FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dwarf oats and jumbo oats Coirce beag is coirce mòr

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Coirce beag is coirce mòr

[Donnie Dòmhnallach] Chan eil mòran dhaoine a’ cur coirce anns an latha anns a bheil sinn beò an-diugh. Agus ’s e coirce beag a bha sinn a’ cur air an taobh seo dhe na Hearadh. Ach cha dèanadh tu min-choirce leis an fhear sin idir ach anns na Bàigh far an do rugadh mise agus far an robh m’ athair a’ fuireach nuair a bha e òg bha iad a’ cur mòran de choirce an uair sin. Coirce mòr a chanadh iad ris. Agus bhiodh iad a’ froiseadh. Nuair a bha m’ athair òg bhiodh iad a’ froiseadh a’ choirce agus a’ bleith. Tha cuimhne aige iad a bhith a’ bleith leis a’ bhrà agus bhiodh iad a’ dèanamh mòran de nithean leis. Bhiodh iad a’ dèanamh aran-coirce ‘s bhiodh iad a’ dèanamh lite agus pròs.

[Eoghann Mac Gill-Eain] A’ chiad char sa mhadainn ’s e an cleachdadh a bh’ aca, anns a’ Ghàidhlig agam-sa, a’ sgàladh na mine agus a’ cur gràinnean beag de shalann air. Agus tha e ann am bobhla mòr aca. Agus a’ cur truinnsear a dh’uachdar. Agus ga ghabhail ann an ceann leth-uair no sin. ‘S e sin an dòigh a bh’ aca agus bowl bainne còmhla ris aca.

[Niall MacLeòid] Cha robh e sèid idir agus mar sin bha thu ag ithe, tha mi a’ creidsinn gun robh thu ag ithe punnd de mhin-choirce na do sheasamh. Nam biodh tu a’ dèanamh lite leis an sin dhèanadh e deich cuachan no deich bobhlaichean ’s tha sin ag innse dhut na bha iad ag ithe. Agus ’s e an cleachdadh a bh’ ann, gu seachd àraidh aig a’ bhiadh mhaidhne, bha iad nan seasamh ag ithe biadh agus uill tha iad a’ ràdh gur e am poca a sheasas a ghabhas barrachd.

Chaidh am prògram seo, Annlan, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!