FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s mini Victoria sponges Na cèicean beaga Bhictoria aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Na cèicean beaga Bhictoria aig Màiri

[Màiri] Tha na greimeannan beaga seo cho furasta a dhèanamh. Tha a h-ochd unnsaichean flùir self-raising agam an seo agus a h-ochd unnsaichean siùcair caster a’ dol còmhla ris, a h-ochd unnsaicheanime. Tha a h-uile sìon dìreach ga bhualadh còmhla ann am bobhla. Ceithir uighean agus drùthag bheag vanilla, can ’s dòcha leth spàin tì. Agus tha mi a’ dol a bhualadh seo uile còmhla.

[Màiri] Agus tha treidhe bheag agam ann an seo.

[Màiri] Agus a-staigh dhan àmhainn airson ’s dòcha fichead mionaid aig teas ceud agus ceithir fichead.

[Màiri] Seo a-nis airson am buttercream. Tha naoi unnsaichean icing sugar agam ann an seo, dà unnsa gu leth ime agus spàin mhòr bainne agus chan eil ach a h-uile sìon a tha sin a’ dol còmhla a-rithist. Bheir seo greiseag bheag ga bhualadh còmhla, ’s dòcha còig mionaidean ga chur timcheall.

[Màiri] ’S chì sibh tha e a’ tighinn còmhla mar-thà.

[Màiri] Ged a tha an icing a tha seo sìmplidh, tha seo trom air do làmhan. Chì sibh tha e a’ fàs gu math soilleir a-nis... airson gum biodh dath an ime air idir. Mionaid no dhà eile. Tha mise a’ smaointinn gu bheil siud cha mhòr deiseil. Seo a-nis, siud am buttercream.

[Màiri] Faodaidh sinn na cèicichean a chur ri chèile. Ga gearradh na dhà agus rud beag silidh an toiseach agus an uair sin buttercream, pìos beag sùbh-làir agus seòrsa liod air a’ chèic agus ...

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!