FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The milk of highland cattle Bainne cruidh Ghàidhealtachd

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Bainne cruidh Ghàidhealtachd

[Ena NicNèill] Tha barrachd neirt ann am bainne crodh Gàidhealach na tha ann am bainne briodan eile. Tha barrachd uachdair ann. ’S dòcha nach eil uimhir aca ’s a th’ aig, can, Ayrshire, Jerseys ’s Friesians ach tha am bainne cus nas beairtiche. ’S am bainne a tha seo chan eil e air a phasteurise-adh ann. Nuair a tha iad air sin a dhèanadh air a’ bhainne tha iad a’ milleadh tòrr dhen bhiadh cheart a th’ ann, tha e a’ toirt air falbh na vitamins. Ach tha thu a’ faighinn a h-uile sìon nuair a tha thu a’ dèanadh a’ bhainne dìreach on bhoin.

[Ena NicNèill] Tha blàthach ann an sin cho snog ’s tha an t-ìm air leth. Ach tha mi dìreach ga chruinneachadh ri chèile. ’S gleidhidh mi, seo agad am blàthach, agus gleidhidh mi seo agus nì e fuine. Tha e math airson sgona a dhèanadh no faodaidh tu òl. Tha e glè mhath airson òl ’s pathadh air duine.

[Ena NicNèill] Feumaidh mi a h-uile sgath den bhlàthach a chur a-mach às an ìm airson ’s gum bi e brèagha buidhe. Feumaidh tu uisge fuar a chur air gus an tig e dheth glan. Airson ’s nach bi dath bainne air tuilleadh. Tha dath an ime uaireannan, a bharrachd air dè am briod a th’ anns a’ bhoin, tha dath an ime a’ sealltainn càite an robh a’ bhò ag ithe. Ma bhios iad shuas sa bheinn ’s ann a tha e uaireannan nas buidhe na bhios e a-bhos air a’ mhachair.

[Ena NicNèill] Cha robh e riamh cho furasta a dhèanamh ’s a tha e an-diugh agus tha e uabhasach duilich nach eil daoine ris. Tha e gu math tlachdmhor a’ dèanadh rud e fhèin ’s a bhith ag ithe biadh a tha thu fhèin air dèanamh. Agus tha fios gu bheil e nas fallaine dhuinn.

Chaidh am prògram seo, Annlan, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!