà chaidh an ceòl air ceòl air feadh na fìdhle an dèidh Blàr a' Bhràighe anns an Eilean Sgitheanach. Chaidh fearann a chreach thall 's a-bhos 's chaidh na saighdearan gu tuath. An ath-bhliadhna a-rithist chaidh Land League na Gàidhealtachd a stèidheachadh. Mu thoiseach nan ochdadan bha eaconomaidh na Gàidhealtachd air fàs na bu làidire. Bha àireamh an t-sluaigh air èirigh chun na h-ìre aig an robh e ron Ghort Mhòr. Ach le neart eacanomaigeach thàinig spionnadh ùr poilitigeach. Chuir seasamh nan croitearan na h-uachdarain fo eagal. Dh'fheumadh iad an tuath a chumail fo smachd agus 's e aon dòigh air sin a dhèanamh an cur a-null thairis.

[Dòmhnall] Dh'ionnsaich a' Bhean-Uasal Emily Gordon Cathcart an dreuchd bho a h-athair, a rinn fuadaichean cho uabhasach 's a bh' ann an Alba. Cha b' e a-mhàin oighreachd Uibhist a Deas a dh'fhàg e aice ach cuideachd a bheachdan tàireil air sluagh na tuatha.

[Crìsdean Dillon] Uill Lady Gordon Cathcart a' coimhead air na daoine gu math suarach. Bha i gu math dì-mheasail mu na daoine. Mar sin cha robh diù a' choin aice dhaibh. Cha robh iad, tha mi cinnteach, ann an iomadach dòigh fiù 's Crìosdail ann an dòigh sam bith. 'S e an dòigh a bhiodh aice-se air coimhead air sluagh Uibhist, chanainn-sa, an aon seòrsa dòigh 's a bh' aig, nuair a bha iad ag iarraidh na tràillean thall ann an Afraga, na daoine dubha a bha sin, dìreach gan slaodadh 's gan tilgeil air bòrd bàta. Bha iad na b' ìsle na na brùidean. Bhiodh barrachd meas aice air each no air a' chù.

[Dòmhnall] As t-earrach ochd deug ceithir fichead 's a trì phàigh an oighreachd airson leth-cheud eileanach a chur gu taobh siar Chanada 's lean dà cheud eile iad an ath-bhliadhna a-rithist. Bha iad a' dol a dh'àite air an robh Wapella, an teis-meadhan a' phrèiridh lom.

[Dòmhnall] Aig Eaglais an Naoimh Anndra ‘s e air a' phrèiridh faisg air Wapella fhuair sinn fàilte mhòr bho luchd nan eilthireach a thàinig an seo à Uibhist a Deas 's à Beinn na Faoghla.

[Dòmhnall] Rinn iad beatha dhaibh fhèin an seo, agus thog iad coimhearsnachd le an creideamh agus an eaglais na teis-meadhan.

[Seòras Mac a' Phearsain] George MacPherson.

[Dòmhnall] George, how are you?

[Màiri Anna Boardman] Bha sinn a' dràibheadh seachd mìle dhan eaglais a h-uile Didòmhnaich le eich. Mo sheanmhair 's ò a h-uile duine a bha a' dol dhan eaglais.

[Màiri Anna Boardman] Chaidh mo bhaptiseadh/bhaisteadh agus rinn mi a' chiad chommunion 's confirmation agus phòs mi anns an eaglais.

Chaidh am prògram seo, Na h-Eilthirich, a chraoladh an toiseach ann an 1999.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!