FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meg Bateman in conversation with Donald Morrison Meg Bateman a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Meg Bateman a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

[Dòmhnall] Meg Bateman - òraidiche, feallsanaiche ’s tè de phrìomh bhàird Ghàidhlig ar latha. Meg, fàilte mhòr ort.

[Meg] Mòran taing.

[Dòmhnall] Gu dearbha. Bana-bhàrd. ’S e sin a th’ aig cridhe do bheatha cho fad ’s a tha luchd-amhairc a’ phrògraim-sa air an gabhail a-steach. ’S e bàrd a th’ annad gu poblach. An e sin an rud as cudromaiche na do bheatha?

[Meg] Uill bidh bàrdachd a’ tighinn ormsa ’s a’ falbh ’s bidh mìosan a’ dol seachad ’s nach bi mi a’ dol faisg oirre. Gu math tric bidh mi trang a’ teagaisg. Gach turas a thig mi a-staigh air an doras bidh mi a’ feuchainn gun a bhith a’ seasamh ann am mionach luchagan a bhios na cait air fhàgail, so tha tòrr a bharrachd na bàrdachd na mo bheatha ach tha mi cinnteach gur e pàirt chudromach a th’ ann dhi a dh’aindeoin sin.

[Dòmhnall] Leugh mi am bateigin thu ag ràdh gur e “safety valve” a bh’ ann ann am bàrdachd dhut.

[Meg] Tha mi an dùil gun robh mi a’ ciallachadh gun robh cothrom agam a bhith cruthachail na “safety valve”. Bha mi riamh ag iarraidh a’ chothrom sin agus saoilidh mi aig amannan na mo bheatha nuair a tha mi air a bhith a’ faireachdainn rudeigin ìosal ’s ann nuair nach robh cothrom agam a bhith cruthachail. ’S nuair a bha mi na mo dheugaire bha mi a’ faighinn leasanan piàno ’s bha mi gu mòr airson a bhith math air a’ phiàno a chionn ’s gu bheil ceòl a’ cur gach rud an cèill dhut. Cha leig thu leas cànan a chleachdadh agus tha mi an dùil gur e ceòl clasaigeach a tha mi fhathast a’ coimhead air mar an rud as motha a chuireas faireachdainnean an cèill agus bu toigh leam gu mòr a bhith ceòlmhor agus bha mi gu math duilich nuair a bha mi òg nach robh mi math air a’ phiàno. ’S mar sin nuair a ...

[Dòmhnall] Lìon bàrdachd a’ bheàrn a tha sin ann an dòigh, an do lìon?

[Meg] Agus tha rudan eile air a lìonadh. Bidh mi a’ peantadh ’s bidh mi fhathast a’ feuchainn ri ceòl.

[Dòmhnall] Seadh, ach ann a bhith ag ràdh sin ge-tà tha e follaiseach na do bhàrdachd gu bheil fulangas na do bheatha fhèin, nad eachdraidh ’s diofar rudan a’ tighinn a-mach ann an sin ’s tillidh sinn gu bhith a’ bruidhinn air sin. Tha cuimhne a’m bha mi eòlach ort nuair a bha mi ann an Oilthigh Obar Dheathain ’s bha thusa an uair sin a’ dèanamh PhD anns an oilthigh. Tha cuimhne a’m sinn a bhith a’ bruidhinn air bàrdachd turas agus mise ag ràdh riut nach b’ urrainn dhomhsa bàrdachd a sgrìobhadh ’s tha cuimhne a’m thu ag ràdh rium “cha do dh’fhuiling thu gu leòr fhathast, a Dhòmhnaill”.

[Meg] Tha mi an dòchas nach eil fhathast!

[Dòmhnall] An e fulangas …?

[Meg] A bheil thu ri bàrdachd fhathast?

[Dòmhnall] Chan eil! Chan eil. Tha mi air fuiling beagan ach chan eil mi ri bàrdachd idir. An e fulangas, bha Màiri Mhòr, nach robh Màiri Mhòr ag ràdh rudeigin mu dheidhinn gur e fulangas a thug a bàrdachd beò?

[Meg] Ò bha.

[Dòmhnall] “'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt, A thug mo bhàrdachd beò”.

[Meg] Tha sin ceart.

[Dòmhnall] A bheil tomhas fìrinn an sin?

[Meg] Dhomhsa b’ e. ’S e cothrom a bhith agam a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn rudan ann am bàrdachd nach b’ urrainn dhomh a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn os-àrd a chur gu bàrdachd mi agus saoilidh mi gur e eisimpleir Shomhairle a sheall gum b’ urrainn dhut a bhith a’ cur fulangas an cèill gun a bhith a’ faighinn fuasgladh. Gur e sin rud eile a chur gu bàrdachd mi.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!